Marcus 13 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XIII. CAIB. Criosta g-innse leagail an teampuill, ʼs nan comharran a thigeadh roimh lathʼ a bhreitheanais. 1 ʼS nuair a bha e dol a mach as an teampull thuirt fear dhe dheisciopuil ris: A Mhaighistir, seall ciod iad na clachan, agus ciod e an t-aitreabh a thaʼn so. 2 Us fhreagair Iosa, us thuirt e ris: Bheil thu faicinn an aitreibh mhoir so uile? Cha n-fhagar clach air muin cloiche nach tilgear sios. 3 ʼS nuair a bha e ʼna shuidhe air sliabh Olibheit, mu chomhair an teampuill, chuir Peadar, us Seumas, us Aindris ceisd air a lethtaobh: 4 Innis dhuinn cuin a thachras na nichean sin? agus ciod an comharradh a bhios ann, nuair a thòisicheas na nichean sin uile riʼn coimhlionadh? 5 Us Iosa freagairt thòisich e ri radh riu: Seallaibh nach meall duine air bith sibh: 6 Oir thig moran na mʼ ainmse, a g-radh: Is mise e; agus meallaidh iad moran. 7 Agus nuair a chluinneas sibh cogaidhean, agus sgialan chogaidhean, na gabhaibh eagal: oir ʼs fheudar do na nichean sin tachairt: ach cha n-eil a chrioch ann fhathast. 8 Oir eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, agus rioghachd an aghaidh rioghachd, us bithidh crithean-talmhuinn feadh aiteachan, agus gorta. ʼSiad sin toiseach nan amhghar. 9 Ach seallaibhse ribh fhein. Oir liubhraidh iad seachad sibh do chomhairlean, agus sgiursar sibh sna sinagogan, agus seasaidh sibh air bialaobh uachdran us righrean as mo lethse, mar theisteanas dhaibh. 10 Us feumar an soisgeul a theagasg an toiseach feadh a h-uile cinnidh. 11 Agus nuair a bhios iad guʼr tarruinn leo, ʼs guʼr liubhairt seachad, na smaoinichibh air ciod a their sibh; ach an ni bheirear dhuibh san uair sin fhein, labhraibh: oir cha sibhse a tha labhairt, ach an Spiorad Naomh. 12 Agus liubhraidh brathair brathair gu bàs, agus an t-athair am mac; us eiridh clann an aghaidh am parantan, agus cuiridh iad gu bàs iad. 13 Agus bithidh fuath aig daoine uile oirbh as leth mʼ ainmse. Ach is esan a sheasas buan thun na crìche a bhios sabhailte. 14 Agus nuair a chi sibh grainealachd an leirsgrios ʼna seasamh far nach bu chòir dhi, am fear a leughas tuigeadh e: an sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudéa thun nam beann. 15 ʼS am fear a tha air mullach an tighe, na tearnadh e do ʼn tigh, ʼs na rachadh e stigh gu dad a thogail leis as a thigh; 16 ʼS am fear a bhitheas san achadh, na tilleadh e air ais gus ʼaodach a thoirt leis. 17 Ach mo thruaighe iadsan a tha lethtromach ʼsa toirt ciche sna laithean sin. 18 Ach guidhibh nach tachair iad so sa gheamhradh. 19 Oir anns na laithean sin bithidh amghairean ann nach robh an leithid ann bho thùs a chruthachaidh, a rinn Dia, gu so, ʼs nach bi. 20 Agus mur giorraicheadh an Tighearna na laithean sin, cha bhiodh feoil air bith tiaruinte: ach air son nan daoine taghte, a thagh e, giorraichidh e na laithean sin. 21 Agus an sin ma their neach air bith ribh: Seall, tha Criosta an so, seall, tha e ʼn sin, na creidibh. 22 Oir eiridh criostan-breige, agus faidhean-breige, us ni iad comharran agus beartan iongantach, gus, nam faodadh e bhith, na daoine taghte fhein a mhealladh. 23 Thugaibhse ma ta an aire: seall, dhʼinnis mi dhuibh gach ni roi-laimh. 24 Ach anns na laithean sin an deigh na trioblaide sin, thig dorchadas air a ghrein, ʼs cha toir a ghealach a solus. 25 Agus bithidh reultan neamh a tuiteam, agus gluaisear na cumhachdan a tha sna flathais. 26 Agus an sin chi iad Mac an duine tighinn sna neoil le cumhachd mhoir agus le gloir. 27 An sin cuiridh e ʼainglean a mach, us tionailidh e a dhaoine taghte bho na ceithir gaoithean bho iomall an talmhuinn gu iomall neamh. 28 A nis ionnsuichibh dubh-fhacal bhoʼn chraoibh-fhige. Nuair a bhios a miar a nis maoth, ʼsa chinneas an duilleach, tha fios agaibh gum beil an samhradh gle fhaisg: 29 Mar an ciadna sibhse, nuair a chi sibh na nichean so tachairt, tuigibh gu bheil e gle dhluth, seadh aig na dorsan. 30 Gu firinneach tha mi g-radh ribh nach teid an ginealach so seachad, gus an tachair so uile. 31 Theid neamh agus talamh thairis, ach cha teid mʼ fhacalsa thairis. 32 Ach air an latha no air an uair sin cha n-eil fios aig duine air bith, no aig na h-ainglean air neamh, no aig a Mhac, ach aig an Athair. 33 Thugaibh an aire, dianaibh faire agus urnaigh: oir cha n-eil fhios agaibh cuin a bhios an t-àm. 34 Mar dhuine a dol fad air astar a dhʼ fhag a thigh, ʼsa thug cumhachd dha sheirbhisich thairis air gach obair, ʼsa dhʼ àithn air an dorsair faire dhianamh. 35 Dianaibhse faire ma ta, (chionn ʼs nach eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an tighe: co dhiu ʼsann anamuch, no mu mhiadhon oidhche, no mu ghairm a choilich, no sa mhaduinn), 36 Eagal gun tig e gu h-obann, ʼs gum faigh e sibh ʼnur cadal. 37 Agus na tha mi cantuinn ribhse, tha mi cantuinn ri daoine uile: Dianaibh faire. |