Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 11 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XI. CAIB. Tha e fiachuinn dha dheisciopuil mar a dhianadh iad urnaigh; a tilgeadh a mach deomhain bhailbh; a cur nam Phairiseach samhach; ʼsa g-innse nan truaighean a thigeadh orra as leth an cealgaireachd.

1 Us thachair nuair bha e ri urnaigh an aite araid, an deigh sgur dhi, gun tuirt fear dhe dheisciopuil ris: A Thighearna, ionnsuich dhuinn a dhianamh urnaigh, mar a dhʼionnsuich Eoin dha dheisciopuil-sa.

2 Us thuirt e riu: Nuair a ni sibh urnaigh, abraibh: Athair, gum bu naomh a bhios tʼainm, Gun tigeadh do rioghachd.

3 Thoir dhuinn an diugh ar n-aran lathail.

4 Agus math dhuinn ar peacannan, chionn tha sinne a mathadh do luchd ar fiach uile. Agus na leig ann am buaireadh sinn.

5 Us thuirt e riu: Co agaibhse aig am bi caraid, ʼsa theid ga ionnsuidh mu mhiadhon oidhche, ʼsa their ris: A charaide, thoir dhomh coingheall de thri builionnan?

6 Chionn thainig caraid dhomh gam ionnsuidh dhe thurus, ʼs cha n-eil ni agam a chuireas mi air a bhialaobh.

7 Agus gum freagair esan air an taobh stigh, a g-radh: Na cuir dragh orm: tha ʼn dorus a nis duinte, agus tha mo chlann comhla rium anns an leabaidh: cha n-urrainn domh eirigh, ʼs an toirt dhut.

8 Ach ma leanas e air bualadh: tha mi cantuinn ribh, ged nach eirich e gus an toirt dha a chionn gur e a charaid e, gun eirich e air sgàth a leamhachais, ʼs gun toir e dha urad ʼsa tha riatanach dha.

9 Agus tha mise g-radh ribh: Iarraibh, agus bheirear dhuibh; siribh, agus gheobh sibh; buailibh, agus fosglar dhuibh.

10 Chionn h-uile neach a dhʼiarras, bheirear dha; ʼs an neach a shireas, gheobh e; ʼs an neach a bhuaileas, fosglar dha.

11 Agus ma dhʼiarras gin agaibhse aran air ʼathair, an toir e dha clach? no iasg, an toir e dha nathair an aite éisg?

12 No ma dhʼiarras e ubh, an sìn e dha scorpion?

13 Ma ʼs aithne dhuibhse ma ta a tha olc, deagh thiodhlaicean a thoirt dha ʼr cloinn: nach mor is mua, na sin a bheir ur n-Athair bho neamh an spiorad math dhaibhse, a dhʼiarras air e?

14 Agus bha e tilgeadh mach deomhain a bha balbh. Us nuair chuir e mach an deomhan, labhair am balbhan, agus ghabh an sluagh iongantas.

15 Ach thuirt cuid dhiu: Tha e cur mach dheomhan le Beelsebub, prionnsa nan deomhan.

16 Agus bha feadhainn eile a g-iarraidh air, ga bhuaireadh, comharraidh bho neamh.

17 Ach esan, bhon bu leir dha an smaointean, thuirt e riu: A h-uile rioghachd, a tha roinnte ʼna h-aghaidh fhein, sgriosar, agus tuitidh tigh air muin tighe.

18 Ma tha satan ma ta roinnte ʼna aghaidh fhein, ciamar a sheasas a rioghachd? chionn tha sibhse g-radh gur h-ann le Beelsebub a tha mise cur mach dheomhan.

19 A nis ma ʼsann le Beelsebub a tha mise cur a mach dheomhan, co leis a tha ur clann fhein gan cur a mach? Air an aobhar sin bithidh iadsan ʼnam britheamhan oirbh.

20 Ach ma ʼsann le miar Dhe a tha mise cur a mach dheomhan, gun teagamh thainig rioghachd Dhe h-ugaibhse.

21 Nuair a tha duine laidir fo airm a gleidheadh a thighe, tha na bhuineas da an sith.

22 Ach ma thig fear air nas treasa na e fhein, ʼs gum faigh e buaidh air, bheir e bhuaithe airm uile, anns an robh earbsa, agus roinnidh e a chreach.

23 Esan nach eil leam, tha e na mʼ aghaidh; agus esan nach eil a cruinneachadh maille rium, tha e sgapadh.

24 Nuair theid spiorad neoghlan a mach á duine, tha e siubhal tromh aiteachan gun uisge, a sireadh foise; us nuair nach fhaigh e sin, their e: Tillidh mi gu mo thigh, as an dʼfhalbh mi.

25 Agus nuair a thig e, gheobh e e sguabte ʼs air a sgeimheachadh.

26 An sin falbhaidh e agus bheir e leis seachd spioraid eile nas miosa na e fhein, ʼsa tilleadh a stigh tamhaidh iad an sin. Agus bithidh staid dheirionnach an duine sin nas miosa na chiad staid.

27 Agus thachair, nuair a bha e labhairt mar so, guna thog boirionnach araid dhe ʼn t-sluagh a guth, ʼs gun tuirt i ris: Is beannaichte an com a ghiulain thu ʼs na ciochan a dheothail thu.

28 Ach thuirt esan: Seadh, ach is ro-bheannaichte an fheadhainn a dhʼ eisdeas ri facal De, ʼsa chumas e.

29 ʼS nuair a ruith an sluagh cruinn mun cuairt da, thòisich e ri radh: Is ginealach olc, an ginealach so: tha e g-iarraidh comharraidh, us comharradh cha toirear dha, ach comharradh an fhaidh Ionas.

30 Amhuil mar a bhalonas ʼna chomharradh do mhuinntir Ninibhe, is amhuil a bhios Mac an duine do ʼn ghinealach so.

31 Eiridh banrighn na h-airde-deas am breitheanas an aghaidh daoine a ghinealaich so, agus ditidh i iad: chionn thainig ise bho chriochan an talmhuinn a dhʼeisdeachd ri gliocas Sholomoin: agus seall nas mua na Solomon an so.

32 Eiridh muinntir Ninibhe am breitheanas an aghaidh a ghinealaich so, agus ditidh iad e: bho na rinn iad peanas ri searmonachadh Ionais: agus seall nas mua na Ionas an so.

33 Cha n-eil neach air bith nuair a lasas e coinneal, a chuireas am falach i, no fo shaghach: ach an coinnleir; los gum faic iadsan, a thig a stigh, an solus.

34 Si do shuil solus do choluinne. Ma bhios do shuil glan, bithidh do choluinn uile soilleir: ach ma bhios i olc, bithidh do choluinn uile dorcha.

35 Thoir an aire ma ta nach bi an solus a tha unnad ʼna dhorchadas.

36 Air an aobhar sin ma bhios do choluinn uile soilleir, gun sgailein idir a dhorchadas innte, bithidh an t-iomlan soilleir, ʼs mar gheal-lochran bheir i solus dhut.

37 ʼS nuair bha e labhairt, ghuidh Phairiseach araid air a dhinneir a ghabhail comhla ris. ʼSa dol a stigh, shuidh e gu biadh.

38 Us thòisich am Phairiseach ri radh ʼna inntinn fhein, car-son nach dʼionnlaid e e fhein roimh a dhinneir.

39 Agus thuirt an Tighearna ris: A nis tha sibhse, a Phairisiche, a glanadh taobh-mach a chupa ʼs na méise: ach tha an taobh-stigh dhibh lan de reubuinn ʼs de dhʼ olc.

40 Amadana, esan a rinn an taobh-mach, nach dʼrinn e an taobh-stigh cuideachd?

41 Ach se deireadh na cuise, thugaibh deirc seachad: agus, seall, tha h-uile ni glan dhuibh.

42 Ach mo thruaighe sibh, a Phairisiche, chionn tha sibh toirt deachaimh de mhionnt, ʼs de rùdh, agus de ʼn h-uile lus, ʼsa dearmad breitheanas agus carrantachd Dhe: bu chòir gu dearbh iad so dhianamh gun iad sid a dhearmad.

43 Mo thruaighe sibh, a Phairisiche, chionn gur toigh leibh na ciad shuidheachain anns na sinagogan agus failt air a mhargadh.

44 Mo thruaighe sibh, chionn tha sibh mar uaighean, nach eil ri ʼm faicinn, agus air a bheil na daoine a tha falbh air an uachdar aineolach.

45 Agus fhreagair fear araid de ʼn luchd-lagha, a g-radh ris: A Mhaighistir, le so radh tha thu toirt taire dhuinne cuideachd.

46 Ach thuirt esan: Mo thruaighe sibhse cuideachd, a luchd-lagha, chionn tha sibh a cur eallaichean air daoine nach urrainn iad a ghiulan, ʼs le uibhir agus ur miar cha n-eil sibh fhein a beantuinn do ʼn luchd.

47 Mo thruaighe sibh a tha togail uaighean nam faidhean: agus ʼsiad ur n-aithrichean a mharbh iad.

48 Gu cinnteach tha sibh a togail fianuise gum beil sibh a g-aontachadh le gniomhan ur n-aithrichean: oir gu dearbh mharbh iadsan iad, agus tha sibhse a togail an uaighean.

49 ʼSann air son so a thuirt gliocas De: Cuiridh mi gan ionnsuidh faidhean us ostail, agus cuid dhiu marbhaidh iad, ʼs air cuid ni iad geur-leanmhuinn;

50 Los gun agrar air a ghinealach so fuil nam faidhean uile, a dhoirteadh bho thùs an t-saoghail,

51 Bho fhuil Abeil gu fuil Shachariais, a chaidh mharbhadh eadar an altair agus an teampull. Mar sin tha mi g-radh ribh: agrar e air a ghinealach so.

52 Mo thruaighe sibh, a luchd-lagha, chionn thug sibh air falbh iuchair an eolais: cha deachaidh sibh fhein a stigh, agus bhac sibh iadsan, a bha dol a stigh.

53 ʼS nuair a bha e cantuinn nan nichean so riu, thòisich na Phairisich ʼs an luchd-lagha air casadh gu garg ʼna aghaidh, ʼs air a sharachadh mu mhoran nichean,

54 A caitheamh foille air, ʼsa sireadh rudeigin a ghlacadh bho bhial, gus agairt ʼna aghaidh.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan