Lùcas 7 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875VII. CAIB. Criosta leigheas seirbhiseach a cheannaird-chiad; a toirt beo mac na bantraich; a freagairt teachdairean Eoin; ʼsa toirt mathanais doʼn bhana-pheacaich a ghabh aithreachas. 1 ʼS nuair a chriochnaich e na briathran sin uile ann an eisdeachd an t-sluaigh, chaidh e stigh do Chapharnaum. 2 Agus aig ceannard-ciad araid bha seirbhiseach, a bha ro-mheasail aige, gu tinn, ʼs aig uchd bàis. 3 ʼS nuair chual e mu Iosa, chuir e ga ionnsuidh seanairean nan Iudhach, a dhʼiarraidh air tighinn ʼsa sheirbhiseach a leigheas. 4 ʼS nuair thainig iad gu Iosa, ghuidh iad air gu durachdach, a g-radh ris: Is airidh e air thu so dhianamh dha: 5 Oir is toil leis ar cinneadh, us thog e sinagog dhuinn. 6 Agus dhʼfhalbh Iosa comhla riu. ʼS nuair bha e nis teann air an tigh, chuir an ceannard-ciad cairdean ga ionnsuidh, a g-radh: A Thighearna, na cuir dragh ort fhein: oir cha n-airidh mise gun tigeadh tu stigh fo mʼfhardaich: 7 Le sin cha do shaoil mi gum bʼairidh mi fhein air tighinn ga tʼ ionnnsuidhse: ach abair am facal, us bithidh mo sheirbhiseach air a leigheas. 8 Oir is duine mi fhein air mo chur fo uachdranachd, aig a bheil saighdearan fodham; agus their mi ri fear: Falbh, us falbhaidh e; ʼs ri fear eile: Thig, us thig e; agus ri mo sheirbhiseach: Dian so, us ni e e. 9 Ghabh Iosa, ʼs e cluinntinn so, iongantas; ʼsa tionndadh ris an t-sluagh, a bha ga leantuinn, thuirt e: Gu firinneach tha mi g-radh ribh, nach dʼfhuair mi urad chreidimh ann an Israel fhein. 10 ʼS nuair a thill an fheadhainn, a bha air an cur, thun an tighe, fhuair iad an seirbhiseach, a bha tinn, slan. 11 Us thachair an deigh sin, gun robh e dol gu baile, ris an abrar Naim; agus gun robh a dheisciopuil us moran sluaigh a dol comhla ris. 12 ʼS nuair thainig e teann air geata a bhaile, seall, bhathas a giulan a mach duine mhairbh, aona mhac a mhathar, ʼs bu bhantrach i; agus bha cuideachda mhor de mhuinntir a bhaile comhla rithe. 13 Nuair a chunnaic an Tighearna i, a gabhail truais di, thuirt e rithe: Na bi gal. 14 Agus thainig e faisg, us bhean e do ʼn chiste. Agus sheas iadsan, a bha ga giulan. Us thuirt e: Oganaich, tha mi g-radh riut, eirich. 15 Agus shuidh esan a bha marbh naird, agus thòisich e ri bruidhinn. Us thug e dha mhathair e. 16 Agus ghabh iad uile eagal; us thug iad gloir do Dhia, a g-radh: Dhʼ eirich faidh mor ʼnar measg; us dhʼamhairc Dia air a phobull fhein. 17 Agus ruith an sgial so uime feadh Iudéa uile, us feadh na duthcha gu leir mun cuairt. 18 Agus dhʼinnis deisciopuil Eoin dha mu dheidhinn nan nichean so uile. 19 Us ghairm Eoin dithis dhe a dheisciopuil, agus chuir e gu Iosa iad, a g-radh: An tu esan a tha ri tighinn, no am bi duil againn ri aon eile? 20 ʼS nuair thainig na fir ga ionnsuidh, thuirt iad: Chuir Eoin Baiste sinn ga dʼ ionnsuidh, a g-radh: An tu esan a tha ri tighinn, no am bi dùil againn ri aon eile? 21 (Agus sa cheart uair sin, leighis e moran bho ʼn easlaintean, us bho ʼn creuchdan, us bho dhroch, spioraid, agus do mhoran dhall thug e am fradharc.) 22 Agus a freagairt, thuirt e riu: Falbhaibh, agus innsibh do Eoin na chual, ʼs na chunnaic sibh: Gu bheil na doill a faicinn, na bacaich a coiseachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a cluinntinn, na mairbh a g-eirigh rithist, an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan: 23 Agus is beannaichte a h-uile h-aon nach gabh sgainneal asamsa. 24 ʼS nuair a dhʼfhalbh teachdairean Eoin, thòisich e ri labhairt ris an t-sluagh mu Eoin: Ciod a chaidh sibh a mach do ʼn fhasach a dhʼ fhaicinn? cuilc air a crathadh leis a ghaoith? 25 Ach ciod a chaidh sibh a mach a dhʼ fhaicinn? duine air eideadh an aodach riomhach? Seall, ʼsann an tighean righrean tha iadsan, a tha air an sgeadachadh an aodach priseil, ʼsa tighinn beo an ailleas. 26 Ach ciod a chaidh sibh mach a dhʼfhaicinn? faidh? Seadh, tha mi g-rabh ribh, agus tuilleadh na faidh: 27 Se so esan mu bheil e sgriobhte: Seall, cuiridh mi mʼ aingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad. 28 Oir tha mi g-radh ribh: Am measg na rugadh bho mhnathan cha n-eil faidh nas mua na Eoin Baiste: ach tha an urra is lugha an rioghachd Dhe nas mua na esan. 29 Agus an sluagh uile ʼs na cismhaoir, ʼs iad ga chluinntinn, dhʼfhirinnich iad Dia le bhith air am baisteadh le baisteadh Eoin. 30 Ach chuir na Phairisich ʼs an luchd-lagha suarach comhairle Dhe ʼnan aghaidh fhein, oir cha do bhaisteadh iad leis. 31 Us thuirt an Tighearna: Co ris ma ta a shamhlaicheas mi daoine a ghinealaich so? agus co ris a tha iad coltach? 32 Tha iad coltach ri cloinn ʼnan suidhe sa mhargadh, agus a bruidhinn ri cheile, ʼsa g-radh: Ghleus sinn ceol dhuibh, ʼs cha do dhanns sibh; rinn sinn cumha, ʼs cha do ghuil sibh. 33 Oir thainig Eoin Baiste, gun a bhith g-icheadh arain, no g-ol fiona, agus tha sibhse g-radh: Tha deomhan aige. 34 Thainig Mac an duine a g-ich ʼsa g-ol, us tha sibh a g-radh: Seall fear a tha ʼna gheocaire ʼs ʼna phòitear fiona, ʼna charaid chismhaor agus pheacach. 35 Ach tha gliocas air a firinneachadh le ʼcloinn uile. 36 Agus dhʼiarr feareigin de na Phairisich air iche maille ris. Us chaidh e stigh do thigh an Phairisich, agus shuidh e sios gu biadh. 37 Agus, seall, nuair a thuig boirionnach, a bha ʼna bana-pheacaich sa bhaile, gun robh e aig biadh an tigh an Phairisich, thug i leatha bocsa alabastair a dhʼola; 38 ʼSa fantuinn air chùl aig a chasan, thòisich i ri chasan a fhliuchadh le a deoir, agus shuath i a chasan le falt a cinn, us phog i a chasan, us dhʼung i iad leis an oladh. 39 Agus am Phairiseach, a thug cuireadh dha, a faicinn so, thuirt e ris fhein, a g-radh: Nam bʼe so faidh, gu cinnteach dhʼaithneadh e co i, agus ciod an seorsa boirionnaich a tha beantuinn da: chionn is bana-pheacach i. 40 Us thuirt Iosa ris, ʼs e freagairt: A Shimoin, tha rudeigin agam ri radh riut. Ach ars esan: A Mhaighistir, abair e. 41 Bha fiachan aig riadhadair araid air dithis: air aon fhear coig ciad peighinn, agus air an fhear eile leth-chiad. 42 Agus bho nach robh dad aca leis am paidheadh iad, mhath e dhaibh le cheile. Co aca ma ta a bheir am barrachd gaoil dha? 43 Fhreagair Simon, a g-radh: Tha mi am barail, gur e esan dha ʼm mua a mhath e. Us thuirt e ris: Is ceart a thug thu breth. 44 ʼSa tionndadh ris a bhoirionnach, thuirt e ri Simon: A bheil thu faicinn a bhoirionnaich so? Thainig mi stigh dha dʼ thigh; cha tug thu uisge dhomh air son mo chasan: ach ise, nigh i mo chasan le a deoir, agus shuath i iad le ʼfalt. 45 Cha tug thu pog dhomh: ach cha do sguir ise, bho na thainig i stigh, a phogadh mo chasan. 46 Cha dʼung thu mo cheann le ola: ach dhʼung ise mo chasan le ola. 47 Air an aobhar sin tha mi g-radh riut: Tha moran pheacannan air am mathadh dhi, chionn gun tug i moran gaoil. Ach an neach, dha ʼm mathar nas lugha, se is lugha a bheir gaol. 48 An sin thuirt e rithe: Tha do pheacannan air am mathadh dhut. 49 Us thòisich iadsan, a bha aig biadh maille ris, ri radh riu fhein: Co so, a tha mathadh pheacannan cuideachd? 50 Ach thuirt e ris a bhoirionnach: Shabhail do chreideamh thu; falbh an sith. |