Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 20 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XX. CAIB. Dubhfhacal na tuatha: air cis a thoirt do Chésar; ʼs air aiseirigh nam marbh.

1 Us thachair air a h-aon de na laithean sin, nuair a bha e teagasg an t-sluaigh san teampull, ʼsa searmonachadh an t-soisgeil, gun do chruinnich na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich maille ris na seanairean,

2 Agus labhair iad ris, a g-radh: Innis dhuinn ciod an t-ughdaras leis a bheil thu a dianamh nan nichean so? no co esan a thug an t-ughdaras so dhut?

3 Agus a freagairt, thuirt Iosa riu: Farraididh mise cuideachd aon ni dhibhse. Freagraibh mi:

4 Baisteadh Eoin an ann bho neamh a bha e, no bho dhaoine?

5 Ach smaoinich iadsan unnta fhein, a g-radh: Ma their sinn: Bho neamh; their e: Car-son ma ta nach do chreid sibh e?

6 Ach ma their sinn: Bho dhaoine; clachaidh an sluagh uile sinn: oir is cinnteach leo gum bʼ fhaidh Eoin.

7 Agus fhreagair iad nach bʼ aithne dhaibh co as a bha e.

8 Us thuirt Iosa riu: Cha mhua dhʼinnseas mise dhuibhse ciod an t-ughdaras, leis a bheil mi dianamh nan nichean so.

9 Agus thòisich e air an dubhfhacal so a radh ris an t-sluagh: Phlanntaich duine araid fionlios, us shuidhich e air tuath e; us bha e fhein uine fhada an cein-thir.

10 Agus anns an àm fhreagrach chuir e seirbhiseach thun na tuatha, gus iad a thoirt da de thoradh an fhionlios. Chuir iadsan, an deigh a bhualadh, air falbh falamh e.

11 ʼS chuir e rithist seirbhiseach eile air adhart. Ach bhuail iad esan cuideachd, ʼsa toirt tàire dha, chuir iad air falbh falamh e.

12 Agus chuir e fhathast an treas fear. Us leon iad esan mar an ciadna, agus thilg iad a mach e.

13 An sin thuirt tighearna an fhionlios: Ciod a ni mi? cuiridh mi mo mhac gaolach; faodaidh e bhith, nuair a chi iad esan, gun toir iad athadh dha.

14 Nuair chunnaic an tuath e, smaoinich iad unnta fhein: Se so an t-oighre, marbhamaid e, gus an oighreachd a bhith againn fhein.

15 Agus ga thilgeadh a mach as an fhionlios, mharbh iad e. Ciod ma ta a ni tighearna an fhionlios orra?

16 Thig e, us sgriosaidh e an tuath ud, agus bheir e fhionlios do dhʼfheadhainn eile. Air dhaibhse so a chluinntinn, thuirt iad: Na leigeadh Dia.

17 Ach thuirt esan, ʼs e coimhead orra: Ciod e so ma ta a tha sgriobhte: A chlach a dhiult na clacharan, rinneadh clach chinn na h-oisinn dhi?

18 Neach sam bith a thuiteas air a chloich sin, bruthar e; ach an neach air an tuit i, mìn-phronnaidh i e.

19 Agus dhʼiarr na h-ard-shagairt agus na Sgriobhaich an lamhan a chur air sa cheart uair; ach bha eagal an t-sluaigh orra, oir thuig iad gur ann riu fhein a thuirt e an dubhfhacal so.

20 ʼSa cumail giar aire air, chuir iad luchd-foille, a ghabhadh orra fhein a bhith nan daoine naomh, los a ghlacadh ʼna bhriathran, ʼsa liubhradh do chomas ʼs do chumhachd an uachdrain.

21 Agus dhʼfharraid iad dheth, a g-radh: A Mhaighistir, tha fios againn gu bheil thu labhairt ʼsa teagasg gu ceart; ʼs nach eil eisimeil agad ri duine air bith, ach gu bheil thu teagasg slighe Dhe am firinn:

22 Bheil e ceadaichte dhuinn cis a thoirt do Chésar, no nach eil?

23 Ach a beachdachadh air am foill, thuirt esan riu: Car-son a tha sibh gam bhuaireadh?

24 Fiachaibh dhomh peighinn: Co leis an iomhaigh ʼs an sgriobhadh a thʼ oirre? A freagairt, thuirt iad ris: Le César.

25 Us thuirt e riu: Thugaibh ma ta do Chésar na bhuineas do Chésar; agus do Dhia na bhuineas do Dhia.

26 Agus cha bʼ urrainn daibh cron fhaighinn dha fhacal an lathair an t-sluaigh; ʼsa gabhail ioghnaidh as a fhreagairt, dhʼfhan iad samhach.

27 Us thainig cuid de na Sadusaich, a tha g-aicheadh gum beil aiseirigh ann, agus chuir iad ceisd air,

28 A g-radh: A mhaighistir, sgriobh Maois dhuinn: Ma gheobh brathair duine air bith bàs, us bean aige ʼs nach fag e clann, gun gabhadh a bhrathair a bhean, ʼs gun togadh e sliochd dha bhrathair.

29 Bha seachdnar bhraithrean ma ta ann; ʼs ghabh a chiad fhear bean, agus fhuair e bàs gun chloinn.

30 Us ghabh an ath fhear i, agus fhuair esan bàs gun chloinn.

31 Us ghabh an treas fear i. ʼS mar sin an t-seachdnar uile, ʼs cha dʼfhag iad sliochd, agus dhʼeug iad.

32 Mu dheireadh orra uile fhuair a bhean i fhein bàs.

33 Anns an aiseirigh ma ta co am fear dhiubh aig am bi i? oir bha i ʼna mnaoi aig an t-seachdnar.

34 Agus thuirt Iosa riu: Tha clann an t-saoghail so a posadh, agus air an toirt seachad am posadh:

35 Ach iadsan, a mheasar gur airidh iad air an t-saoghal ud, agus air an aiseirigh bho na mairbh, cha phosar iad, ʼs cha ghabh iad mnathan:

36 ʼS cha mhua is urrainn daibh bàs fhaighinn tuilleadh: oir is ionann iad agus na h-ainglean, agus is clann do Dhia iad, bhon is clann na h-aiseirigh iad.

37 A nis gun eirich na mairbh a rithist, dhʼfhiach Maois fhein aig a phreas, nuair ghairm e an Tighearna, Dia Abrahaim, Dia Isaic, us Dia Iacoib.

38 Oir cha n-e Dia nam marbh e, ach nam beo: oir dhasan tha iad beo uile.

39 Agus thuirt cuid de na Sgriobhaich, ʼs iad ga fhreagairt: A Mhaighistir, is math a thuirt thu.

40 ʼS an deigh sin cha robh a dhanadas aca ceisd tuilleadh a chur air.

41 Us thuirt e riu: Ciamar a tha iad a cantuinn gur e Criosta mac Dhài?

42 Ach tha Dài fhein a cantuinn an leabhar nan salm: Thuirt an Tighearna ri mo Thighearna, suidh air mo laimh dheis,

43 Gus an cuir mi do naimhdean ʼnan stol chas dhut.

44 Tha Dài ma ta a cantuinn Tighearna ris: ciamar ma ta is mac dha e?

45 Agus an eisdeachd an t-sluaigh uile, thuirt e ri dheisciopuil:

46 Thugaibh an aire oirbh fhein bho na Sgriobhaich, leis an toil imeachd ann an deiseachan fada, ʼsa tha an deidh air failte sa mhargadh, ʼs air na ciad chathraichean anns na sinagogan, ʼs na ciad aiteachan suidhe aig cuilmean;

47 A tha creachadh tighean bhantrach fo fheall-choltas urnaighean fada. Gheobh iad sin diteadh nas mua.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan