Lùcas 6 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875VI. CAIB. Criosta gabhail leisgeul a dheisciopul; a leigheas air latha na sàbaid; a taghadh na dhà-dhiag; ʼsa chomhairlean dhaibh. 1 A nis thachair air an ath chiad shàbaid, nuair a bha e triall tromh na raointean arbhair, gun robh a dheisciopuil a spionadh dhias, ʼs gan ithe, an deigh an suathadh ʼnan lamhan. 2 Agus thuirt cuid de na Phairisich riu: Car-son tha sibh a dianamh ni nach eil ceaduichte air laithean na sàbaid? 3 Agus thuirt Iosa, ʼs e gam freagairt: Nach do leugh sibh so, a rinn Dài, nuair bha e fhein us iadsan a bha cuide ris air acras? 4 Mar chaidh e stigh do thigh Dhe, ʼsa ghabh e an t-aran-tairgse, ʼsa dhʼ ith e, ʼsa thug e dhaibhse, a bha marris, nach eil laghail ithe ach a mhain do na sagairt? 5 Us thuirt e riu: Se Mac an duine Tighearna na sàbaid fhein. 6 Agus thachair mar an ciadna air sàbaid eile, gun deachaidh e stigh do ʼn t-sinagog, ʼs gun do theagaisg e. Agus bha fear an sin, aig an robh a lamh dheas air seargadh. 7 Agus bha na Sgriobhàich ʼs na Phairisich a gabhail beachd an dianadh e leigheas air an t-sàbaid, los gum faigheadh iad cuis-dhitidh ʼna aghaidh. 8 Ach thuig e an smaointean; us thuirt e ris an fhear, aig an robh an lamh sheargte: Eirich, agus seas sa mhiadhon. Agus dhʼeirich e ʼna sheasamh. 9 Agus thuirt Iosa riu: Farraideam dhibh, am beil e laghail math no olc a dhianamh air laithean sàbaid; beatha thiarnadh, no a sgrios? 10 Agus thuirt e ris an duine, ʼs e g-amharc mun cuairt orra uile: Sìn do lamh. Agus shìn e mach i, agus leighiseadh a lamh. 11 Us ghabh iadsan an caothach, agus labhair iad ri cheile ciod a dhianadh iad air Iosa. 12 Agus thachair anns na laithean sin, gun deachaidh e suas gu beinn a dhianamh urnaigh, agus bhuilich e an oidhche uile ann an urnaigh ri Dia. 13 ʼS nuair thainig an latha, ghairm e a dheisciopuil ga ionnsuidh; us thagh e dhà dhiag dhiu (a dhʼainmich e ostail): 14 Simon, a shloinn e Peadar, us Aindris a bhrathair; Seumas, agus Eoin; Philip, agus Bartolomé; 15 Matu, agus Tomas; Seumas Alpheuis, agus Simon ris an abrar Selotes; 16 Us Iuda brathair Sheumais; agus Iudas Iscariot, a bhrath e. 17 ʼSa tearnadh maille riu, sheas e air aite comhnard, agus buidhean de dheisciopuil, agus cuideachda mhor de shluagh bho Iudéa uile ʼs bho Ierusalem, us bho chòrsa muir Thiruis agus Shidoin, 18 A thainig ga eisdeachd, ʼs gu bhith air an leigheas bho ʼn easlaintean. Us leighiseadh iadsan a bha air an sarachadh le spioraid neoghlan. 19 Agus bha an sluagh uile sireadh beantuinn da; oir bha feartan a dol a mach bhuaithe, a bha gan leigheas uile. 20 Agus thuirt e, ʼs e togail suas a shuilean air a dheisciopuil: Is beannaichte sibhse, a tha bochd, oir is leibh rioghachd Dhe. 21 Is beannaichte sibhse, air a bheil acras a nis: oir gheobh sibh ur lan-riarachadh. Is beannaichte sibhse a tha gal a nis: oir ni sibh gaire. 22 Is beannaichte a bhios sibh, nuair bheir daoine fuath dhuibh, ʼsa thearbas iad sibh, ʼsa mhaslaicheas iad sibh, ʼsa thilgeas iad a mach ur n-ainm mar olc, as leth Mhic an duine. 23 Biodh aoibhneas oirbh air an latha sin, agus aighear: oir, seall, is mor ur duais am flathanas: oir ʼsann mar sin a rinn an aithrichean air na faidhean. 24 Ach mo thruaighe sibhse a tha beartach: chionn tha ur toileachadh agaibh. 25 Mo thruaighe sibhse a tha sàthach: oir bithidh sibh acrach. Mo thruaighe sibhse a tha gaireachduinn a nis: oir ni sibh gal agus caoidh. 26 Mo thruaighe sibh nuair a mholas daoine sibh: oir ʼsann mar sin a rinn an aithrichean ris na faidhean-breige. 27 Ach tha mise g-radh ribhse, a tha gam eisdeachd: Thugaibh gaol dha ʼr naimhdean, dianaibh math dhaibhse, a tha toirt fuatha dhuibh. 28 Beannaichibh an fheadhainn a tha gu ʼr mollachadh, us bithibh a g-urnaigh air son na feadhnach a tha gu ʼr caineadh. 29 Agus do ʼn fhear, a bhuaileas thu air an darna gruaidh, tairg an té eile. Agus dhasan a bheir bhuat do chleoc, na bac do chota cuideachd. 30 Thoir do ʼn h-uile h-aon a dhʼiarras ort: agus air-san, a bheir air falbh do chuid, na iarr air a h-ais i. 31 Agus mar is math leibh daoine a dhianamh dhuibh, dianaibh dhaibh air an alt chiadna. 32 Agus ma ʼsann do ʼn fheadhainn, a tha toirt gaoil dhuibh, a bheir sibh gaol, ciod an taing thʼagaibh? ʼs gun toir na peacaich fhein gaol do ʼn fheadhainn, a tha toirt gaoil dhaibh. 33 Agus ma ni sibh math do ʼn fheadhainn a tha dianamh math dhuibh, ciod an taing thʼagaibh? ʼs gum beil na peacaich fhein a dianamh sin. 34 Agus ma bheir sibh coingheall do ʼn fheadhainn bho ʼm beil duil agaibh ri leithid fhaighinn, ciod an taing dhuibh? oir bheir peacaich fhein coingheall do pheacaich gus urad fhaighinn. 35 Ach thugaibhse gaol dha ʼr naimhdean; dianaibh math, agus thugaibh coingheall seachad, gun duil ri ni air ais: us bithidh ur duais pailt, agus bithidh sibh ʼnur cloinn do ʼn Tì is airde: oir tha esan caoimhneil ris na daoine mi-thaingeil agus olc. 36 Bithibhse ma ta trocaireach, mar a tha ur n-Athair trocaireach. 37 Na tugaibh breth, ʼs cha toirear breth oirbh: na ditibh, ʼs cha ditear sibh. Mathaibh, agus mathar dhuibh. 38 Thugaibh seachad, us bheirear dhuibh: deagh thomhas, air a dhinneadh, ʼs air a chrathadh ri cheile, ʼsa cur thairis, cuiridh iad ʼnur n-uchd. Oir leis a cheart tomhas leis an tomhais sibhse, tomhaisear dhuibh air ais. 39 Agus thug e samhladh dhaibh: An urrainn do dhall dall a stiuradh? Nach tuit iad le cheile san t-slochd? 40 Cha n-eil deisciopul fos cionn a mhaighistir: ach bithidh a h-uile h-aon coimhlion, ma bhios e mar a mhaighistir. 41 Agus car-son a tha thu faicinn a chaimein ann an suil do bhrathar, ʼs nach eil thu toirt an aire do ʼn t-sail, a tha na dʼ shuil fhein? 42 No ciamar is urrainn dhut a radh ri dʼ bhrathair: A bhrathair, leig leam an caimein a thoirt á do shuil: thusa, dha nach leir an t-sail, a tha na dʼ shuil fhein? A chealgair, cuir an t-sail an toiseach á do shuil fhein; agus an sin chi thu gu soilleir an caimein a thoirt á suil do bhrathar. 43 Oir cha chraobh mhath, a bheir mach droch mheas; agus cha dhroch chraobh, a bheir mach deagh mheas. 44 Oir aithnichear gach craobh air a meas. Oir cha tionail daoine figisean dhe ʼn dreigheann, ʼs cha mhua bhuaineas iad dearcan-fiona dhe ʼn dris. 45 Bho iuntas math a chridhe, bheir an duine math nichean matha; agus bho dhroch iuntas, bheir an droch dhuine nichean olca. Oir ʼsann á lanachd a chridhe a labhras am bial. 46 Agus car-son tha sibh a g-radh, a Thighearna, a Thighearna, riumsa, ʼs nach eil sibh a cur an gniomh na tha mi g-radh? 47 A h-uile h-aon a thig h-ugamsa, ʼsa dhʼeisdeas ri mo bhriathran, ʼsa ni iad: fiachaidh mi dhuibh co ris a tha e coltach. 48 Tha e coltach ri duine a togail tighe, a chladhaich domhain, ʼsa leag a steidh air craig: ʼs nuair thainig an tuil, bhuail an struth gu dian air an tigh sin, ʼs cha bʼurrainn da a charachadh: oir bha e steidhichte air a chraig. 49 Ach esan, a dhʼeisdeas, ʼs nach dian, tha e coltach ri duine a thog tigh air an talamh gun steidh: ʼs nuair a bhuail an struth air gu dian, ghrad-thuit e; agus bu mhor tuiteam an tighe sin. |