Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 12 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XII. CAIB. Dubhfhacal an fhion-lios ʼs na tuatha. Còir Chésair air cis. Na Sadusaich air an diteadh. A chiad fhainte. Leth-fheoirlinn na bantraich.

1 Us thòisich e ri labhairt riu ann an dubhfhacail: Phlanntaich duine araid fion-lios, us chuir e gàradh; mu thimchioll, us chladhaich e amar-fiona, us thog e tùr, us shuidhich e air tuath e, us dhʼfhalbh e gu tir chein.

2 Agus chuir e seirbhiseach thun na tuatha san àm, los gum faigheadh e de thoradh an fhion-lios bhoʼn tuath.

3 ʼSa breith air, bhuail iad e, us chuir iad air falbh falamh e.

4 Agus a rithist chuir e gan ionnsuidh seirbhiseach eile; us lot iad sa cheann e, agus thug iad taire dha.

5 ʼSa rithist chuir e fear eile, ʼs mharbh iad e; agus moran eile: cuid dhiu sgiurs iad, ach cuid eile mharbh iad.

6 Ach fhathast bha aona mhac ro-ghradhach aige, agus mu dheireadh uile chuir e esan gan ionnsuidh, a g-radh: Bheir iad athadh dha mʼ mhac.

7 Ach thuirt an tuath ri cheile: Se so an t-oighre: thigibh, marbhamaid e; agus bithidh an oighreachd againn fhein.

8 ʼSa breith air, mharbh iad e; us thilg iad a mach as a ghàradh-fhiona e.

9 Ciod ma ta a ni tighearna a ghàraidh-fhiona? Thig e, agus sgriosaidh e an tuath sin; agus bheir e ghàradh-fiona do dhʼfheadhainn eile.

10 Nach do leugh sibh an sgriobtur so: A chlach a dhiult na clachairean, rinneadh clach-chinn na h-oisinn di:

11 Leis an Tighearna rinneadh so, ʼs tha e iongantach ʼnar suilean?

12 Agus dhʼiarr iad a ghlacadh, ach bha eagal an t-sluaigh orra: oir bʼaithne dhaibh gum bʼann muʼn deidhinn fhein a labhair e an dubhfhacal so. Agus ga fhagail, dhʼfhalbh iad.

13 Us chuir iad ga ionnsuidh cuid de na Phairisich, agus de luchd-leanmhuinn Heroid, fiach an glacadh iad e ʼna chainnt.

14 Thainig iadsan, us thuirt iad ris: A Mhaighistir, tha fios againn gur duine firinneach thu, ʼs nach eil eisimeil agad ri duine air bith: oir cha sheall thu air pearsa dhaoine, ach tha thu teagasg slighe Dhe am firinn. Bheil e ceadaichte cis a thoirt do Chésar, no nach toir sinn i?

15 Thuig esan am foill, us thuirt e riu: Car-son tha sibh gam bhuaireadh? faraibh dhomh sgilinn gus am faic mi i.

16 Agus thug iad dha i. Us thuirt e riu: Co leis an iomhaigh so, ʼs an sgriobhadh? Thuirt iad ris: Le César.

17 Us Iosa freagairt, thuirt e riu: Thugaibh ma ta do Chésar na bhuineas do Chésar; ʼs do Dhia na bhuineas do Dhia. Agus ghabh iad iongantas as.

18 Agus thainig na Sadusaich ga ionnsuidh, a tha cantuinn nach eil aiseirigh ann; us dhʼfharraid iad dheth, a g-radh:

19 A mhaighistir, sgriobh Maois dhuinn, ma gheobh brathair duine bàs, ʼs gum fag e bean, ʼs nach fhag e clann, gabhadh a bhrathair a bhean, ʼs togadh e sliochd dha bhrathair.

20 A nis bha seachdnar bhraithrean ann: ʼs ghabh a chiad fhear bean, agus chaochail e gun sliochd fhagail.

21 Agus ghabh an darna fear i, agus chaochail esan; ʼs cha mhua dhʼfhag e sliochd. Agus an treas fear mar an ciadna.

22 Agus mar sin ghabh an t-seachdnar i; ʼs cha dʼfhag iad sliochd. ʼNan deigh uile dhʼeug am boirionnach fhein.

23 Anns an aiseirigh ma ta, nuair dhʼeireas iad, co dhiu sin dhaʼm bi i ʼna mnaoi? oir bha i ʼna mnaoi aig an t-seachdnar.

24 Agus fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Nach eil sibh gu beachd a dol mearachd a thaobh so le cion eolais air na sgriobturan, ʼs air cumhachd Dhe?

25 Oir nuair a dhʼeireas iad bho na mairbh, cha phos iad, ʼs cha mhua phosar iad, ach tha iad mar na h-ainglean sna flathais.

26 Agus a thaobh aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an leabhar Mhaois, mar a labhair Dia ris anns a phreas, a g-radh: Is mise Dia Abrahaim, agus Dia Isaic, agus Dia Iacoib?

27 Cha Dia nam marbh e, ach nam beo. Tha sibhse uime sin dol fada mearachd.

28 Us thainig fear de na Sgriobhaich, a chual iad a consachadh, ʼsa faicinn gur math a fhreagair e iad, dhʼ fharraid e dheth co bʼi a chiad fhainte dhiu uile.

29 Us fhreagair Iosa e: Gum bʼ i chiad fhainte dhiu uile: Eisd, Israel: is aon Dia an Tighearna do Dhia:

30 Agus bheir thu gaol doʼn Tighearna do Dhia le tʼuile chridhe, agus le tʼuile anam, agus le fuile inntinn, agus le tʼ uile neart. Se so chiad fhainte.

31 Agus tha an darna fainte coltach rithe: Bheir thu gaol dha do choimhearsnach mar dhut fhein. Nas mua na iad so cha n-eil fainte eil ann.

32 Us thuirt an sgriobhach ris: Is math, a Mhaighistir, a labhair thu an fhirinn, gum beil aon Dia ann, ʼs nach eil ann ach e;

33 ʼS gur e gaol thoirt da leis an uile chridhe, ʼs leis an uile anam, ʼs leis an uile inntinn, agus leis an uile neart; agus gaol a thoirt do choimhearsnach mar do dhuine fhein, is mua na gach iobairt uile-loisgte agus tobhartas eile.

34 Agus Iosa faicinn, gur glic a fhreagair e, thuirt e ris: Cha n-eil thu fada bho rioghachd Dhe. Us bho sin suas cha robh chridhe aig duine ceisd a chur air.

35 Us thuirt Iosa, ʼs e freagairt nuair bha e teagasg san teampull: Ciamar tha na Sgriobhaich a cantuinn gur e Criost mac Dhài?

36 Oir tha Dài fhein a cantuinn leis an Spiorad Naomh: Thuirt an Tighearna ri mo Thighearna, suidh air mo laimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean ʼnan stol-chas dhut.

37 Tha Dài fhein ma ta a cantuinn a Thighearna ris, agus ciamar ma ta is e a mhac? Us dhʼeisd moran sluaigh ris gu deonach.

38 Us thuirt e riu ʼna theagasg: Thugaibh an aire oirbh fhein bho na Sgriobhaich leis an toil imeachd an culaidhean fada, agus furan fhaighinn air a mhargadh,

39 Agus suidhe air na ciad chathraichean anns na sinagogan, ʼs air na ciad shuidheachain aig suipeirean:

40 A shluigeas tighean bhantrach air sgàth urnaighean fada: gheobh iad sin binn nas cruaidhe.

41 ʼS nuair a bha Iosa ʼna shuidhe mu choinneamh tasgaidh an iuntais, chunnaic e mar bha ʼn sluagh a tilgeadh airgid san tasgaidh, agus thilg moran de dhaoine beartach na h-uibhir innte.

42 Agus thainig bantrach bhochd, us chuir i dà leth-fheoirlinn, se sin fairdein, innte.

43 ʼSa gairm a dheisciopul, thuirt e riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, gun do chuir a bhantrach bhochd so tuilleadh na iadsan uile, a chuir anns an tasgaidh.

44 Oir ʼsann bho am mor-phailteas a chuir iadsan uile ann; ach ʼsann bho h-uireasuidh a chuir ise, gu ruig a tiochd-an-tir air fad.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan