Lùcas 23 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XXIII. CAIB. Eachdraidh na pais air a leanailt. 1 ʼS air eirigh do ʼn chuideachda uile aca, thug iad gu Pilat e. 2 Agus leig iad air coire chur air, a g-radh: Fhuair sinn an duine so a cur ar cinnidh air aimhreadh, ʼsa bacail cis a thoirt do Chésar, ʼsa g-radh gur e fhein Criosta an righ. 3 Agus dhʼfharraid Pilat dheth, a g-radh: An tu righ nan Iudhach? Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Tha thu ga radh, 4 Us thuirt Pilat ris na h-ard-shagairt ʼs ris an t-sluagh: Cha n-eil mi faighinn coire sam bith anns an duine so. 5 Ach ʼsann bu bhraise a dhʼfhas iad, a g-radh: Tha e togail an t-sluaigh, a teagasg feadh Iudéa uile, a tòiseachadh aig Galile gu ruig so. 6 Ach Pilat a cluinntinn mu Ghalile, dhʼfhaighnich e am bu Ghaliléach e. 7 Agus cho luath ʼsa thuig e gur ann fo chumhachd Heroid a bha e, chuir e e gu Herod, a bha sna laithean sin fhein ann an Ierusalem. 8 Us Herod a faicinn Iosa, thug sin toileachadh mor dha: oir bha e an geall bho cheann fhada air fhaicinn, a chionn gun cuala e moran mu dheidhinn, agus bha dùil aige gum faiceadh e miarailte air choireigin air a dianamh leis. 9 Agus chuir e ceisdean air am moran bhriathran. Ach cha tug e freagairt air bith dha. 10 Agus sheas na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich a sior-chur choire as a leth. 11 Ach chuir Herod us ʼarmailt suarach e; ʼs ga eideadh an trusgan geal, rinn e culaidh-mhagaidh dheth, agus chuir e air ais gu Pilat e. 12 Us rinneadh Herod agus Pilat ʼnan cairdean an latha sin fhein: oir roimh sin bu naimhdean dha cheile iad. 13 ʼS air do Philat na h-ard-shagairt, ʼs na h-uachdrain, agus an sluagh a ghairm ri cheile, 14 Thuirt e riu: Thug sibh gam ionnsuidh an duine so, mar neach a tha cur an t-sluaigh air aimhreadh; agus, seall, an deigh dhomhsʼ a cheasnachadh air ur bialaobh, cha n-eil mi faighinn cionta sam bith san duine so thaobh nan nichean muʼm beil sibhse dianamh casaid air. 15 Agus cha mhua tha Herod: oir chuir mi sibh ga ionnsuidh, agus, seall, cha dʼ rinneadh ni ris mar toillteannach air bàs. 16 Uime sin an deigh a smachdachadh, bheir mi chead da. 17 Agus bha e mar fhiachaibh air a h-aon a leigeil mu sgaoil dhaibh air latha na feille. 18 Us ghlaodh an sluagh uile comhla, a g-radh: Cuir as dhasan, agus leig mu sgaoil dhuinn Barabbas, 19 Neach a thilgeadh am priosan as leth ceannairce araid a rinneadh sa bhaile, ʼs air son muirt. 20 Agus labhair Pilat riu rithist, ʼs e toileach Iosa a leigeil mu sgaoil. 21 Us ghlaodh iadsan a rithist, a g-radh: Ceus e, ceus e. 22 ʼS an treas uair thuirt e riu: Car-son, ciod an t-olc a rinn e? cha n-eil mi faighinn aobhar bàis ann: smachdaichidh mi e ma ta, us leigidh mi chead da. 23 Ach le iolaich aird dhianlean iad a g-iarraidh a cheusadh; agus bhuadhaich an guth-sa. 24 Agus thug Pilat binn, gum faigheadh iad an iarratas. 25 Agus leig e as dhaibh am fear a bha iad a g-iarraidh, ʼsa chuireadh am priosan air son muirt us ceannairce: ach liubhair e Iosa seachad dha ʼn toil. 26 Us nuair bha iad ga thoirt leo, rug iad air Simon araid bho Chirene, ʼs e tilleadh bho thigh-ducha; agus chuir iad a chrois air, gus a giulan an deigh Iosa. 27 Agus bha cuideachda mhor sluaigh agus bhoirionnach ga leanntuinn, a bha a caoidh ʼsa gal air a shon. 28 Agus thuirt Iosa, ʼs e tionndadh riu: A nigheana Ierusalem, na bithibh a gal air mo shonsa, ach guilibh air ur son fhein, ʼs air son ur cloinne. 29 Oir, seall, thig na laithean anns an abair iad: Is sona na mnathan neo-thorrach, ʼs na bronnaichean nach do ghin, ʼs na ciochan nach tug bainne. 30 An sin tòisichidh iad ri radh ris na beanntan: Tuitibh oirnn; ʼs ris na cnuic: Fallaichibh sinn. 31 Oir ma ni iad na nichean so air an fhiodh ùr, ciod a nithear air a chrionaich? 32 Us thugadh dithis eile de dhroch dhaoine comhla ris, gus an cuirteadh gu bàs iad. 33 Agus nuair rainig iad an t-aite ris an abrar Calbhari, cheus iad an sin e, agus na meirlich, fear air an laimh dheis, am fear eile air an laimh chli. 34 Us thuirt Iosa: Athair, thoir mathanas dhaibh, oir cha n-aithne dhaibh ciod a tha iad a dianamh. Agus roinn iad ʼaodach, a tilgeadh chrann. 35 Agus sheas an sluagh a g-amharc, agus rinn na h-uachdrain cuide riu magadh air, a g-radh: Shabhail e feadhainn eile, sabhaladh e e fhein, ma ʼs esan Criosta taghte Dhe. 36 Agus rinn na saighdearan cuideachd fanaid air, a tighinn dluth, ʼsa tairgse fion-gheir dha, 37 ʼSa g-radh: Ma ʼs tu righ nan Iudhach, sabhail thu fhein. 38 Agus bha sgriobhadh mar an ciadna fos a chionn, sgriobhte ann an litrichean Greigis, us Laidinn, us Eabhra: Se so righ nan Iudhach. 39 Agus labhair fear dhe na meirlich a chrochadh blais-bheum ʼna aghaidh, a g-radh: Ma ʼs tu Criosta, sabhail thu fhein agus sinne. 40 Ach am fear eile a freagairt, chronaich e e, a g-radh: Nach eil eagal De unnad, us tu fo ʼn diteadh chiadna? 41 Us sinne gu dearbh le ceartas: oir tha sinn a faighinn mar a thoill ar gniomhan: ach cha dʼ rinn e so olc air bith. 42 Agus thuirt e ri Iosa: A Thighearna, cuimhnich ormsa, nuair a thig thu gu dʼ rioghachd. 43 Agus thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi g-radh riut: An diugh bithidh thu maille riumsa am pàrras. 44 Us bha e mun cuairt do ʼn t-siathamh uair, agus bha dorchadas air an talamh uile gus an naoitheamh uair. 45 Agus thainig dorchadas air a ghrein: agus sthracadh brat an teampuill ʼna mhiadhon. 46 Agus Iosa a g-eigheach le guth ard, thuirt e: Athair, ann ad lamhan tha mi liubhairt mo spioraid. ʼSa g-radh so, thilg e an anail. 47 A nis an ceannard-ciad a faicinn ciod a thachair, thug e gloir do Dhia, a g-radh: Gu dearbh bu duine ionraic e so. 48 ʼS an sluagh uile a chruinnich dhʼionnsuidh an t-seallaidh so, ʼsa chunnaic na rinneadh, thill iad a bualadh an uchd. 49 Agus sheas a luchd-eolais uile, ʼs na boirionnaich, a lean e bho Ghalile, fad as a faicinn nan nichean so. 50 Agus, seall, duine, dha ʼm bʼ ainm Ioseph, a bha ʼna chomhairleach, duine math agus ceart, 51 (Duine nach dʼ aontaich dha ʼn comhairle no dha ʼn dianadas:) bho Arimatéa, baile ann an Iudéa, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe. 52 Chaidh am fear so gu Pilat, agus dhʼ iarr e corp Iosa; 53 Agus air dha a thoirt a nuas, shuain e an anart grinn e, agus chuir e ann an uaigh snaithte á creig e, anns nach deachaidh duine a chur riamh roimhe. 54 Agus bʼ e là an uidheamachaidh a bhʼ ann, us bha an t-sàbaid faisg. 55 Agus chunnaic na boirionnaich, a thainig comhla ris ga leanailt á Galile, an uaigh, ʼs mar a chaidh a chorp a chur. 56 ʼSa tilleadh rinn iad deas spiosradh agus ola; ʼs ghabh iad fois air an t-sàbaid a reir na fainte. |