Lùcas 10 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875X. CAIB. Criosta cur air falbh, ʼsa teagasg a dhà-dhiag agus tri fichead deisciopul: an deagh Shamaritanach. 1 Agus an deigh nan nichean so shonraich an Tighearna mach tri fichead agus dhà-dhiag eile, agus chuir e iad romh a ghnuis lion dithis us dithis gus a h-uile baile agus aite, far an robh e fhein gu tighinn. 2 Us thuirt e riu: Tha ʼm faghar gu dearbh mor, ach an luchd-oibre gann. Guidhibh ma ta air Tighearna an fhaghair luchd-oibre a chur gu fhaghar fhein. 3 Falbhaibh: seall, tha mi gu ʼr cur mar uain am measg mhadaidhean-alluidh. 4 Na giulainibh sporan, no màla, no brogan, ʼs na cuiribh failte air duine sam bith air an rathad. 5 Tigh air bith anns an teid sibh a stigh, abraibh an toiseach: Sith do ʼn tigh so: 6 ʼS ma tha mac na sithe an sin, laidhidh ur sith air: ʼs mur eil, tillidh i h-ugaibh fhein. 7 Agus fanaibh san tigh sin, a g-iche ʼsa g-ol leithid ʼsa thʼaca: oir is fhiach an cosnach a thuarasdal. Na falbhaibh bho thigh gu tigh. 8 Agus baile air bith san teid sibh a stigh, agus anns an gabh iad ribh, ichibh na chuirear air ur bialaobh; 9 Agus leighisibh na h-easlaintich a tha an sin, us abraibh riu: Tha rioghachd Dhe air tighinn dluth oirbh. 10 Ach baile air bith anns an teid sibh a stigh, agus anns nach gabh iad ribh, a gabhail a mach gu sthraidean, abraibh: 11 Gu ruig duslach ur bail e a lean ruinn, tha sinn ga chrathadh dhinn ʼnur n-aghaidh: ach bithibhse cinnteach dhe so, gun tainig rioghachd Dhe faisg dhuibh. 12 Ach tha mise g-radh ribh, gum fiachar air an latha ud tuille baigh do Shodom, na do ʼn bhaile sin. 13 Mo thruaighe thu, a Chorosain, mo thruaighe thu, a Bhethsaida: oir nam bʼ ann an Tirus ʼs an Sidon a dhiante na feartan euchdail, a rinneadh unnaibhse, is fhad bho na ghabhadh iad aithreachas, ʼnan suidhe an cainb-aodach agus ann an luath. 14 Ach fiachar tuille baigh ri Tirus agus ri Sidon na ribhse aig a bhreitheanas. 15 Agus thusa, Chapharnaum, a dhʼardaicheadh gu ruig neamh, tilgear sios thu gu iutharna. 16 Esan a dhʼeisdeas ribhse tha e g-eisdeachd riumsa; agus esan a chuireas suarach sibhse, tha e gam chur-sa suarach. Agus esan a chuireas suarach mise, tha e ga chur-san suarach, a chuir mi. 17 Agus thill an tri fichead us dhà-dhiag le aoibhneas, a g-radh: A Thighearna, tha na deomhain fhein umhailt dhuinn na tʼainmse. 18 Us thuirt e riu: Chunnaic mi Satan a tuiteam á flathanas mar dhealanach. 19 Seall, thug mi dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean agus air scorpionan, agus air uile chumhachd an namhaid; agus cha dochainn nì sibh. 20 An deigh sin na gabhaibh aoibhneas á so, gum beil na spioraid umhailt dhuibh: ach gabhaibh aoibhneas chionn gum beil ur n-ainmean sgriobhte am flathanas. 21 Sa cheart uair sin rinn e aoibhneas san Spiorad Naomh, us thuirt e: Tha mi g-aideachadh dhut, O Athair, a Thighearna neamh agus talmhuinn, a chionn ʼs gun dʼfhalaich thu na nichean so bho dhaoine glice agus turail, ʼs gun do thaisbean thu iad do leanabain. Seadh, Athair: chionn gum facas sin math leat. 22 Liubhradh a h-uile ni dhomhsa le mʼ Athair. Agus cha n-aithne do neach air bith co e am Mac, ach do ʼn Athair; us co e an t-Athair, ach do ʼn Mhac, agus dhasan dha ʼn soilleirich am Mac e. 23 ʼS thuirt e, ʼs e tionndadh ri dheisciopuil: Is beannaichte na suilean, a tha faicinn nan nichean, a tha sibhse a faicinn. 24 Oir tha mise g-radh ribh, gur ioma faidh us righ, le ʼm bʼaill na nichean fhaicinn, a tha sibhse a faicinn, ʼs nach fhac iad; ʼsua nichean a chluinntinn, a tha sibhse a cluinntinn, ʼs nach cual iad. 25 Agus, seall, dhʼeirich fear-lagha araid suas, ga bhuaireadh, ʼsa g-radh: A mhaighistir, ciod a thʼagam ri dhianamh gus a bheatha shiorruidh a chosnadh? 26 Ach thuirt esan ris: Ciod a tha sgriobhte san lagh? ciamar a tha thu leughadh? 27 Thuirt esan, ʼs e freagairt: Bheir thu gaol do ʼn Tighearna do Dhia le tʼuile chridhe, agus le tʼuile anam, agus le tʼuile neart, agus le tʼuile inntinn; agus dha do choimhearsnach mar dhut fhein. 28 Us thuirt e ris: Is math a fhreagair thu: dian-sa so, agus bithidh thu beo. 29 Ach air dhasan deigh a bhith aige air ionracas fhein fhiachuinn, thuirt e ri Iosa: Agus co e mo choimhearsnach? 30 Us thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Chaidh duine araid sios bho Ierusalem gu Iericho, agus thuit e measg mheirleach, a ruisg e; ʼs an deigh a lot, shiubhail iad, ga fhagail leth-mharbh. 31 Agus thachair do shagart àraidh a bhith dol sios an rathad ciadna; ʼs ged a chunnaic e e, ghabh e seachad. 32 Mar an ciadna Lebhiteach cuideachd, nuair a bha e teann air an aite, ʼsa chunnaic e e, ghabh e seachad. 33 Ach air do Shamaritanach araid a bhith gabhail an rathaid, thainig e teann air; ʼs ga fhaicinn, ghabh e truas ris. 34 ʼSa dol ga ionnsuidh, cheangail e lotan, a dortadh ola agus fìona unnta; ʼs ga chur air muin a bheathaich fhein, thug e gu tigh-osda e, agus ghabh e curam dheth. 35 ʼS an ath latha thug e mach dà pheighinn, us thug e do fhear an tigh-osda iad, us thuirt e: Gabh curam dheth; agus ciod sam bith a chosgas tu bharrachd, air mo thilleadh, paidhidh mi thu. 36 Co de ʼn triuir sin, a shaoileas tu, a bha ʼna choimhearsnach dhasan, a thuit am measg nan robairean? 37 Ach thuirt esan: Am fear a rinn trocair air. Us thuirt Iosa ris: Falbh thusa, us dian a leithid. 38 A nis thachair, ʼs iad a triall, gun deach e stigh do bhaile araid; ʼs gun do ghabh boirionnach araid, air an robh Marta mar ainm, a stigh ʼna tigh e; 39 Agus bha piuthar aice, air an robh Mairi, a bha fantuinn ʼna suidhe aig casan an Tighearna, a g-eisdeachd ri fhacal. 40 Ach bha Marta dripeil mu mhoran frithealaidh: agus sheas i, us thuirt i: A Thighearna, nach eil omhail agad gun dʼfhag mo phiuthar mi a fhrithealadh leam fhein? abair rithe ma ta mo chuideachadh. 41 Agus fhreagair an Tighearna, us thuirt e rithe: A Mharta, a Mharta, tha thu lan iomaguin agus bruaidlein mu mhoran nichean. 42 Ach tha aon ni riatanach. Thagh Mairi a chuid is fhearr, nach toirear bhuaipe. |