Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 12 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XII. CAIB. Criosta ga ʼr cur air ar faicill romh cheilg, romh eagal an t-saoghailse, agus romh shannt; us ga ʼr comhairleachadh gu faire a dhianamh.

1 Agus air do dhʼanabharr sluaigh a bhith mun cuairt da, air dhoigh ʼs gun robh iad a saltairt air a cheile, thòisich e air radh ri dheisciopuil: Thugaibh an aire dhuibh fhein bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, se sin cealgaireachd:

2 Oir cha n-eil ni am falach, nach tig am follais; no ceilte, air nach faighear fios.

3 Chionn na nichean a labhair sibh san dorchadas, innsear iad san t-solus; agus an ni a labhair sibh sa chluais sna seomraichean, searmonaichear e air mullach nan tighean.

4 Agus tha mi g-radh ribhse, mo chairdean: Na gabhaibh eagal romh ʼn fheadhainn a mharbhas a choluinn, ʼs aig nach eil ni tuilleadh an deigh sin a ni iad.

5 Ach fiachaidh mi dhuibh co roimh a ghabhas sibh eagal: gabhaibh eagal roimhsan, aig a bheil comas, an deigh dha neach a mharbhadh, a thilgeadh a dhʼiutharna. Seadh, tha mi g-radh ribh: Bitheadh eagal-san oirbh.

6 Nach eil coig gealbhuinn gan reic air dà fhairdein, ʼs cha n-eil a h-aon dhiu air dhiochuimhnʼ an lathair Dhe?

7 Ach tha dearbh fhuilteinean ur cinn air an aireamh uile. Na gabhaibh ma ta eagal: is mua luach sibhse na moran ghealbhonn.

8 Agus tha mise g-radh ribh: a h-uile neach a dhʼ aidicheas mise an lathair dhaoine, aidichidh Mac an duine esan an lathair ainglean De:

9 Ach esan a dhʼaicheadhas mise an lathair dhaoine, aicheadhar e an lathair ainglean De.

10 Agus co air bith a their facal an aghaidh Mhic an duine, mathar dha e: ach cha mhathar dhasan, a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh.

11 Agus an uair a bheir iad sibh thun nan sinagog, ʼs nan uachdran, ʼs nan cumhachdan, na biodh imcheist oirbh ciamar no ciod a fhreagras sibh, no ciod a their sibh:

12 Chionn teagaisgidh an Spiorad Naomh dhuibh san uair sin fhein ciod is còir dhuibh a radh.

13 Agus thuirt a h-aon de ʼn t-sluagh ris: A Mhaighistir, abair ri mo bhrathair an oighreachd a roinn rium.

14 Ach thuirt e ris: A dhuine, co dhʼorduich mise na mʼ bhritheamh, no na mʼ fhear-roinn fos ur cionn?

15 Us thuirt e riu: Bithibh furachail, agus faicilleach oirbh fhein bho ʼn h-uile sannt: chionn cha n-ann am pailteas nan nichean, a tha duine mealtuinn, a tha bheatha.

16 Agus labhair e coimheart riu, a g-radh: Thug fearann duine bheartaich àraidh a mach barr tarbhach.

17 Agus smaoinich e ann fhein, a g-radh: Ciod a ni mi, chionn cha n-eil aite agam san cuir mi mo bharr?

18 Us thuirt e: So mar ni mi: leagaidh mi mo shaibhlean, agus togaidh mi feadhainn nas mua; us cruinnichidh mi unnta gach ni dhʼfhas domh, agus mo mhaoin;

19 Agus their mi ri mʼ anam: Anma, tha moran de nichean matha mu seach agad mu choinneamh moran bhliadhnaichean; gabh socair, ith, ol, meal do shògh.

20 Ach thuirt Dia ris: Amadain, an nochd fhein iarraidh iad tʼanam ort: agus co aig a bhitheas na chuir thu ri cheile?

21 Is amhuil esan, a tha tasgadh ionmhais dha fhein, ʼs nach eil beartach a thaobh Dhe.

22 Us thuirt e ri dheisciopuil: Uime sin tha mi g-radh ribh: na biodh iomaguin oirbh mu ʼr beatha, ciod a dhʼitheas sibh, no mu ʼr coluinn, ciod a chuireas sibh umaibh.

23 Is mua a bheatha na am biadh, agus is mua a choluinn na an t-aodach.

24 Gabhaibh beachd air na fithich, oir cha n-eil iad a cur no buain, cha n-eil tigh-tasgaidh aca no sabhal, agus tha Dia gam beathachadh. Nach mor is mua luach sibhse na iadsan?

25 Agus co dhibh is urrainn le smaoineachadh aon lamh-choille a chur ri airde fhein?

26 Mur urrainn duibh ma ta an ni is lugha dhianamh, car-son tha imcheist oirbh mu na nichean eile?

27 Seallaibh na lilidhean, mar a tha iad a fàs: cha n-eil iad ri saothair, cha mhua tha iad ri sniomh: an deigh sin tha mise g-radh ribh: nach robh Solomon fhein ʼna uile ghloir air eideadh mar a h-aon dhiu sin.

28 A nis ma tha Dia a sgeadachadh mar so an fheoir, a tha an diugh san achadh, agus am maireach air a thilgeadh san àmhuinn, nach mua gu mor na sin sibhse, a lag-chreidich?

29 Agus na iarraibhse ciod a dhʼitheas sibh, no ciod a dhʼ olas sibh; ʼs na siribh gu ard-inbhe:

30 Chionn orra sin uile tha cinnich an t-saoghail an geall. Agus is aithne dha ʼr n-Athair gum beil feum agaibh air na nichean sin.

31 Ach iarraibh an toiseach rioghachd Dhe, agus a cheartas-san; agus cuirear na nichean sin uile ribh.

32 Na biodh eagal oirbh, a threud bheag, ʼs gun do dheonaich ur n-Athair rioghachd a thoirt dhuibh.

33 Reicibh na thʼagaibh, agus thugaibh seachad deirc. Dianaibh dhuibh fhein sporain, nach fàs sean, iuntas am flathanas nach faillinich, far nach tig meirleach am fagus, ʼs nach caith an reudan.

34 Oir far a bheil ur n-iuntas, an sin bithidh ur cridhe cuideachd.

35 Biodh ur leasraidh crioslaichte, agus ur lochrain laiste ʼnur lamhan,

36 Agus sibh coltach ri daoine a feitheamh ri ʼn tighearna, nuair a thilleas e bho ʼn bhainis; air chor ʼs, nuair a thig e ʼsa bhuaileas e, gum fosgail iad dha an tiotadh.

37 Is beannaichte na seirbhisich sin, a gheobh an tighearna, nuair a thig e, ri faire: gu deimhinn tha mi g-radh ribh, gun crioslaich e e fhein, ʼs gun toir e orra suidhe sios gu biadh, ʼsa dol seachad gum fritheil e dhaibh.

38 ʼS ma thig e san darna faire, no ma thig e san treas faire, ʼs gum faigh e mar sin iad, is beannaichte na seirbhisich sin.

39 Ach biodh fios agaibh air so, nam biodh brath aig fear-an-tighe, ciod e an uair air an tigeadh am meirleach, gu cinnteach dhianadh e faire, ʼs cha leigeadh e le thigh a bhith air a bhristeadh.

40 Bithibh-se ma ta deas: oir thig Mac an duine an uair nach saoil sibh.

41 Us thuirt Peadar ris: A Thighearna, an ann ruinne a tha tlm a labhairt an dubh-fhacail so, no an ann riu uile?

42 Us thuirt an Tighearna: Co shaoileas tu a tha ʼna stiubhart dileas agus glic, a tha a thighearn a cur fos cionn a theaghlaich, gus an tomhas cruithneachd a thoirt dhaibh ʼna àm?

43 Is beannaichte an seirbhiseach sin, a gheobh a thighearna, nuair a thig e, a dianamh mar so.

44 Gu firinneach tha mi radh ribh, gun cuir e e fos cionn gach ni a thʼaige.

45 Ach ma their an seirbhiseach sin ʼna chridhe: Tha mo Thighearna a dianamh moille ʼna thighinn; ʼs gun tòisich e air na seirbhisich ʼs na ban-sheirbhisich a bhualadh, ʼs air iche, ʼs air ol, ʼsa bhith air mhisg:

46 Thig tighearna an t-seirbhisich sin air latha nach eil duil ris, agus air uair nach fhios da, us tearbaidh e e, agus orduichidh e a chuibhrionn maille ris na h-anacreidich.

47 Ach an seirbhiseach sin, dha ʼm bʼaithne toil a thighearna, ʼs nach dʼ rinn e fhein deas, ʼs nach dʼrinn air reir a thoil, sgiursar e le ioma strachd.

48 Ach esan dha nach bʼ aithne, ʼsa rinn nichean toillteanach air smachdachadh, sgiursar le beagan bhuillean. Agus neach air bith dha ʼn tugadh moran, agrar moran air; agus an neach ris an dʼ earb iad moran, iarraidh iad nas mua air.

49 Thainig mise a thilgeadh teine air an talamh, agus ciod is math leam ach gum bi e air fhadadh?

50 Agus tha baisteadh agam ri bhith air mo bhaisteadh leis, agus ciamar a tha mi air mo theannachadh gus an coimhlionar e?

51 An saoil sibh gur h-ann a thoirt sith air talamh a thainig mi? Cha n-ann, tha mi g-radh ribh, ach dealachadh:

52 Chionn á so suas bithidh coignear air an roinn anns an aon tigh, triuir an aghaidh dithis, agus dithis an aghaidh triuir:

53 Bithidh an t-athair air a roinn an aghaidh a mhic, agus am mac an aghaidh ʼathar, a mhathair an aghaidh na h-ighinne, ʼs an nighean an aghaidh a mathar, a mhathair-cheile an aghaidh bean a mic, agus bean a mhic an aghaidh a mathar-ceile.

54 Agus bha e mar an ciadna g-radh ris an t-sluagh: Nuair a chi sibh nial a g-eirigh bho ʼn airde-an-iar, grad-their sibh: Tha fras a tighinn; us tha e mar sin.

55 ʼS nuair sheideas a ghaoth á deas, their sibh: Bithidh teas ann; us tha e ann.

56 A chealgairean, is aithne dhuibh breth a thoirt air coltas nan speur ʼs an talmhuinn: ach ciamar nach aithne dhuibh breth a thoirt air an aimsir so?

57 Agus car-son nach eil sibh cuideachd a breithneachadh bhuaibh fhein an ni a tha ceart?

58 ʼS nuair a bhitheas thu dol le do namhaid thun an uachdrain, thoir ionnsuidh san t-slighe air thu fhein shaoradh bhuaithe; eagal gun tarruinn e thu ma dhʼ fhaoidte thun a bhrithimh, ʼs gun liubhair am britheamh thu do ʼn mhaor, agus gun tilg am maor thu ann am priosan.

59 Tha mi g-radh riut: nach teid thu mach á sin, gus am paigh thu a pheighinn mu dheireadh.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan