Lùcas 22 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XXII. CAIB. Iudas a brath Chriosta: an t-suipeir dheirionnach: a chiad chuid de ʼn phais. 1 A nis bha feill an arain neo-ghoirtichte, ris an canar a chàisg, aig laimh; 2 Us bha na h-ard-shagairt, ʼs na Sgriobhaich a sireadh ciamar a chuireadh iad Iosa gu bàs: ach bha eagal an t-sluaigh orra. 3 Ach chaidh satan ann an Iudas, a shloinneadh Iscariot, fear de na dhà-dhiag. 4 ʼS chaidh e agus bhruidhinn e ris na h-ard-shagairt, ʼs ris na h-uachdrain, mu ʼn doigh air am brathadh e dhaibh e. 5 Agus bha iad ro-thoilichte, us rinn iad cumhnant ris airgiod a thoirt da. 6 Agus gheall e. Us dhʼ iarr e fàth a bhrath an ainfhios air an t-sluagh. 7 Agus thainig latha an arain neo-ghoirtichte, air am feumte a chàisg a mharbhadh. 8 Us chuir e Peadar agus Eoin, a g-radh: Falbhaibh, agus deasaichibh dhuinn a chàisg gus gun ich sinn i. 9 Ach thuirt iadsan: Càit an aill leat sinn ga deasachadh? 10 Us thuirt e riu: Seall, agus sibh a dol stigh do ʼn bhaile, coinnichidh fear sibh a giulan cuinneag uisge: leanaibh e thun an tighe anns an teid e stigh; 11 Agus their sibh ri fear an tighe: Tha am maighistir a g-radh riut: Càit a bheil seomar nan aoidhean, far an ith mi chàisg maille ri mo dheisciopuil? 12 Agus fiachaidh esan dhuibh seomar-bìdh farsuinn uidheamaichte, agus deasaichibh an sin. 13 ʼS air dhaibhse falbh, fhuair iad mar a thuirt e riu, agus rinn iad deas a chàisg. 14 ʼS nuair a thainig an uair, shuidh e sios, ʼs an dà ostal dhiag maille ris. 15 Us thuirt e riu: Le ro-mhiann bu mhiann leam a chàisg so ithe maille ribh mum fuilig mi. 16 Oir tha mi g-radh ribh, nach ith mi i á so suas, gus an coimhlionar i ann an rioghachd Dhe. 17 ʼSa glacail na cailis, thug e taing, us thuirt e: Gabhaibh, us roinnibh eadaraibh i. 18 Oir tha mi g-radh ribh nach ol mi de mheas na fionain, gus an tig rioghachd Dhe. 19 ʼSa breith air aran, thug e taing, us bhrist e, us thug e dhaibh, a g-radh: Se so mo chorpsa, a tha air a thoirt seachad air ur son: Dianaibh so mar chuimhneachan ormsa. 20 ʼSa chailis mar an ciadna an deigh na suipreach, a g-radh: Si chailis so an tiomnadh nuadh na mʼ fhuilse, a dhoirtear air ur son. 21 Ach, seall, tha lamh an fhir, a bhrathas mi, maille rium air a bhord. 22 Agus tha Mac an duine gu dearbh a falbh a reir ʼs mar chaidh orduchadh: ach se mo thruaighe an duine sin leis am brathar e. 23 Agus thòisich iad air faighneachd ʼnam measg fhein, co dhiubh a dhianadh so. 24 Agus dhʼeirich consachadh eatorra, co shaoilte bu mhua dhiu. 25 Us thuirt e riu: Tha righrean nan cinneach gan riaghladh le smachd; agus theirear daoine mathasach riusan, aig a bheil cumhachd fos an cionn. 26 Ach cha n-ann mar so a bhios sibhse: ach am fear is mua a tha ʼnur measg, bitheadh e mar am fear is oige; ʼs am fear is ceannard, mar esan a tha frithealadh. 27 Oir co-dhiu is mua am fear a tha ʼna shuidhe aig bord, no ʼm fear a tha frithealadh? nach e am fear a tha aig bord? Ach tha mise ʼnur measgsa mar fhear-frithealaidh. 28 Agus is sibhse iad, a dhʼfhan comhla rium na mʼ bhuairidhean: 29 Agus tha mise a buileachadh oirbhse, mar a bhuilich mʼ Athair ormsa, rioghachd, 30 Los gun ich ʼs gun ol sibh aig mo bhord na mʼ rioghachd; ʼs gun suidh sibh air cathraichean, a toirt breth air dà threibh dhiag Israil. 31 Us thuirt an Tighearna: A Shimoin, a Shimoin, seall, dhʼ iarr Satan sibh, gus ur criathradh mar chruithneachd: 32 Ach ghuidh mi air do shonsa nach failnicheadh do chreideamh: ʼs an deigh do thionndadh, neartaich do bhraithrean. 33 Fhreagair e e: A Thighearna, tha mi deas gu dol am priosan maille riut, araon agus gu bàs. 34 Ach thuirt esan: Tha mi g-radh riut, a Pheadair, nach goir an coileach an diugh, gus an aicheadh thu tri uairean gum bʼ aithne dhut mi. Us thuirt e riu: 35 Nuair a chuir mi air falbh sibh gun sporan, gun mhàla, ʼs gun bhrogan, an robh dad sam bith a dhith oirbh? 36 Ach thuirt iad: Cha robh. An sin thuirt e riu: Ach an drasda am fear aig a bheil sporan gabhadh e e, agus màla mar an ciadna; ʼs am fear aig nach eil, reiceadh e chota, agus ceannaicheadh e claidheamh. 37 Oir tha mi a g-radh ribh, gum feumar so fhathast a tha sgriobhte a bhith air a choimhlionadh unnamsa: Agus bha e air aireamh am measg nan ciontach. Oir tha na nichean, a tha mu mʼ dheidhinnse gu criochnachadh. 38 Ach thuirt iadsan: A Thighearna, faic, tha dà chlaidheamh an so. Us thuirt e riu: Foghnaidh sin. 39 ʼSa dol a mach, thriall e, mar a chleachd e, gu sliabh Olibheit. Agus lean a dheisciopuil e. 40 ʼS nuair a rainig e an t-aite, thuirt e riu: Dianaibh urnaigh, los nach tuit sibh ann am buaireadh. 41 Agus tharruinneadh e bhuapa cho fada ri urchair cloiche: agus a dol air a ghluinean, rinn e urnaigh, 42 A g-radh: Athair, ma se do thoil e, cuir a chailis so seachad orm: ach cha n-e mo thoil-sa, ach do thoil-sa gun robh diante. 43 Agus nochdadh dha aingeal bho neamh ga neartachadh. Agus lean e, ʼs e ann an spairn, air urnaigh na bʼfhaide. 44 Agus thainig fallus air mar bhoinnean fala a sileadh gu làr. 45 ʼS nuair a dhʼeirich e bho urnaigh, ʼsa thainig e gu dheisciopuil, fhuair e iad ʼnan cadal leis a bhròn. 46 Us thuirt e riu: Car-son a tha sibh ʼnur cadal? eiribh, dianaibh urnaigh, los nach tuit sibh ann am buaireadh. 47 ʼS nuair a bha e fhathast a labhairt, seall, sluagh; agus bha esan, dhaʼm bʼainm Iudas, fear de na dhà-dhiag, air an ceann; agus dhluthaich e ri Iosa gus a phogadh. 48 Agus thuirt Iosa ris: Iudais, am beil thu brath Mhic an duine le poig? 49 ʼS iadsan, a bha mun cuairt da, a faicinn ciod a bha gu tachairt, thuirt iad ris: A Thighearna, am buail sinn leis a chlaidheamh? 50 Us bhuail fear dhiu seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e dheth a chluas dheas. 51 Agus thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Fuiligibh an fhad so. ʼS nuair a bhean e dha chluais, leighis e i. 52 Agus thuirt Iosa ris na h-ard-shagairt, ʼs ri uachdrain an teampuill, ʼs ris na seanairean, a thainig ga ionnsuidh: An tainig sibh le claidhean ʼs le bataichean mar gum bʼ ann gu meirleach? 53 Nuair a bha mi a h-uile latha cuide ribh san teampull, cha do shìn sibh lamh am aghaidh: ach si so ur n-uair-sa, agus cumhachd an dorchadais. 54 ʼS ga ghlacadh, thug iad e gu tigh an ard-shagairt: ach lean Peadar e fad as. 55 ʼS nuair a bheothaich iad teine am miadhon an talla, shuidh iad mun cuairt da, us Peadar ʼnam miadhon. 56 ʼS nuair a chunnaic searbhant araid e ʼna shuidhe aig an t-solus, ʼsa ghabh i fior-bheachd air, thuirt i: Bha e so cuideachd maille ris. 57 Ach dhʼaicheadh esan e, a g-radh: A bhoirionnaich, cha n-aithne dhomh e. 58 Agus seal an deigh sin thuirt urra eile, ʼs e ga fhaicinn: Tha thusa dhiu. Ach thuirt Peadar: A dhuine, cha n-eil. 59 ʼS mun cuairt de dhʼaon uair a thìm an deigh sin, chomhdaich feareigin eile air, a g-radh: Gu firinneach bha an duine so comhla ris: oir is Galiléach e. 60 Us thuirt Peadar: A dhuine, cha n-eil fhios agam ciod a tha thu cantuinn. ʼS air ball, ʼs e fhathast a bruidhinn, ghoir an coileach. 61 ʼS an Tighearna a tionndadh, sheall e air Peadar. Agus chuimhnich Peadar air facal an Tighearna, mar a thuirt e: Mu ʼn goir an coileach, aicheadhaidh tu mi tri uairean: 62 Us Peadar a dol mach, ghuil e gu goirt. 63 Agus rinn na fir, a bha cumail Iosa, magadh air, ga bhualadh. 64 Agus chomhdaich iad a shuilean, us bhuail iad san aodann e; agus dhʼ fharraid iad dheth, a g-radh: Fàisnich, co e bhuail thu? 65 ʼSa labhairt blaisbheum, thuirt iad a bharrachd ioma ni eile ʼna aghaidh. 66 Agus cho luath ʼsa bha an latha ann, thionail seanairean an t-sluaigh, ʼs na h-ard-shagairt, ʼs na Sgriobhaich, us thug iad thun an comhairle e, a g-radh: Ma ʼs tu Criosta, innis dhuinn. 67 Us thuirt e riu: Ma dhʼ innseas mi dhuibh, cha chreid sibh mi: 68 ʼS ma chuireas mi ceisd oirbh, cha fhreagair sibh mi, us cha mhua leigeas sibh as mi. 69 Ach an deigh so bithidh Mac an duine ʼna shuidhe air deas laimh cumhachd Dhe. 70 An sin thuirt iad uile: An tusa Mac Dhe? Thuirt esan: Tha sibhse g-radh gur mi. 71 Us thuirt iadsan: Ciod am feum a thʼ againn air tuilleadh teisteanais? oir chuala sinn e bho bhial fhein. |