Lùcas 19 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XIX. CAIB. Sacheus a toirt cuilme do Chriosta: dubhfhacal nam punnd: Criosta a marcachd air asail, ʼsa gal thairis air Ierusalem. 1 Agus air dha dol a stigh ann, thriall e tromh Iericho. 2 Us, seall, bha duine ann dha ʼm bʼainm Sacheus; agus bu cheannard nan cismhaor e, ʼs e beartach. 3 Agus bha deidh aige air Iosa fhaicinn, fiach co bʼ e; ʼs cha bʼurrainn da leis an t-sluagh, a chionn gun robh e iosal am pearsa. 4 ʼSa ruith air thoiseach, sthreap e ri craoibh-shicamoir gus fhaicinn: oir bha e gu dol seachad an rathad sin. 5 ʼS nuair thainig Iosa thun an aite, a g-amharc suas chunnaic e e, agus thuirt e ris: A Shacheuis, dian cabhag, ʼs thig a nuas: oir feumaidh mi comhnuidh a ghabhail an diugh na dʼ thigh. 6 Agus rinn e cabhag a nuas, us ghabh e ris le aoibhneas. 7 ʼS nuair a chunnaic iad uile so, bha iad ri monmhur, a g-radh gun robh e air dol gu bhith ʼna aoidh aig duine a tha ʼna pheacach. 8 Agus Sacheus a stad, thuirt e ris an Tighearna: Seall, a Thighearna, tha mi toirt leth mo mhaoin do na bochdan; ʼs ma mheall mi a bheag bho neach air bith, tha mi ga thoirt air ais dha ceithir fillte. 9 Thuirt Iosa ris: Thainig sabhaladh an diugh thun an tighe so: a thaobh gur mac esan cuideachd do Abraham. 10 Oir thainig Mac an duine a shireadh ʼsa shabhaladh na bha caillte. 11 ʼS nuair a bha iad a g-eisdeachd ris na nichean so, lean e us labhair e dubhfhacal, a chionn gun robh e teann air Ierusalem, ʼsa chionn gun robh iad an duil gum faicte rioghachd Dhe gun dàil. 12 Thuirt e uime sin: Chaidh duine uasal araid do dhuthaich fad as, a ghabhail rioghachd dha fhein, agus a thilleadh a rithist. 13 ʼS ghairm e a dheich sheirbhisich, ʼs thug e deich puinnd dhaibh, agus thuirt e riu: Dianaibh marsantachd gus an tig mi. 14 Agus bha fuath aig a luchd-ducha air; ʼs chuir iad teachdaireachd as a dheigh, a g-radh: Cha n-aill leinn an duine so a bhith ʼna righ oirnn. 15 Agus thachair gun do thill e, air dha rioghachd fhaighinn; ʼs dhʼorduich e a sheirbhisich a bhith air an gairm, dha ʼn tug e an t-airgiod, gu fios a bhith aige dé urad ʼsa choisinn gach fear le marsantachd. 16 ʼSa chiad fhear a tighinn, thuirt e: A thighearna, choisinn do phunnd deich puinnd. 17 Us thuirt e ris: Is math a fhuaradh tu, a dheagh sheirbhisich: bho na bha thu dileas am beagan, bithidh thu na dʼ uachdran air deich bailtean. 18 Agus thainig an ath fhear, a g-radh: A thighearna, choisinn do phunnd coig puinnd. 19 Us thuirt e ris-san: Bisa mar an ciadna os cionn choig bhailtean. 20 Agus thainig fear eile, a g-radh: A thighearna, seall do phunnd, a ghleidh mi taisgte ann an neapaicin: 21 Oir bha sgàth agam romhad, a thaobh ʼs gur duine cruaidh thu: tha thu togail ni nach do leag thu, ʼsa buain ni nach do chuir thu. 22 Thuirt e ris: Bho do bhial fhein tha mi toirt breth ort, a sheirbhisich eucoraich: bha fhios agad gur duine cruaidh mi, a togail ni nach do leag mi, ʼsa buain ni nach do chuir mi: 23 Car-son ma ta nach do chuir thu mo chuid airgid sa bhanc, gus, air mo thighinn, gun agrainn e le riadh? 24 Agus thuirt e riusan, a bha ʼnan seasamh lamh ris: Thugaibh am punnd bhuaithe, ʼs thugaibh e dhasan aig a bheil na deich puinnd. 25 Agus thuirt iad ris: A thighearna, tha deich puinnd aige. 26 Ach tha mi g-radh ribh, do ʼn h-uile h-aon, aig a bheil, bheirear, agus bithidh mor-phailteas aige: agus an neach, aig nach eil, bheirear bhuaithe an ni sin fhein a thʼ aige. 27 Ach a thaobh mo naimhdean ud, leis nach bʼaill mi bhith am righ orra, thugaibh an so iad; agus marbhaibh iad na mʼ fhianuis. 28 ʼS an deigh dha so chantuinn, dhʼimich e rompa, a gabhail suas gu Ierusalem. 29 Agus thachair nuair a bha e teannadh air Bethphage agus Betania, aig sliabh ris an canar Olibhet, gun do chuir e air adhart dithis dhe dheisciopuil, 30 A g-radh: Siubhlaibh do ʼn bhaile a tha mu ʼr comhair; ʼsa dol a stigh ann gheobh sibh searrach asail an ceangal, air nach do shuidh duine riamh; fuasglaibh us thugaibh an so e. 31 ʼS ma dhʼfharraideas duine air bith dhibh: Car-son tha sibh ga fhuasgladh? mar so their sibh ris: A chionn gum beil feum aig an Tighearna air a sheirbhis. 32 Agus shiubhail iadsan, a chaidh a chur air adhart; us fhuair iad an searrach ʼna sheasamh, mar a thuirt e riu. 33 ʼS nuair bha iad a fuasgladh an t-searraich, thuirt a shealbhadairean riu: Car-son tha sibh a fuasgladh an t-searraich? 34 Ach thuirt iadsan: A chionn gum beil feum aig an Tighearna air. 35 Us thug iad gu Iosa e. ʼSa tilgeadh an aodaich air an t-searrach, chuir iad Iosa air a mhuin. 36 Agus mar a thriall e, sgaoil iad an aodach fodha air an rathad. 37 ʼS nuair bha e nis dluthachadh air leathad beinn Olibheit, thòisich buidhean a dheisciopul uile le aoibhneas air Dia a mholadh le guth ard, air son nan gniomhan cumhachdach uile, a chunnaic iad, 38 A g-radh: Is beannaichte an righ, a tha tighinn an ainm an Tighearna, sith air neamh, us gloir ʼs na h-ardaibh. 39 Agus thuirt cuid dhe na Phairisich a bha measg an t-sluaigh ris: A Mhaighistir, cronaich do dheisciopuil. 40 Riu so thuirt e: Tha mi g-radh ribh, ma bhios iad so samhach, eighidh na clachan. 41 Agus nuair tharruinn e faisg, ri faicinn a bhaile, ghuil e thairis air, a g-radh: 42 Nam bʼ aithne dhut, seadh dhutsa, agus sin na dʼ là so fhein, na nichean a tha gu sith dhut? ach a nis tha iad falaichte bho do shuilean. 43 Oir thig na laithean ort: us cladhaichidh do naimhdean staing mu dʼ thimchioll agus cuairtichidh iad thu; agus teannaichidh iad thu air gach taobh; 44 Agus leagaidh iad ris an làr thu, agus do chlann a tha unnad, ʼs cha n-fhag iad unnad clach air muin cloiche: chionn ʼs nach bʼ aithne dhut àm tʼ fhiachuinn. 45 ʼS air dha dol a stigh do ʼn teampull, theann e ri tilgeadh a mach na feadhnach, a bha reic ʼsa cearmach ann, 46 A cantuinn riu: Tha e sgriobhte: Is tigh urnaigh mo thigh-sa. Ach rinn sibhse uamha mheirleach dheth. 47 Agus bha e teagasg san teampull a h-uile latha. Agus bha na h-ard-shagairt agus na Sgriobhaich agus uachdrain an t-sluaigh a g-iarraidh cur as da: 48 ʼS cha robh iad a faighinn ciod a dhianadh iad air. Oir bha an sluagh uile an ro-gheall air a chluinntinn. |