Lùcas 21 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XXI. CAIB. Leth fheoirlinn na bantraich: na comharran a theid roimh sgrios Ierusalem, ʼs roimh dheireadh an t-saoghail. 1 ʼS air coimhead da, chunnaic e na daoine beartach a tilgeadh an tiodhlaicean anns an ionmhas. 2 Agus chunnaic e mar an ciadna bantrach bhochd araid a cur ann dà fheoirlinn phràise. 3 Us thuirt e: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, gun do chuir a bhantrach bhochd so tuilleadh ann na iad uile. 4 Oir bho ʼn leor mhor chuir iadsan uile ann tobhartasan do Dhia: ach bho h-uireasuidh chuir ise a beo-shlainte uile a bhʼaice ann. 5 Agus ri cuid, a bha g-radh mu ʼn teampull gun robh e air a sgeimheachadh le deagh chlachan ʼs le tobhartasan, thuirt e: 6 Na nichean sin a tha sibh a faicinn, thig na laithean anns nach fagar clach air muin cloiche, nach tilgear sios. 7 Agus dhʼfhaighnich iad dheth, a g-radh: A Mhaighistir, cuin a bhios na nichean so, agus ciod an comharradh nuair a thòisicheas iad air tachairt? 8 Thuirt e: Thugaibh an aire nach bi sibh air ur mealladh: oir thig moran na mʼainmse, a g-radh, is mise e: us tha an t-àm faisg: na rachaibhse uime sin ʼnan deigh. 9 ʼS nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean agus àr-a-mach, na gabhaibh eagal: feumaidh iad sin tachairt an toiseach, ach cha n-eil a chrioch tur fhathast. 10 An sin thuirt e riu: Eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, agus rioghachd an aghaidh rioghachd. 11 Us bithidh crithean-talmhuinn mor ann an ioma aite, agus plaighean, agus gorta, us nichean fuathasach bho neamh, ʼs comharran mora. 12 Ach rompa so uile, cuiridh iad sibhse an laimh, agus ni iad geur-leanmhuinn oirbh, gu ʼr liubhairt do na sinagogan, ʼs do phriosanan, gu ʼr tarruinn air bialaobh righrean agus uachdran as leth mʼ ainmse: 13 Us tachraidh so dhuibh-se mar theisteanas. 14 Socraichibh ma ta ʼnur cridheachan nach smaoinich sibh roimh laimh ciamar a fhreagras sibh. 15 Oir bheir mise dhuibh bial us gliocas, nach urrainn dha ʼr naimhdean uile cur ʼna aghaidh no aicheadh. 16 Agus brathar sibh le ʼr parantan, ʼs le ʼr braithrean, ʼs le ʼr luchd-daimh, ʼs le ʼr cairdean, us cuiridh iad cuid dhibh gu bàs; 17 Agus bithidh fuath aig h-uile duine oirbh as leth mʼainmse: 18 Ach fuiltean de ʼr ceann cha chaillear. 19 ʼNur faighidin gleidhidh sibh ur n-anmannan. 20 Ach nuair a chi sibh Ierusalem air a chuairteachadh le armailt, tuigibh an sin gum beil a sgrios aig laimh. 21 An sin teicheadh iadsan, a tha ann an Iudéa, thun nam beann; us falbhadh iadsan, a tha ʼna miadhon, mach aisde; agus na rachadh iadsan, a tha anns na duchannan, a stigh innte: 22 Oir ʼsiad sin laithean an diughaltais, los gach ni tha sgriobhte a bhith air an coimhlionadh. 23 Ach mo thruaighe iadsan, a tha torrach ʼsa toirt ciche anns na laithean sin: oir bithidh amhghar mor san tir, us corruich an aghaidh an t-sluaigh so. 24 Agus tuitidh iad fo fhaobhar a chlaidhimh; agus bheirear iad an daorsa gus a h-uile cinneadh; agus theid Ierusalem a shaltairt leis na cinnich: gus an coimhlionar amannan nan cinneach. 25 Agus bithidh comharran anns a ghrein, agus anns a ghealaich, agus anns na reultan; ʼs air an talamh airc nan cinneach as leth uamhunn nuallan na mara ʼs nan tonn: 26 Daoine a seargadh as le eagal, ʼs le suil ri ciod a dhʼ eireas do ʼn t-saoghal gu leir: oir bithidh cumhachdan nan neamh air an gluasad; 27 ʼS an sin chi iad Mac an duine a tighinn air neul, le cumhachd mhoir ʼs le gloir. 28 Ach nuair a thòisicheas na nichean so air tachairt, seallaibh an aird, us togaibh suas ur cinn: a chionn tha ur saoradh a teannadh oirbh. 29 Agus labhair e coimheart riu: Seallaibh air a chraoibh-fhige ʼs air na craobhan uile: 30 Nuair a tha iad a cur mach am meas, is aithne dhuibh gum beil an samhradh faisg. 31 Mar sin sibhse, nuair a chi sibh na nichean so tachairt, tuigibh gum beil rioghachd Dhe aig laimh. 32 Gu firinneach tha mi g-radh ribh nach teid an ginealach so seachad, gus an coimhlionar na nichean so uile. 33 Theid neamh agus talamh seachad: ach cha teid mʼ fhacail-sa seachad. 34 Thugaibh an aire dhuibh fhein, eagal ur cridheachan a bhith trom ma dhʼ fhaoidte le sathachd, ʼs le misg, ʼs le curaman na beatha so; ʼs gun tig an là ud oirbh gun fhaireachadh. 35 Oir mar ribe thig e orrasan uile, a tha tamh air uachdar an talmhuinn uile. 36 Dianaibhse uime sin faire ri urnaigh daonnan, los gum measar sibh toillteanach air na nichean so uile a tha ri tighinn a sheachnadh, agus seasamh an lathair Mhic an duine. 37 Agus bha e san latha a teagasg anns an teampull: ach aig an oidhche a dol a mach, bha e fantuinn air sliabh ris an canar Olibhet. 38 Agus much sa mhaduinn bha an sluagh uile a tighinn do ʼn teampull a dhʼ eisdeachd ris. |