Lùcas 24 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XXIV. CAIB. Aiseirigh Chriosta, agus a thaisbeanadh dha dheisciopuil. 1 Agus ro-mhuch sa mhaduinn air a chiad latha de ʼn t-seachduin, thainig iad thun na h-uaighe, a toirt leo an spiosraidh a dheasaich iad. 2 Us fhuair iad a chlach air a carachadh bho ʼn uaigh. 3 ʼSa dol a stigh, cha dʼ fhuair iad corp an Tighearna Iosa. 4 Us thachair, nuair bha iadsan fo ioghnadh ʼnan inntinn mu so, seall, sheas dithis dhaoine lamh riu an eideadh dealrach. 5 ʼS nuair bha iad fo fhiamh, ʼsa cromadh an aghaidh gu làr, thuirt iad riu: Car-son tha sibh a sireadh a bheo am measg nam marbh? 6 Cha n-eil e ʼn so, ach dhʼ eirich e: cuimhnichibh ciamar a thuirt e ribh, nuair a bha e fhathast ann an Galile, 7 A g-radh: Feumaidh Mac an duine a bhith air a liubhairt do lamhan dhaoine peacach, agus air a cheusadh, agus eirigh a rithist air an treas latha. 8 Agus chuimhnich iad a bhriathran. 9 ʼS air tilleadh dhaibh bho ʼn uaigh, dhʼinnis iad so uile do na h-aon-diag, agus do chàch uile. 10 Agus bʼ iad Mairi Magdalen, us Ioanna, us Mairi Sheumais, agus na boirionnaich eile, a bha comhla riu, a dhʼinnis na nichean so do na h-ostail. 11 Ach mheasadh leosan mar bhreislich na briathran so; ʼs cha do chreid iad iad. 12 Ach Peadar a g-eirigh, ruith e thun na h-uaighe; ʼsa cromadh sios chunnaic e na h-anartan air leth leo fhein, agus dhʼ fhalbh e, a gabhail ioghnaidh ann fhein as na nichean a thachair. 13 Agus, fiach, bha dithis dhiu fhein a dol a cheart latha sin gu baile, dha ʼn ainm Emmaus, a bha tri fichead stàd bho Ierusalem. 14 ʼS bha iad a comhradh ri cheile mu na nichean so uile a bha air tachairt. 15 Agus thachair, nuair a bha iad a labhairt ʼsa reusonachadh ri cheile, gun do tharruinn Iosa fhein teann orra, ʼs gun do thriall e ʼnan cuideachda: 16 Ach bha an suilean air an cumail air sheol ʼs nach dʼ aithnich iad e. 17 Us thuirt e riu: Ciod an seanachas so a thʼ agaibh ri cheile, us sibh a triall agus dubhach? 18 Agus fear dhiu, dha ʼm bʼ ainm Cleophas, ʼs e freagairt, thuirt e ris: An tusa a mhain a tha na dʼ choigreach ann an Ierusalem, ʼs nach aithne na nichean, a rinneadh anns na laithean so? 19 Thuirt e riu: Ciod? Us thuirt iad: Mu Iosa bho Nasaret, a bha ʼna fhaidh, cumhachdach ann an gniomh ʼs am facal an lathair Dhe agus dhaoine uile; 20 ʼS mar a liubhair ar n-ard-shagairt, ʼs ar n-uachdrain e gus a dhiteadh gu bàs, ʼs mar a cheus iad e. 21 Ach bha sinne an earbsa gum bʼ e esan a bha gu Israel a shaoradh: agus a nis a thuilleadh air so uile, se an diugh an treas latha bho na rinneadh na nichean so. 22 Seadh, agus chuir boirionnaich araid dhe ʼn chuideachda againne, a bha aig an uaigh romh shoillse an latha, fuathas oirnn, 23 ʼS nuair nach dʼ fhuair iad a chorp, thainig iad a g-radh gum faca iad sealladh aingeal, a tha g-radh gum beil e beo. 24 Us chaidh cuid de ʼn fheadhainn againne thun na h-uaighe, agus fhuair iad mar a thuirt na boirionnaich; ach cha dʼfhuair iad esan. 25 ʼS an sin thuirt e riu: O amadana, us mall-chridheach gu creidsinn a h-uile ni a labhair na faidhean! 26 Nach fheumadh Criosta iad so fhulang, agus mar so dol a stigh dha ghloir? 27 ʼSa tòiseachadh aig Maois ʼs na faidhean uile, mhinich e dhaibh as na sgriobtuirean uile na bha mu dheidhinn fhein. 28 Agus tharruinn iad teann air a bhaile gus an robh iad a dol, us ghabh esan air a bhith dol na bʼ fhaide. 29 Ach cho-eignich iad e, a g-radh: Fan comhla ruinne, ʼs gum beil e teann air an fheasgar, agus deireadh an latha ann. Agus chaidh e stigh comhla riu. 30 Us thachair, nuair a bha e aig bord maille riu, gun do ghlac e aran, agus bheannaich e, agus bhrist e, agus shìn e dhaibhse. 31 Agus dhʼfhosgladh an suilean, us dhʼ aithnich iad e; agus chaidh esan as an sealladh. 32 Us thuirt iad ri cheile: Nach robh ar cridhe a lasadh unnainn, am feadh a bha e labhairt san t-slighe, ʼsa; fosgladh dhuinn nan sgriobtur? 33 ʼSa g-eirigh sa cheart uair, thill iad air an ais gu Ierusalem: agus fhuair iad cruinn na h-aon-diag, us iadsan a bha cuide riu, 34 A g-radh: Dhʼeirich an Tighearna gu cinnteach, agus chunnacas le Simon e. 35 Agus dhʼ aithris iadsan na rinneadh san t-slighe, ʼs mar a dhʼ aithnich iad e aig bristeadh an arain. 36 ʼS air dhaibh bhith labhairt nan nichean so, sheas Iosa ʼnam miadhon, us thuirt e riu: Sith dhuibh: Is mise thʼann, na gabhaibh eagal. 37 Ach shaoil iadsan, ʼs iad fo fhurban ʼs fo gheilt, gur spiorad a chunnaic iad. 38 Us thuirt e riu: Car-son tha sibh fo fhurban, agus car-son tha smaointean a g-eirigh ʼnur cridheachan? 39 Faicibh mo lamhan ʼs mo chasan, gur mi fhein a thʼ ann: laimhsichibh, agus fiachaibh: oir aig spiorad cha n-eil feoil us cnaimhean, mar a tha sibh a faicinn agamsa. 40 Agus an deigh dha so radh, dhʼ fhiach e dhaibh a lamhan ʼsa chasan. 41 Ach nuair nach robh iad fhathast a creidsinn, ʼsa bha iad fo ioghnadh le aighear, thuirt e: Am beil dad agaibh an so a dhʼ ithear? 42 Us thairg iad dha mir de dhʼ iasg roiste, agus cir mheala. 43 ʼS an deigh dha itheadh ʼnan lathair, a gabhail an fhuighlich thug e dhaibh e. 44 Us thuirt e riu: ʼSiad so na briathran a labhair mi ribh, ʼs mi fhathast ʼnur cuideachda, gum feumar gach ni a choimhlionadh, a tha sgriobhte mu mʼ dheidhinn an lagh Mhaois, agus anns na faidhean, agus anns na sailm. 45 An sin dhʼfhosgail e an tuigse, los gun tuigeadh iad na sgriobtuirean. 46 Us thuirt e riu: Mar so tha e sgriobhte, ʼs mar so dhʼ fheumadh Criosta fulang, agus eirigh a rithist bho na mairbh air an treas latha; 47 Agus peanas us mathanas pheacannan a bhith air an searmonachadh ʼna ainm, feadh a h-uile rioghachd, a tòiseachadh aig Ierusalem. 48 ʼS tha sibhse ʼnur fianuisean air na nichean so. 49 Agus cuiridh mi h-ugaibh gealladh mʼ Athar. Ach fuirichibhse sa bhaile, gus an comhdaichear sibh le neart bho neamh. 50 Agus thug e a mach iad cho fad ri Bethania; ʼsa togail suas a lamhan, bheannaich e iad. 51 Us thachair, ʼs e gam; beannachadh, gun a tharruinn e bhuapa, ʼs gun do thogadh suas do fhlathanas e. 52 Agus thug iad aoradh dha, us thill iad gu Ierusalem le mor aoibhneas. 53 Agus bha iad daonnan san teampull a moladh ʼsa beannachadh Dhe. Amen. |