Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 10 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


X. CAIB. Cha n-fhaodar snaim a phosaidh fhuasgladh; cunnart beartais; uaill-mhiann mic Shebede; a fhradharc air a thoirt do dhall.

1 ʼSa g-eirigh as a sin, thainig e gu criochan Iudéa air taobh thall Iordain; agus chruinnich sluagh a rithist ga ionnsuidh; agus mar a bʼabhuist da, theagaisg e rithist iad.

2 ʼS na Phairisich a tighinn ga ionnsuidh, dhʼfharraid iad dheth: Bheil e laghail do dhuine a bhean chur air falbh? ʼs iad ga bhuaireadh.

3 Ach esan a freagairt, thuirt e riu: Ciod a dhʼàithn Maois oirbh?

4 Thuirt iad: Thug Maois cead litir-dhealachaidh sgriobhadh, ʼsa cur air falbh.

5 Thuirt Iosa gam freagairt: ʼS ann air son cruas ur cridhe a sgriobh e dhuibh an reachd so.

6 Ach bho thùs a chruthachaidh rinn Dia iad firionn us boirionn.

7 Air son so fagaidh duine athair agus a mhathair, us dluth-leanaidh e ri mhnaoi;

8 Agus bithidh an dithis ʼnan aon fheoil. As leth sin cha dithis iad a nis, ach aon fheoil.

9 An ni ma ta a cheangail Dia, na fuasgladh duine.

10 Agus anns an tigh chuir a dheisciopuil ceisd air a rithist muʼn ni chiadna.

11 Us thuirt e riu: Co sam bith a chuireas air falbh a bhean, ʼsa phosas té eile, tha e dianamh adhaltrais na h-aghaidh.

12 ʼS ma chuireas bean air falbh a fear, ʼs fear eile phosadh, tha i dianamh adhaltrais.

13 Agus thug iad clann bheag ga ionnsuidh, los gum beanadh e dhaibh. Us bha na deisciopuil a maoitheadh air an fheadhainn a bha gan toirt.

14 Nuair chunnaic Iosa iad, ghabh e gu h-olc e, us thuirt e riu: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidhse, agus na bacaibh iad: ʼs gur ann dha ʼn leithidean a bhuineas rioghachd Dhe:

15 Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: Co sam bith nach glac rioghachd Dhe mar leanabh beag, nach teid e a stigh innte.

16 Us ghlac e ʼna uchd iad, ʼsa cur a lamhan orra, bheannaich e iad.

17 ʼS nuair a dhʼfhalbh e mach air a thurus, thainig duine araid ʼna ruith, ʼsa dol air a ghluinean air a bhialaobh, dhʼfharraid e dheth, a g-radh: A Mhaighistir mhath, ciod a ni mi gus a bheatha shiorruidh a chosnadh?

18 Us thuirt Iosa ris: Car-son a tha thu cantuinn math riumsa? cha n-eil aon air bith math, ach Dia ʼna aonar.

19 Is aithne dhut na faintean: Na dian adhaltras: Na dian marbhadh: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige: Na dian mealltaireachd: Thoir onair dha tʼ athair us dha dʼ mhathair.

20 Ach esan a freagairt, thuirt e ris: A Mhaighistir, iad sin uile chum mi bho mʼ oige.

21 Agus Iosa a g-amharc air, thug e gaol da, us thuirt e ris: Tha aon ni a dhith ort: falbh, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan e, agus bithidh iuntas agad am flathanas; us thig, lean mise.

22 Ach bha duilichinn airse as leth an fhacail, us dhʼ fhalbh e gu tuirseach: oir bu duine e aig an robh moran saibhreis.

23 Agus Iosa a coimhead mu thimchioll, thuirt e ri dheisciopuil: Nach duilich do dhuine beartach dol a stigh do rioghachd Dhe!

24 Us ghabh a dheisciopuil iongantas á bhriathran. Ach Iosa freagairt a rithist, thuirt e riu: A chlann bheag, nach duilich dhaibhse, a chuireas uigh am beartas, dol a stigh do rioghachd Dhe!

25 Is fhasa do chamhal dol tromh chrò snathaid, na do dhuine beartach dol a stigh do rioghachd Dhe.

26 Us ghabh iad am barrachd ioghnaidh, a g-radh ri cheile: Agus co is urrainn a bhith sabhailte?

27 Agus thuirt Iosa, ʼs e g-amharc orra: Tha so do-dhiante do dhaoine, ach cha n-eil do Dhia: oir tha h-uile ni an comas Dhe.

28 Agus thòisich Peadar air radh ris: Seall, dhʼfhag sinn a h-uile ni, agus lean sinn thu.

29 Us thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: cha n-eil neach air bith a dhʼfhagas tigh, no braithrean, no peathraichean, no athair, no mathair, no clann, no fearann, as mo lethse, agus as leth an t-soisgeil,

30 Nach fhaigh a chiad urad a nis san tim so fhein, tighean, agus braithrean, us peathraichean, us mathraichean, us clann, us fearann, am measg gheur-leanmhuinn, agus a bheatha shiorruidh san ath shaoghal.

31 Ach tha moran air thoiseach a bhitheas air dheireadh, ʼs air dheireadh a bhitheas air thoiseach.

32 Agus bha iad air an rathad a dol suas gu Ierusalem; agus dhʼimich Iosa rompa, us bha ioghnadh orra; us ga leanail bha fiamh orra. Agus ghabh e rithist na dhà-dhiag, agus thòisich e ri innse dhaibh na bha dol a thachairt dha.

33 Seall, tha sinn dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine do na h-ard-shagairt, ʼs do na Sgriobhaich, ʼs do na seanairean, agus ditidh iad e gu bàs, agus bheir iad seachad do na cinnich e;

34 Us ni iad fanaid air, agus caithidh iad smugaidean air, agus sgiursaidh iad e; agus marbhaidh iad e, agus eiridh e air an treas latha.

35 Us thainig Seumas agus Eoin, mic Shebede, ga ionnsuidh, a g-radh: A Mhaighistir, is aill leinn gun dian thu dhuinn ni air bith a dhʼ iarras sinn.

36 Ach thuirt esan riu: Ciod is aill leibh mi dhianamh dhuibh?

37 Us thuirt iad: Deonaich dhuinn gun suidh sinn, fear againn air do laimh dheis ʼs am fear eile air do laimh chli, na dʼ ghloir.

38 Us thuirt Iosa riu: Cha n-eil fhios agaibh ciod tha sibh a g-iarraidh: an urrainn duibh a chailis ol, a tha mise dol a dhʼol, no bhith air ur baisteadh leis a bhaisteadh leis am beil mise ri mʼ bhaisteadh?

39 Us thuirt iad ris: Is urrainn duinn. Us thuirt Iosa riu: Olaidh sibh gu dearbh a chailis, a tha mise dol a dhʼ ol; agus baistear sibh leis a bhaisteadh leis a bheil mise ri mʼbhaisteadh:

40 Ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gu thoirt dhuibh, ach dhaibhse dhaʼn deach uidheamachadh.

41 Us nuair a chual an deichnear so, thòisich iad ri bhith diumbach de Sheumas ʼs de Eoin.

42 Ach Iosa gan gairm, thuirt e riu: Is aithne dhuibh gum beil acasan, air a bheileas a coimhead mar riaghladairean air na cinnich, ard-thighearnas orra: ʼs gum beil cumhachd aig am prionnsaichean thairis orra.

43 Ach cha n-ann mar sin a bhios ʼnur measgsa: ach co sam bith leis am miann a a bhith air thoiseach ʼnur measg, bithidh e ʼna fhear-frithealaidh dhuibh.

44 Us co sam bith leis an aill a bhith air thoiseach ʼnur measg, bithidh e ʼna sheirbhiseach agaibh uile.

45 Oir cha tainig Mac an duine e fhein los gun diante frithealadh dha, ach gu frithealadh, ʼs gus a bheatha leigeil sios ʼna h-eirig air son morain.

46 Agus rainig iad Iericho; ʼs nuair bha esan ʼsa dheisciopuil agus cuideachda ro-mhor a falbh, bhaʼn dall Bartimeus, mac Thimeiuis ʼna shuidhe ri taobh an rathaid, a g-iarraidh deirce.

47 ʼS nuair chual e gur e Iosa bho Nasareth a bhʼann, thòisich e ri glaodhach ʼs ri radh: Iosa, a Mhic Dhài, dian trocair orm.

48 Us mhaoith moran air, fiach am biodh e samhach. Ach ʼsann bu mhua gu mor a ghlaodh e: A Mhic Dhài, dian trocair orm.

49 Agus sheas Iosa, us dhʼ orduich e a ghairm. Agus ghairm iad an dall, a cantuinn ris: Biodh sith inntinne agad: eirich, tha e ga dʼ iarraidh.

50 ʼSa tilgeadh bhuaithe fhalluinne, thainig e ʼna leum ga ionnsuidh.

51 Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Ciod is aill leat mi dhianamh dhut? Us thuirt an dall ris: A Rabboni, gum faic mi.

52 Us thuirt Iosa ris: Falbh, rinn do chreideamh slan thu. Agus sa cheart uair chunnaic e, us lean e e air an t-slighe.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan