Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 9 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


IX. CAIB. Criosta cur ʼostal air an adhart: a riarachadh choig mile le coig builionnan: a caochladh cruth: ʼsa cur a mach deomhain.

1 An sin a gairm ri cheile an dà ostal dhiag, thug e cumhachd agus ughdaras dhaibh thairis air na deomhain gu leir, us air easlaintean a leigheas.

2 Agus chuir e iad a theagasg rioghachd Dhe, ʼsa leigheas dhaoine tinne.

3 Us thuirt e riu: Na tugaibh dad leibh air an t-slighe, no bata, no màla, no aran, no airgiod, ʼs na biodh dà chota agaibh.

4 Agus tigh air bith san teid sibh a stigh, fanaibh an sin ʼs na rachaibh as.

5 Agus co sa bith nach gabh ribh, air dhuibh dol a mach as a bhaile sin, crathaibh dhibh duslach ur casan, mar theisteanas ʼnan aghaidh.

6 Agus air dol a mach dhaibh, thug iad cuairt feadh nam bailtean a searmonachadh an t-soisgeil, ʼsa leigheas anns gach aite.

7 A nis chuala Herod an tetrarc mu na nichean sin uile a rinneadh leis, agus bha e ann an teagamh, a chionn ʼs gun deach a radh le cuid:

8 Gun dʼeirich Eoin bho na mairbh; ach le cuid eile: Gun tainig Elias; ʼs le cuid eile: Gun dʼ eirich fear de na seann fhaidhean a rithist.

9 Us thuirt Herod: Thug mise an ceann dhe Eoin: ach co e so mu bheil mi cluinntinn leithid de nichean? Agus bha e an geall air fhaicinn.

10 ʼS nuair a thill na h-ostail, dhʼinnis iad dha gach uile ni a rinn iad; agus gan toirt leis chaidh e lethtaobh gu aite fàs, a tha faisg do Bhethsaida.

11 Nuair thuig an sluagh so, lean iad e; agus ghabh e riu, us labhair e riu mu rioghachd Dhe, agus leighis e iadsan, a bha am feum leighis.

12 Ach thòisich an latha air tarruinn gu deireadh. Agus thainig na dhà-dhiag, us thuirt iad ris: Cuir an sluagh air falbh, los, a siubhal do na bailtean agus do ʼn duthaich mun cuairt, gum faigh iad fardach agus biadh: oir tha sinn an so an aite fàs.

13 Us thuirt e riu: Thugaibh fhein biadh dhaibh. Ach fhreagair iadsan: Cha n-eil againn tuilleadh na coig builionnan, agus dà iasg: nas lugha na theid sinn ma dhʼ fhaoidte us biadh a cheannach do ʼn t-sluagh so uile.

14 Oir bha iad mun cuairt do choig mile fear. Us thuirt e ri dheisciopuil: Thugaibh orra suidhe sios lethchiad ʼs gach buidhinn.

15 Agus rinn iad mar sin. Agus thug iad orra uile suidhe sios.

16 Agus ghlac e na coig builionnan ʼs an dà iasg, ʼsa sealltuinn suas gu neamh bheannaich e iad: agus bhrist e, us thug e dha dheisciopuil iad, gus an cur air bialaobh an t-sluaigh.

17 Us dhʼith iad uile, agus riaraicheadh iad. Agus thogadh dà chliabh dhiag de na pronnagan, a bha dhʼfhuighleach aca.

18 Us thachair, nuair a bha e ri urnaigh leis fhein, gun robh a dheisciopuil cuideachd maille ris; agus dhʼfharraid e dhiu, a g-radh: Co a tha an sluagh a cantuinn is mi?

19 Ach fhreagair iad, agus thuirt iad: Eoin Baiste; ach cuid, Elias; us cuid eile, gun dʼeirich a rithist fear de na faidhean a bha ann bho shean.

20 Us thuirt esan riu: Ach co tha sibhse g-radh is mi? Fhreagair Simon Peadar, a g-radh: Criosta Dhe.

21 Ach dhʼorduich e dhaibh le sparradh cruaidh, gun iad a dhʼinnse so do neach air bith:

22 Oir feumaidh, os esan, Mac an duine moran fhulang, ʼsa bhith air a dhiultadh leis na seanairean, agus leis na h-ard-shagairt, agus leis na Sgriobhaich, ʼsa bhith air a chur gu bàs, agus eirigh a rithist an treas latha.

23 Us thuirt e riu uile: Ma ʼs aill le neach sam bith tighinn am dheighse, aicheadh e e fhein, agus togadh e a chrois a h-uile latha, agus leanadh e mi.

24 Oir an neach leis an aill a bheatha thiarnadh, caillidh e i: oir an neach a chailleas a bheatha air mo shonsa, tiarnaidh e i.

25 Oir dé ʼs fheairde duine an saoghal a chosnadh gu leir, ma chailleas e e fhein, no ma bheir e sgrios air fhein?

26 Oir an neach a ghabhas naire asamsa us á mo bhriathran, gabhaidh Mac an duine naire as-san, nuair a thig e ʼna mhoralachd, ʼs am moralachd Athar, ʼs nan ainglean naomh.

27 Agus tha mi g-innse dhuibh le firinn: Tha cuid ʼnan seasamh an so, nach blais bàs, gus am faic iad rioghachd Dhe.

28 Us thachair, mu thimchioll ochd latha an deigh nam briathran so, gun tug e leis Peadar, us Seumas, us Eoin, ʼs gun deach e suas gu beinn a dhianamh urnaigh.

29 ʼS nuair a bha e ri urnaigh dhʼ atharraicheadh snuadh a ghnuis; us dhʼfhàs eideadh geal us dealrach.

30 Agus, seall, bha dithis dhaoine a labhairt ris. Us bʼiad Maois agus Elias,

31 A chunnacas ann am mor-ghloir; ʼs bha iad a labhairt mu bhàs, a bha e dol a choimhlionadh ann an Ierusalem.

32 Ach bha Peadar us iadsan, a bha cuide ris, ʼnan trom-shuain. ʼSa dusgadh chunnaic iad a ghloir, ʼs an dithis dhaoine a bha an taice ris.

33 Agus thachair, nuair bha iad a dealachadh ris, gun tuirt Peadar ri Iosa: A Mhaighistir, is math dhuinn a bhith an so; us dianamaid tri paillionan, a h-aon dhutsa, ʼsa h-aon do Mhaois, ʼsa h-aon do Elias: gun fhios aige ciod a bha e g-radh.

34 Bha e fhathast a bruidhinn, nuair thainig nial, a chuir sgàile orra; us ghabh iad eagal, nuair chaidh iad a stigh san nial.

35 Agus thainig guth as an nial, a g-radh: Se so mo Mhac ionmhuinn; eisdibh ris.

36 ʼS nuair a labhradh an guth, fhuaras Iosa leis fhein. Us dhʼfhan iadsan samhach, agus cha dʼinnis iad sna lài sin do dhuine aon ni dhe na chunnaic iad.

37 Agus thachair an ath latha, ʼs iad a tearnadh bho ʼn bheinn, gun do choinnich moran sluaigh e.

38 Agus, seall, dhʼeigh fear am measg an t-sluaigh, a g-radh: A mhaighistir, guidheam ort, seall air mo mhac, ʼs gur e mʼ aon mhac e.

39 Agus, seall, tha spiorad ga ghlacadh, ʼs tha esan san uair a toirt ràin as, ʼs ga thilgeil ri talamh tha e ga stroiceadh us cop mu bhial; agus is gann a sguireas e ga riasladh:

40 Agus dhʼiarr mi air do dheisciopuil a thilgeadh a mach, ʼs cha bʼurrainn daibh.

41 Agus thuirt Iosa, ʼs e freagairt: O ghinealaich ana-chreidich agus choirbte, cia fhad a bhios mi maille ribh, ʼsa chuireas mi suas ribh? Thoir an so do mhac.

42 ʼS nuair a bha e tighinn ga ionnsuidh, thilg an deomhan sios e, agus riab e e.

43 Agus chronaich Iosa an spiorad neoghlan, agus leighis e an gille, agus thug e dha athair e.

44 Us ghabh iad uile iongantas á moralachd Dhe; ach nuair a bha iad uile lan ioghnaidh as na nichean uile, a rinn e, thuirt e ri dheisciopuil: Gleidhibh na briathran so ʼnur cridheachan: oir tachraidh, gun liubhrar Mac an duine do lamhan dhaoine.

45 Ach cha do thuig iad am facal so, agus bha e am falach orra, ann an rathad ʼs nach do ghlac iad a bhrigh; agus bha sgàth orra fharraid dheth mu ʼn fhacal so.

46 Agus chinn an smaointe unnta, co dhiu bu mhua bhiodh.

47 Ach Iosa a faicinn smaointean an cridhe, rug e air leanabh, agus chuir e lamh ris e,

48 Us thuirt e riu: Co sam bith a ghabhas ris an leanabh so na mʼainmse, tha e gabhail riumsa; agus co sam bith a ghabhas riumsa, tha e gabhail ris-san a chuir mi. Oir esan is lugha ʼnur measg uile, se is mua.

49 Agus thuirt Eoin, ʼs e freagairt: A Mhaighistir, chunnaic sinn feareigin a tilgeadh a mach dheomhan na tʼ ainmse, agus bhac sinn e: chionn nach eil e ga ʼr leanailt-ne.

50 Us thuirt Iosa ris: Na bacaibh e: oir an neach nach eile ʼnur n-aghaidh, tha e leibh.

51 Agus thachair, nuair bha laithean a dheasghabhail gan coimhlionadh, gun do shuidhich e aghaidh gu dian gu dol gu Ierusalem.

52 Agus chuir e teachdairean roimh ghnuis; agus air an siubhal chaidh iad a stigh do bhaile leis na Samaritanaich, a dheasachadh air a shon.

53 Us cha do ghabh iad ris; oir bha e coltach ri fear am beachd dol gu Ierusalem.

54 ʼS nuair chunnaic a dheisciopuil, Seumas agus Eoin, so, thuirt iad: A Thighearna, an e do thoil gun iarr sinn teine a thighinn a nuas bho neamh, agus an sgrios?

55 ʼSa tionndadh chronaich e iad, a g-radh: Cha leir dhuibh co an spiorad dha ʼm buin sibh.

56 Cha n-ann gu anmannan a sgrios a thainig Mac an duine, ach gus an sabhaladh. Agus thriall iad gu baile eile.

57 Agus thachair, ʼs iad a g-imeachd air an t-slighe, gun tuirt cuideigin ris: Leanaidh mi thu ge bʼe aite an teid thu.

58 Thuirt Iosa ris: Tha tuill aig na sionnaich, agus nid aig eoin an athair: Ach aig Mac an duine cha n-eil aite far an leag e cheann.

59 Us thuirt e ri fear eile: Lean mise. Ach thuirt esan: A Thighearna, leig leam an toiseach dol a thiodhlaiceadh mʼ athar.

60 Us thuirt Iosa ris: Leig leis na mairbh am mairbh fhein a thiodlaiceadh: ach theirig thusa, agus searmonaich rioghachd Dhe.

61 Us thuirt fear eile: Leanaidh mi thu, a Thighearna, ach leig leam an toiseach mo chead a ghabhail dhiu-san a thʼaig an tigh.

62 Thuirt Iosa ris: Cha n-eil duine air bith, a chuireas a lamh ris a chrann, ʼsa sheallas air ais, ʼna airidh air rioghachd Dhe.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan