Lùcas 16 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XVI. CAIB. Dubhfhacal an stiubhairt eucoraich: an duine beartach agus Lasarus. 1 Agus thuirt e cuideachd ri dheisciopuil: Bha duine beartach araid ann aig an robh stiubhart: agus rinneadh casaid ris uime, gun robh e air a chuid a mhilleadh. 2 Agus ghairm e e, us; thuirt e ris: Ciod e so tha mi cluinntinn mu dʼ dheidhinn? thoir cunntas air do stiubhartachd: oir cha n-fhaod thu bhith ad stiubhart nas fhaide. 3 An sin thuirt an stiubhart ris fhein: Ciod a ni mi, chionn tha mo thighearna a toirt bhuam mo stiubhartachd? Ruamhar cha n-urrainn domh, deirc iarraidh is nàir leam. 4 Is aithne dhomh ciod a ni mi, los, nuair a bheirear bhuam mo stiubhartachd, gun gabh iad stigh do ʼn tighean mi. 5 Uime sin a gairm ri cheile a h-uile h-aon de luchd-ain-fhiach a thighearna, thuirt e ris a chiad fhear: Dé urad ʼsa thʼaig mo thighearna ortsa? 6 Us thuirt e: Ciad baraill ola. Us thuirt e ris: Gabh do sgriobhadh, us suidh sios gu h-ealamh, us sgriobh leth chiad. 7 An sin thuirt e ri fear eile: Ach thusa, dé urad ʼsa thʼ aig ortsa? Thuirt e: Ciad tomhas cruithneachd. Thuirt e ris: Gabh do sgriobhadh agus sgriobh ceithir fichead. 8 Agus mhol an tighearna an stiubhart eucorach, a thaobh ʼs gun dʼ rinn e gu glic: chionn tha clann an t-saoghail so nas glice ʼnan ginealach fhein na clann an t-soluis. 9 Agus tha mi g-radh ribh: dianaibh dhuibh fhein cairdean le mammon an uilc, air chor ʼs nuair a dhʼfhailnicheas sibh, gun gabh iad stigh sibh do phaillionan siorruidh. 10 Esan a tha dileas anns an ni is lugha, tha e dileas cuideachd anns an ni is mua; agus esan a tha eucorach san ni is lugha, tha e eucorach cuideachd san ni is mua. 11 Mur robh sibh ma ta dileas anns a mhammon eucorach, co dhʼearbas ribh an ni a tha firinneach? 12 ʼS mur robh sibh dileas ann an cuid an atharraich, co a bheir dhuibh ur cuid fhein? 13 Cha n-urrainn do sheirbhiseach sa bith dà mhaighistir a sheirbhiseachadh: oir bheir e fuath do ʼn darna fear, agus gaol doʼn fhear eile; no cuiridh e suas ris an darna fear, agus ni e diu deʼn fhear eile: cha n-urrainn duibh Dia a sheirbhiseachadh agus mammon. 14 A nis chuala na Phairisich, a bha sanntach, na nichean so uile; us rinn iad fanaid air. 15 Us thuirt e riu: Is daoine sibh a tha gu ʼr cur fhein ceart an lathair dhaoine: ach is aithne do Dhia ur cridheachan: oir an ni a tha an ardmheas aig daoine, is grainealachd e an lathair Dhe. 16 Bha an lagh ʼs na faidhean ann gu ruig Eoin: bho sin bhathas a searmonachadh rioghachd Dhe, ʼs tha h-uile duine dianamh dian-stri ga h-ionnsuidh. 17 Agus is fhasa do neamh ʼs do ʼn talamh dol seachad, na do aon lide de ʼn lagh failneachadh. 18 A h-uile fear a chuireas air falbh a bhean ʼsa phosas té eile, tha e a dianamh adhaltrais; ʼs am fear a phosas an té a chuireadh air falbh bho a fear, tha e a dianamh adhaltrais, 19 Bha duine araid saibhir ann, a bha air eideadh am purpur ʼs an anart grinn, ʼsa bha g-ithe gu soghail a h-uile latha. 20 Agus bha diol-deirc ann dha ʼm bʼainm Lasarus, a bha ʼna laidhe aig a ʼgheata lan chreuchdan, 21 A miannachadh a bhith air a shasachadh leis na criomagan a bha tuiteam bho bhord an duine shaibhir, ʼs cha robh gin gan toirt dha: ach thainig na coin agus dhʼ imlich iad a chreuchdan. 22 Agus thachair gun dʼ fhuair an diol-deirc bàs, ʼs gun do ghiulaineadh e le ainglean gu uchd Abrahaim. Us fhuair an duine saibhir e fhein bàs: agus thiodhlaiceadh ann an iutharna e. 23 ʼSa togail suas a shuilean, nuair a bha e an doruinn, chunnaic e Abraham fad as, agus Lasarus ʼna uchd; 24 Agus dhʼeigh e, us thuirt e: Athair, Abrahaim, gabh truas dhiom, agus cuir Lasarus a thumadh barr a mheoir an uisge gus mo theanga fhuarachadh, ʼs mi air mo chràdh san lasair so. 25 Us thuirt Abraham ris: A mhic, cuimhnich gun dʼ fhuair thusa nichean matha ri do bheo, agus Lasarus mar an ciadna nichean olca: ach tha e nis ann an sòlas, us thusa an doruinn. 26 ʼSa bharrachd air so uile, eadar sinne agus sibhse tha aibheis mhor air a suidheachadh, air nach urrainn daibhsan dol thairis, a dhʼ iarras á so h-ugaibhse, no tighinn a nall h-ugainn bhuaibhse. 27 Us thuirt e: Tha mi guidhe ort ma ta, athair, gun cuir thu e gu tigh mʼathar: 28 Oir tha coignear bhraithrean agam, gus e thoirt teisteanais dhaibh, eagal gun tig iadsan cuideachd gu àite na doruinne so. 29 Agus thuirt Abraham ris: Tha Maois ʼs na faidhean aca: eisdeadh iad riusan. 30 Ach thuirt esan: Cha n-eadh, athair Abraham; ach ma theid aon gan ionnsuidh bho na mairbh, gabhaidh iad aithreachas. 31 Us thuirt e ris: Mur eisd iad ri Maois agus ris na faidhean, cha mhua chreideas iad, ged a dhʼeireadh neach bho na mairbh. |