Lùcas 8 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875VIII. CAIB. Dubhfhacal an t-sìl; Criosta cur casg air stoirm na mara: a tilgeadh a mach na legion: a leigheas siubhal-fala: ʼsa toirt beo nighean Iairuis. 1 Agus thachair an deigh sin, gun do thriall e feadh chaithrichean agus bhailtean, a searmonachadh ʼsa teagasg soisgeul rioghachd Dhe; ʼs na dhà-dhiag maille ris, 2 Agus boirionnaich araid, a leighiseadh bho dhroch spioraid ʼs bho easlaintean: Mairi, ris an canar Magdalen, as an deachaidh seachd deomhain a chur, 3 Agus Ioanna bean Chusa, stiubhart Heroid, agus Susanna, agus moran eile, a bha ga fhreasdal le am maoin. 4 ʼS nuair a chruinnich moran sluaigh, agus a ghreas iad orra ga ionnsuidh as na bailtean, labhair e ann an samhladh: 5 Chaidh fear-cuir a mach a chur a shìl; ʼs nuair bha e cur, thuit cuid ri taobh an rathaid, agus shaltradh sios e, us dhʼich ianlaith an athair e. 6 Agus thuit cuid eile air craig; ach cha luaithe dhʼfhas e, na shearg e as: chionn nach robh sugh aige. 7 Agus thuit cuid eile measg dreighinn, agus dhʼ fhas an dreigheann, us thachd e e. 8 Agus thuit cuid eile air talamh math; ʼs air dha fàs, thug e mach toradh ciad-fillte. ʼS nuair a labhair e na nichean so, dhʼeigh e: Am fear aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e. 9 Agus dhʼfhaighnich a dheisciopuil dheth, ciod bu chiall do ʼn dubhfhacal so. 10 Thuirt e riu: Thugadh dhuibhse eolas air mistire rioghachd Dhe, ach do chàch an dubhfhaclan; los a faicinn, nach leir dhaibh, ʼsa cluinntinn, nach tuig iad. 11 A nis se so an dubh-fhacal: An siol se facal De e. 12 Agus is iadsan ri taobh an rathaid an fheadhainn a dhʼeisdeas: an sin thig an deomhan agus sgobaidh e am facal as an cridhe, eagal le creidsinn gum bi iad sabhailte. 13 Agus is iadsan air a chreig an fheadhainn, an deigh cluinntinn, a ghabhas ris an fhacal le aoibhneas: us aca sin cha n-eil friamh: oir tha iad a creidsinn car seal, ʼsa teicheadh an àm buairidh air falbh. 14 ʼSa chuid a thuit am measg an dreighinn, ʼsiad sin iadsan a chuala, ʼsa dol a mach a tha air an tachdadh le ro-churam, ʼs le beartas, ʼs le àilleas na beatha so, ann an rathad ʼs nach eil iad a toirt a mach toraidh. 15 Ach a chuid air an talamh mhath, ʼsiad sin iadsan, a chluinneas am facal le oridhe math agus ro-mhath, agus a ghleidheas e, ʼsa bheir mach toradh le faighidin. 16 Cha n-eil neach sam bith air dha coinnneal a lasadh a chuireas i fo shaghach, no fo leabaidh: ach an coinnleir, los gum faic iadsan, a thig a stigh, an solus. 17 Oir cha n-eil ni am falach, nach tig am follais; no an cleith, nach aithnichear, ʼs nach tig an uachdar. 18 Thugaibh an aire ma ta ciamar a chluinneas sibh. Oir h-uile fear aig a bheil, bheirear dha, ʼs am fear aig nach eil, bheirear bhuaithe an ni fhein, a tha e saoilsinn a thʼ aige. 19 Agus thainig a mhathair ʼsa bhraithrean ga ionnsuidh, ʼs cha b ʼurrainn daibh tighinn ʼna chòir leis an t-sluagh. 20 Us thuirt cuideigin ris: Tha do mhathair ʼs do bhraithrean ʼnan seasamh a muigh, a g-iarraidh tʼ fhaicinn. 21 Agus a freagairt, thuirt esan riu: ʼSiad mo mhathair agus mo bhraithrean an fheadhainn a dhʼeisdeas ri facal De, ʼsa ni e. 22 Us thachair air latha araid gun deach e stigh do eathar, e fhein ʼsa dheisciopuil, agus thuirt e riu: Rachamaid gu taobh thall an loch. Agus ghabh iad a null. 23 ʼS nuair a bha iad a seoladh, thuit esan ʼna chadal, us bhuail stoirm ghaoithe a nuas air an loch, agus bha an t-eathar a lionadh, agus iad fhein an cunnart. 24 Us thainig iad, agus dhuisg iad e, a g-radh: A Mhaighistir, tha sinn a dol a dhith. Ach esan a g-eirigh, chronaich e ghaoth, agus onfhadh nan tonn, agus sguir e; us thainig fiath, 25 Us thuirt e riu: Càit a bheil ur creideamh? Agus ghabh iadsan eagal us iongantas, a g-radh ri cheile: Co tha ʼn so, a shaoileas tu, oir tha e toirt orduigh do ʼn ghaoith ʼs do ʼn mhuir, agus tha iad umhailt dha? 26 Us sheol iad gu duthaich nan Gerasenach, a tha thall mu choinneamh Ghalile. 27 ʼS nuair thainig e air tir, choinnich fear araid e, anns an robh deomhan uine fhada, agus cha robh aodach air, ʼs cha mhua bha e tamh ann an tigh, ach anns na h-uaighean. 28 Cho luath ʼsa chunnaic e Iosa, thuit e air aghaidh ʼna lathair; ʼsa g-eigheach le guth ard, thuirt e: Ciod e mo ghnothachsa riut, Iosa, a mhic an Ti is airde? Guidheam ort, na craidh mi. 29 Oir thug e ordugh do ʼn spiorad neoghlan a dhol a mach as an duine. Oir bʼiomadh uair a ghlacadh e leis, agus bhathas ga cheangal le slabhruidhean, ʼs ga chumail le geimhlean; ʼsa bristeadh a chuibhrichean dhʼiomaineadh e leis an deomhan do dhʼ aiteachan fàs. 30 Agus dhʼfharraid Iosa dheth, a g-radh: Cʼainm a thʼort? Ach thuirt e: Legion: a bhrigh gun robh ioma deomhan air dol a stigh ann. 31 Agus ghuidh iad air, nach orduicheadh e dhaibh dol do ʼn aigeal. 32 Us bha treud mhor mhuc a g-ionaltradh air a bheinn; agus ghuidh iad air leigeil leo dhol a stigh unnta. Agus leig e leo. 33 An sin chaidh na deomhain a mach as an duine, us ghabh iad a stigh sna mucan; agus ruith an treud ʼnan deann an comhair an cinn do ʼn loch, agus thachdadh iad. 34 Cho luath ʼsa chunnaic na buachaillean mar thachair, theich iad, agus dhʼinnis iad sa bhaile e, agus sna frith-bhailtean. 35 Us chaidh iad a mach a choimhead ciod a rinneadh, agus thainig iad gu Iosa; agus fhuair iad an duine, as an dʼfhalbh na deomhain, ʼna shuidhe aig a chasan, ʼna aodach us ceart ʼna inntinn, agus ghabh iad eagal. 36 Agus dhʼinnis iadsan cuideachd, a chunnaic, dhaibh, ciamar a leighiseadh e bho ʼn legion. 37 Agus ghrios muinntir duthaich nan Gerasenach uile air falbh bhuatha: oir bu mhor an t-eagal a ghabh iad. ʼSa dol air bord an t-saghaich, thill e air ais a rithisd. 38 Us ghuidh an duine, as an deach na deomhain, air, e bhith cuide ris. Ach chuir Iosa air falbh e, a g-radh: 39 Till gu do thigh, agus innis cia mor na nichean a rinn Dia dhut. Agus shiubhail e feadh a bhaile uile a foillseachadh cia mor na nichean a rinn Iosa dha. 40 Us thachair an deigh do Iosa tilleadh, gun do ghabh an sluagh gu toileach ris: oir bha iad uile ga fheitheamh. 41 Agus, seall, thainig duine, dha ʼm bʼainm Iairus, agus bha e ʼna riaghladair air an t-sinagog; us thuit e aig casan Iosa, a guidhe air, e thighinn gu thigh: 42 Oir bha an aon nighean a bhʼaige, ʼs i teann air dà bhliadhna dhiag, a faighinn a bhàis. Us thachair, ʼs e triall, gun robh e air a theannachadh leis an t-sluagh. 43 Agus bha boirionnach araid ann, air an robh siubhal fala fad dà bhliadhna dhiag, a bha air a cuid uile a chosg ri lighichean, ʼs nach gabhadh a leigheas le h-aon diu: 44 Thainig ise air a chulaobh, us bhean i do iomall aodaich; agus ghrad-stad a siubhal fala. 45 Us thuirt Iosa: Co bhean domh? Nuair bha iad uile a g-aicheadh, thuirt Peadar agus iadsan a bha comhla ris: A Mhaighistir, tha ʼn sluagh ga dʼ dhomhlachadh ʼs ga dʼ theannachadh, ʼs am beil thu radh: Co bhean domh? 46 Us thuirt Iosa: Bhean cuideigin domh: oir tha mi g-aithneachadh gun deach feartan a mach bhuam. 47 ʼS am boirionnach, ʼs i faicinn nach robh i an cleith, thainig i air chrith, agus thuit i aig a chasan: us dhʼ innis i an lathair an t-sluaigh uile, an t-aobhar a bhʼaice air beantuinn da, ʼs mar chaidh a grad-leigheas. 48 Us thuirt e rithe: A nighean, rinn do chreideamh slan thu: falbh an sith. 49 Nuair a bha e fhathast a labhairt, thainig fear gu riaghladair an t-sinagoig, a g-radh ris: Chaochail do nighean, na cuir dragh air. 50 Ach nuair chual Iosa so, fhreagair e athair na h-ighinn: Na gabh eagal, creid a mhain, agus bithidh i slan. 51 ʼS nuair rainig e an tigh, cha do leig e le h-aon air bith dol a stigh maille ris, ach Peadar, agus Seumas, agus Eoin, agus athair us mathair na caileige. 52 Us bha iad uile a gal ʼsa caoineadh air a son. Ach thuirt esan: Na bithibh a gal, cha n-eil a chaileag marbh, ach ʼna cadal. 53 Agus rinn iad gàire-magaidh air, us fios aca gun robh i marbh. 54 Ach esan a breith air laimh oirre, dhʼeigh e, a g-radh: A chaileag, eirich. 55 Agus thill a spiorad rithe, us ghrad-dhʼeirich i. Agus dhʼorduich e biadh a thoirt dhi. 56 Us ghabh a parantan uamhas, agus dhʼàithn e orra gun innseadh na rinneadh do neach air bith. |