Marcus 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875I. CHAIB. Teagasg Eoin Baiste: Criosta air a bhaisteadh leis: Criosta a gairm a dheisciopul, ʼsa dianamh moran mhiarailtean. 1 Toiseach soisgeul Iosa Criosta, Mac Dhe. 2 Air reir ʼs mar tha e sgribhte san fhaidh Isaias: Seall, cuiridh mi mʼaingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad. 3 Guth neach a g-eigheach san fhasach: Reitichibh slighe an Tighearna, agus dianaibh aisridhean direach. 4 Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, ʼsa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan. 5 Agus chaidh duthaich Iudéa uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, us bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain a g-aideachadh am peacannan. 6 Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, us crios leathrach mu leasraidh; agus dhʼich e locuist us mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e, a g-radh: 7 Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn am dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios us bariall a bhrogan fhuasgladh. 8 Bhaist mise sibh le uisge; ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh. 9 Us thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin an Iordan. 10 ʼS air ball a direadh as an uisge, chunnaic ʼe neamh fosgailte, ʼs an Spiorad mar chalman a tearnadh ʼsa fantuinn air. 11 Agus thainig guth bho neamh: Is tusa mo Mhac gaolach, is mor mo thlachd dhiot. 12 Agus ghrad-ghreas an Spiorad e doʼn fhasach. 13 Agus bha e san fhasach dà-fhichead latha, agus dà-fhichead oidhche; us bhuaireadh le Satan e; ʼs bha e comhla ris na h-ainmhidhean, agus bha na h-ainglean a frithealadh dha. 14 ʼS an deigh do dhʼ Eoin a bhith air a liubhairt seachad, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe, 15 ʼSa g-radh: Thaʼn t-àm air a choimhlionadh, ʼs tha rioghachd Dhe aig laimh; gabhaibh aithreachas, agus creidibh san t-soisgeul. 16 ʼSa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon, agus Aindris a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir bʼiasgairean iad), 17 Agus thuirt Iosa riu: Thigibh am dheighse, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh. 18 Agus ghrad-dhʼfhag iad na lìn, us lean iad e. 19 ʼSa gabhail as a sin ceum beag air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eoin a bhrathair, ʼs iad a caradh nan lion san t-saghach: 20 Agus ghairm e iad san uair. ʼSa fagail an athar Sebede maille ris an luchd-thuarasdail san t-saghach, lean iad e. 21 Agus chaidh iad a stigh do Chapharnaum; agus air dha dol a stigh gun dail air na laithean sàbaide doʼn t-sinagog, theagaisg e iad. 22 Agus ghabh iad ioghnadh ri theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, ʼs cha n-ann mar na Sgriobhaich. 23 Agus bha san t-sinagog aca duine anns an robh spiorad neoghlan, us dhʼeigh e, 24 A g-radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? an tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe. 25 Us mhaoith Iosa air, a g-radh: Bi ad thosd, agus gabh mach as an duine. 26 ʼS an spiorad neoghlan ga riabadh, ʼsa g-eigheach le guth ard, chaidh e mach as. 27 Agus ghabh iad uile iongantas, ionnus gun dʼfharraid iad ʼnam measg fhein, a g-radh: Ciod e so? ciod e an teagasg ùr so? oir tha e toirt orduigh le cumhachd do na spioraid neoghlan fhein, agus tha iad umhailt dha. 28 Agus sgaoil iomradh air gun dàil feadh duthaich Ghalile uile. 29 ʼSa dol a mach air ball as an t-sinagog, thainig iad maille ri Seumas us Eoin gu tigh Shimoin us Aindris. 30 Agus bha mathair-cheile Shimoin ʼna laidhe ann an teasaich; agus dhʼinnis iad dha gun dàil mu deidhinn. 31 Agus thainig e, ʼsa breith air laimh oirre thog e i; us ghrad-dhʼfhag an teasach i, agus fhreasdail i dhaibh. 32 ʼS nuair thainig am feasgar, ʼsa chaidh a ghrian fodha, thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach, agus anns an robh deomhain. 33 ʼS bha am baile uile air cruinneachadh aig an dorus. 34 Agus leighis e moran, a bha air an leireadh le iomadh gné ghalar, agus thilg e mach moran dheomhan, ʼs cha do leig e leo labhairt, a chionn ʼs gum bʼaithne dhaibh e. 35 ʼSa g-eirigh ro-mhuch, ʼsa dol a mach, chaidh e gu aite fàs; us rinn e urnaigh an sin. 36 Agus lean Simon e, agus iadsan a bha cuide ris. 37 ʼS nuair a fhuair iad e, thuirt iad ris: Tha iad uile ga dʼ shireadh. 38 Us thuirt e riu: Rachamaid do na bailtean ʼs na caithrichean sa choimhearsnachd, gus an searmonaich mi an sin cuideachd: ʼs gur ann h-uige so a thainig mi. 39 ʼS bha e teagasg ʼnan sinagogan, ʼs feadh Ghalile uile, ʼsa tilgeadh mach dheomhan. 40 Agus thainig lobhar ga ionnsuidh, a guidhe air; ʼsa tuiteam air a ghluinean, thuirt e ris: Ma ʼs aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh. 41 ʼSa gabhail truais ris, shìn Iosa a lamh, ʼsa beantuinn da, thuirt e ris: Is aill: bi glan. 42 ʼS nuair thuirt e so, ghrad-dhʼfhag an luibhre e, agus bha e air a ghlanadh. 43 ʼS thug e sparradh cruaidh dha, agus leig e air falbh e gun dàil; 44 ʼS thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach air bith: ach falbh, fiach thu fhein doʼn ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nichean a dhʼorduich Maois, mar theisteanas dhaibh. 45 Ach air dhasan dol a mach, thòisich e ri innse, ʼs ri sgaoileadh an sgeoil; air chor ʼs nach bʼurrainn e nis dol a stigh doʼn bhaile gu follaiseach, ach dhʼfhuirich e mach ann an aitean fàs, agus thionail iad as gach aite ga ionnsuidh. |