Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 18 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XVIII. CAIB. Feumaidh sinn a bhith ri urnaigh gun lasachadh; am Phairiseach ʼs an cismhaor; cunnart a bheartais; an dall a faighinn a fhradhairc.

1 Agus labhair e dubhfhacal riu, gur còir dhuinn a bhith ri urnaigh daonnan, ʼs gun fhailneachadh,

2 A g-radh: Bha britheamh ann am baile araid, anns nach robh eagal De, no suim de dhuine.

3 Agus bha bantrach araid anns a bhaile chiadna, agus thainig i ga ionnsuidh, a g-radh: Dian diughaltas domh air mo namhaid.

4 ʼS cha bʼ aill leis fad moran uine. Ach mu dheireadh thuirt e ris fhein: Ged nach eil eagal agam romh Dhia, no suim de dhuine:

5 A dhʼ aindeoin sin, bhon tha bhantrach so draghail domh, ni mi diughaltas air a son, eagal le sior-thighinn gun saraich i mi.

6 Us thuirt an Tighearna: Cluinnibh cioda tha am britheamh eucorach a cantuinn:

7 Agus nach dian Dia diughaltas air son a dhaoine taghte, a tha g-eigheach ris a latha ʼsa dhʼoidhche; ʼs am bi faighidin aige gan taobh?

8 Tha mi g-radh ribh gun dian e diughaltas gu h-ealamh air an son. An deigh sin nuair a thig Mac an duine, an saoil sibh, am faigh e creideamh air talamh?

9 Agus ri cuid, a bha earbsach asda fhein mar dhaoine cearta, us taireil air feadhainn eile, labhair e an dubhfhacal so:

10 Chaidh dithis dhaoine suas do ʼn teampull a dhianamh urnaigh: fear ʼna Phairiseach, ʼs am fear eile ʼna chismhaor.

11 Am Phairiseach ʼna sheasamh, rinn e urnaigh mar so ann fhein: O Dhia, tha mi toirt taing dhut nach eil mi mar a chuid eile de dhaoine, ʼnan luchd-foirneirt, ana-cearta, adhaltranach: no mar an cismhaor so fhein.

12 Tha mi trasgadh dà uair san t-seachduin: tha mi toirt an deachaimh bhuam de gach ni thʼ agam.

13 ʼS an cismhaor ʼna sheasamh fad air ais, cha bʼaill leis urad ʼsa shuilean a thogail suas gu neamh: ach bhuail e ʼuchd, a g-radh: O Dhia, bi iochdor riumsa am pheacach.

14 Tha mi a g-radh ribh: chaidh an duine so sios gu thigh air a naomhachadh a raghainn air an fhear eile: oir a h-uile duine a dhʼardaicheas e fhein, theid isleachadh; ʼs am fear a dhʼ islicheas e fhein, theid ardachadh.

15 Agus thug iad leanabanan cuideachd ga ionnsuidh gus e bheantuinn daibh. ʼS nuair a chunnaic na deisciopuil so, chronaich iad iad.

16 Ach Iosa gan gairm h-uige fhein, thuirt e: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidhse, ʼs na bacaibh iad: oir ʼsann do ʼn leithidean sin a tha rioghachd Dhe.

17 Gu firinneach tha mi g-radh ribh: Co sam bith nach glac rioghachd Dhe mar leanabh, nach teid e a stigh innte.

18 Agus dhʼ fharraid uachdran araid dheth, a g-radh: A mhaighistir mhath, ciod a ni mise gus a bheatha shiorruidh a shealbhachadh?

19 Us thuirt Iosa ris: Car-son tha thu cantuinn math riumsa? neach idir cha n-eil math ach Dia ʼna aonar.

20 Is aithne dhut na faintean: Na dian murt: Na dian adhaltras: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige: Thoir onair dha dʼathair, ʼs dha dʼ mhathair.

21 Thuirt e: Chum mi iad sin uile bho mʼ oige.

22 Nuair chuala Iosa so, thuirt e ris: Tha aon ni fhathast a dhith ort: reic a h-uile ni a thʼ agad, us builich air na bochdan, agus bithidh iuntas agad ann am flathanas; agus thig lean mise.

23 Air dhasan so chluinntinn, dhʼfhas e brònach: a chionn bha e gle bheartach.

24 Agus thuirt Iosa, ʼs e faicinn gun dʼfhas e brònach: Nach duilich dhaibhse aig a bheil beartas dol a stigh do rioghachd Dhe!

25 Oir is fhasa do chamhal dol tro chrò snathaid, na do dhuine beartach dol a stigh do rioghachd Dhe.

26 Agus thuirt an fheadhainn a bha ga chluinntinn: Co ma ta is urrainn a bhith sabhailte?

27 Thuirt e riu: Na nichean tha do-chomasach do dhaoine, tha iad comasach do Dhia.

28 An sin thuirt Peadar: Seall, threig sinn gach ni, agus lean sinn thu.

29 Thuirt e riu: Gu firinneach tha mi g-radh ribh: cha n-eil duine air bith a dhʼ fhag tigh, no parantan, no braithrean, no bean, no clann, air son rioghachd Dhe,

30 Nach fhaigh moran tuille san àm so, agus a bheatha shiorruidh anns an t-saoghail a tha ri tighinn.

31 An sin ghabh Iosa na dhà-dhiag ga ionnsuidh, us thuirt e riu: Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus coimhlionar a h-uile ni a sgriobhadh leis na faidhean mu Mhac an duine.

32 Oir liubhrar e do na cinnich, ʼs ni iad magadh air, agus sgiursar e, agus caithear smugaidean air;

33 ʼS an deigh dhaibh a sgiursadh, cuiridh iad gu bàs e, agus air an treas latha eiridh e rithist.

34 Agus cha do thuig iadsa ni dhiu so, ʼs bha am facal so am falach orra, agus cha robh iad a tuigsinn na chaidh a radh.

35 A nis thachair, nuair a bha e teannadh air Iericho, gun robh dall araid ʼna shuidhe aig oir an rathaid a g-iarraidh deirce.

36 ʼS nuair a chual e an sluagh a gabhail seachad, dhʼ fharraid e ciod a bhʼann.

37 Agus dhʼinnis iad dha gun robh Iosa bho Nasareth a dol seachad.

38 ʼS ghlaodh e, a g-radh: Iosa, a mhic Dhài, dian trocair orm.

39 Agus chronaich an fheadhainn a bha air thoiseach e, gus e bhith ʼna thosd. Ach ʼsann is mua gu mor a ghlaodh e: A mhic Dhài, dian trocair orm.

40 Agus Iosa a stad, dhʼ orduich e a thoirt ga ionnsuidh. ʼS nuair thainig e faisg, dhʼfharraid e dheth,

41 A g-radh: Ciod is aill leat mi dhianamh dhut? Ach thuirt e: A Thighearna, gum faic mi.

42 Us thuirt Iosa ris: Faic, rinn do chreideamh slan thu.

43 Agus san uair chunnaic e, agus lean e e, a toirt gloire do Dhia. ʼS thug an sluagh uile, ʼs iad a faicinn so, moladh do Dhia.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan