Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


III. CAIB. Teagasg Eoin: Criosta air a bhaisteadh leis.

1 A nis anns a choigeamh bliadhna diag de dhʼ iompaireachd Thiberiuis César, nuair bha Pontius Pilat ʼna uachdran air Iudéa, us Herod ʼna thetrarc air Galile, us Philip a bhrathair ʼna thetrarc air Iturea agus duthaich Thraconitis, us Lisanias ʼna thetrarc air Abilina,

2 Ri linn nan ard-shagart Annas agus Caiphas, thainig facal an Tighearna gu Eoin, mac Shachariais, anns an fhasach.

3 Agus thainig e do ʼn duthaich sin uile mun cuairt Iordain, a searmonachadh baisteadh a pheanais air son mathanas pheacannan,

4 Mar a tha e sgriobhte an leabhar briathran an fhaidh Isaias: Guth neach a g-eigheach san fhasach: Dianaibh deas slighe an Tighearna: dianaibh direach ʼaisridhean:

5 Lionar a h-uile gleann, agus islichear a h-uile beinn agus cnoc; us nithear na slighean cama direach, agus na rathaidean garbha comhnard;

6 Agus chi a h-uile feoil sabhaladh Dhe.

7 Uime sin thuirt e ris a mhor-shluagh a thainig a mach gu bhith air am baisteadh leis: A ghineil nan nathraichean, co dhʼfhiach dhuibhse teicheadh bhoʼn fheirg ri tighinn?

8 Thugaibh ma ta mach toradh freagrach do ʼn aithreachas, agus na teannaibh ri radh: Tha Abraham ʼna athair againn. Oir deiream ribh, gum beil Dia comasach air clann a thogail do dhʼ Abraham de na clachan so.

9 Oir tha ʼn tuagh cheana air a leagail ri bun nan craobh. A h-uile craobh ma ta nach toir a mach deagh mheas, gearrar sios agus tilgear san teine i.

10 Us dhʼfharraid an sluagh dheth, a g-radh: Ciod ma ta ni sinne?

11 Agus fhreagair esan, us thuirt e riu: Am fear aig a bheil dà chota, thugadh e do ʼn fhear aig nach eil cota idir; ʼs am fear aig a bheil biadh, dianadh e air an alt chiadna.

12 Agus thainig na cis-mhaoir fhein ga ionnsuidh gu bhith air am baisteadh, us thuirt iad ris: A mhaighistir, ciod a ni sinne?

13 Agus thuirt e riu: Na dianaibh ni fos cionn na tha air orduchadh dhuibh.

14 Agus dhʼfharraid na saighdearan dheth cuideachd, a g-radh: Agus ciod a ni sinne? Us thuirt e riu: Na dianaibh ainneart air aon sam bith, ʼs na dianaibh casaid bhreige; us bithibh toilichte le ʼr paidheadh.

15 Agus nuair a bha ʼn sluagh uile am barail, ʼsa smaoineachadh ʼnan cridheachan thaobh Eoin, gum bʼe an Criosta e, ma dhʼ fhaoidte;

16 Fhreagair Eoin, a cantuinn riu uile: Tha mise gu dearbh gu ʼr baisteadh le uisge: ach thig nas treasa na mi, dha nach airidh mise air barr-iall a bhrog fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh ʼs le teine:

17 Aig a bheil a ghuit ʼna laimh, us glanaidh e ʼurlar-buailidh, us tionailidh e an cruithneachd gu shabhal, ach loisgidh e am moll le teine nach muchar.

18 ʼSa comhairleachadh ioma ni eile, shearmonaich e doʼn t-sluagh.

19 Ach Herod an tetrarc, nuair a chronaicheadh e leis air son Herodiais, bean a bhrathar, ʼs air son gach uilc a rinn Herod,

20 Rinn e so a bharrachd air gach ni eile, gun a chuir e Eoin am priosan.

21 Agus thachair, an deigh doʼn t-sluagh uile a bhith air am baisteadh, us Iosa cuideachd air a bhaisteadh, gun dʼ fhosgladh flathanas, ʼs e ri urnaigh;

22 Agus theirinn an Spiorad Naomh air, an riochd corporra mar chalaman; us thainig guth bho neamh: Is tu mo Mhac ionmhuinn, asadsa is mor mo thlachd.

23 ʼS bha Iosa faisg air deich bliadhna fichead a dhʼaois, ʼs bʼ e a reir barail dhaoine mac Ioseiph, a bha bho Heli, a bha bho Mhathat,

24 A bha bho Lebhi, a bha bho Mhelchi, a bha bho Ianne, a bha bho Ioseph,

25 A bha bho Mhathathias, a bha bho Amos, a bha bho Nahum, a bha bho Hesli, a bha bho Nage,

26 A bha bho Mhahath, a bha bho Mhathathias, a bha bho Sheinei, a bha bho Ioseph, a bha bho Iuda,

27 A bha bho Ioanna, a bha bho Resa, a bha bho Shorobabel, a bha bho Shalathiel, a bha bho Neri,

28 A bha bho Mhelchi, a bha bho Addi, a bha bho Chosan, a bha bho Helmadan, a bha bho Her,

29 A bha bho Iesus, a bha bho Elieser, a bha bho Iorim, a bha bho Mhathat, a bha bho Lebhi,

30 A bha bho Shimeon, a bha bho Iuda, a bha bho Ioseph, a bha bho Iona, a bha bho Eliacim,

31 A bha bho Mhelea, a bha bho Mhenna, a bha bho Mhathatha, a bha bho Nathan, a bha bho Dhài,

32 A bha bho Iesse, a bha bho Obed, a bha bho Bhoos, a bha bho Shalmon, a bha bho Naason,

33 A bha bho Aminadab, a bha bho Aram, a bha bho Esron, a bha bho Phares, a bha bho Iuda,

34 A bha bho Iacob, a bha bho Isaac, a bha bho Abraham, a bha bho Thare, a bha bho Nachor,

35 A bha bho Sharug, a bha bho Ragau, a bha bho Phaleg, a bha bho Heber, a bha bho Shale,

36 A bha bho Chainan, a bha bho Arphacsad, a bha bho Shem, a bha bho Noé, a bha bho Lamech,

37 A bha bho Mhathusale, a bha bho Henoch, a bha bho Iared, a bha bho Mhalaleel, a bha bho Chainan,

38 A bha bho Henos, a bha bho Sheth, a bha bho Adhamh, a bha bho Dhia.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan