Lùcas 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875I. CHAIB. Gineamhuinn Eoin Baiste agus Chriosta: turus us duan na h-Oighe beannaichte Moire: breith Eoin agus duan Shachariais. 1 Bho na ghabh moran fos laimh na nichean, a choimhlionadh ʼnar measgne, a sgriobhadh sios an ordugh: 2 Air reir ʼs mar a dhʼinnseadh dhuinn leis an fheadhainn a bha ann bho thoiseach ʼnam fianuisean ʼs ʼnan luchd-frithealaidh doʼn fhacal: 3 Chunnacas iomchuidh leamsa cuideachd, ʼs mi air faotuinn a mach gu dichiollach gach ni bho thoiseach, an sgriobhadh an ordugh dhut, a Theophiluis urramaich, 4 Gu fios a bhith agad air firinneachd nam facal sin, anns an deach do theagasg. 5 An laithean Heroid righ Iudéa, bha sagart araid ann, dhaʼm bʼainm Sacharias, de roinn Abia, ʼs bha a bhean de nigheanan Aaroin, agus bʼe a h-ainm Ealasaid. 6 Agus bha iad le cheile ionraic an lathair Dhe, a g-imeachd ann an uile fhaintean agus riaghailtean an Tighearna gun ghiomh; 7 Agus cha robh mac aca, a chionn gun robh Ealasaid neo-thorrach, ʼs gun robh iad le cheile fad air an adhart an laithean. 8 Us thachair, nuair a bha e an ordugh a chuairt fhein a cur driachd sagairt an gniomh an lathair Dhe, 9 A reir cleachdadh na sagartachd, gum bʼe chrannchur dol a stigh do thigh an Tighearna, agus tùis a thairgse suas; 10 ʼS aig uair na tùise bha co-thional a phobuill uile a g-urnaigh am muigh. 11 Agus chunnacas leis aingeal an Tighearna, ʼna sheasamh air taobh deas altair na tùise. 12 Agus Sacharias ga fhaicinn bha e fo fhurban, us thainig eagal air. 13 Ach thuirt an t-aingeal ris: Na biodh eagal ort, a Shachariais: oir dhʼeisdeadh ri tʼurnaigh; us beiridh do bhean Ealasaid mac dhut, ʼs bheir thu Eoin mar ainm air; 14 Agus bithidh e ʼna aobhar sòlais us aighir dhut, agus gabhaidh moran toil-inntinn as a bhreith. 15 Oir bithidh e mor an lathair an Tighearna; agus cha n-ol e fion, no deoch laidir, agus lionar e leis an Spiorad Naomh, seadh bho bhroinn a mhathar; 16 Us tionndaidhidh e moran de chloinn Israil ris an Tighearna an Dia; 17 Agus imichidh e roimhe ann an spiorad ʼs an cumhachd Eliais; gu cridheachan nan aithrichean a thionndadh ris a chloinn, ʼs na neo-chreidich gu gliocas nan ionraic, agus gu pobull coimhlion uidheamachadh doʼn Tighearna. 18 Agus thuirt Sacharias ris an aingeal: Ciamar a dhʼ aithneas mi so? oir is seann duine mi, agus tha mo bhean fad air a h-adhart an laithean. 19 Fhreagair an t-aingeal us thuirt e ris: Is mise Gabriel, a tha na mʼ sheasamh air bialaobh Dhe; agus chuireadh mi a labhairt riut, ʼsa dhʼinnse naigheachd so an aigh dhut. 20 Agus, seall, bithidh tu balbh, agus gun chomas labhairt gus an latha san tachair so, a thaobh ʼs nach do chreid thu mo bhriathransa, a choimhlionar ʼnan àm fhein. 21 Agus bha am pobull a feitheamh ri Sacharias; agus bʼiongantach leo ciod a bha ga chumail san teampull cho fada. 22 Air dha tighinn a mach cha bʼurrainn da bruidhinn riu, us thuig iad gum faca e sealladh san teampull. ʼS bha e smeideadh riu, agus dhʼ fhan e balbh. 23 Agus thachair, nuair thainig laithean a dhriachd gu ceann, gun dʼ fhalbh e gu thigh fhein. 24 ʼS an deigh nan laithean sin dhʼfhas a bhean Ealasaid lethtromach, agus dhʼfhalaich i i fhein fad choig miosan, a g-radh: 25 A thaobh gur ann mar so a rinn an Tighearna rium anns na laithean air na sheall e orm gus mo mhasladh a thogail dhiom am measg dhaoine. 26 ʼS air an t-siathamh mios chuireadh an t-aingeal Gabriel bho Dhia gu baile an Galile dhaʼn ainm Nasareth, 27 Gu oigh bha fo cheangal posaidh aig duine, dhaʼm bʼ ainm Ioseph, de thigh Dhài, agus bʼ e ainm na h-oighe Moire. 28 ʼS an t-aingeal a dol a stigh ga h-ionnsuidh, thuirt e: Fàilt ort, tha thu lan de na grasan: tha an Tighearna maille riut: Is beannaichte thu am measg nam mna. 29 Nuair chuala ise so, bha i fo bhruaidlean thaobh a chainnt, ʼsa smaoineachadh ciod a ghné altachaʼ-bheatha a bhaʼn so. 30 Us thuirt an t-aingeal rithe: Na biodh eagal ort, a Mhoire, oir fhuair thu grasan an lathair Dhe: 31 Seall, gabhaidh tu na dʼ chom, agus beiridh tu Mac, ʼs bheir thu Iosa mar ainm air. 32 Bithidh e mor, agus theirear Mac an Tì is airde ris, ʼs bheir an Tighearna Dia dha cathair Dhài ʼathair; agus righichidh e an tigh Iacoib a chaoidh, 33 Agus air a rioghachd cha bhi crioch. 34 Us thuirt Moire ris an aingeal: Ciamar a bhios sin, ʼs nach eil aithne agam air duine? 35 ʼS an t-aingeal a freagairt, thuirt e rithe: Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì is airde sgàile ort. Agus air an aobhar sin an Naomh a bheirear leat, theirear Mac Dhe ris. 36 Us, seall, do bhanacharaid Ealasaid, ghin ise cuideachd mac ʼna sean aois; agus se so an siathamh mios dhi-sa, a theirear neo-thorrach rithe: 37 Chionn ʼs nach eil facal air bith do-dhiante do Dhia. 38 Us thuirt Moire: Seall bean-mhuinntir an Tighearna, biodh e diante dhomh a reir tʼ fhacail. Us dhʼfhalbh an t-aingeal bhuaipe. 39 Agus dhʼeirich Moire sna lài sin, agus dhʼ fhalbh i le cabhaig do dhuthaich nam beann gu baile ann an Iuda; 40 Agus chaidh i stigh do thigh Shachariais, us chuir i fàilt air Ealasaid. 41 Us thachair, cho luath ʼsa chuala Ealasaid fàilt Moire, gun do leum an naoidhean ʼna com; agus lionadh Ealasaid leis an Spiorad Naomh; 42 Agus dhʼeigh i le guth ard, us thuirt i: Is beannaichte thu am measg nam mna, agus is beannaichte toradh do bhronn. 43 Agus ciamar tha an rath so orm, gun tigeadh mathair mo Thighearna ga mʼ ionnsuidh? 44 Oir, seall, cho luath ʼsa thainig guth tʼfhàilte gu mo chluasan, leum an naoidhean le aoibhneas na mʼbhroinn. 45 Agus is beannaichte thusa a chreid, a chionn ʼs gun coimhlionar na nichean sin, a chaidh labhairt riut leis an Tighearna. 46 Us thuirt Moire: Tha mʼ anam a g-ardachadh an Tighearna: 47 Us ghlac mo spiorad aoibhneas ann an Dia mo Shlanair. 48 A chionn gun do sheall e air irioslachd a bhan-sheirbhisich: oir, seall, á so suas their a h-uile ginealach beannaichte rium. 49 A chionn gun dʼ rinn esan a tha cumhachdach nichean mora dhomh; agus is naomh ʼainm. 50 Agus bho linn gu linn tha throcair doʼn fheadhainn air a bheil fhiamh. 51 Dhʼfhiach e neart ʼna ghairdean: sgap e na h-uaibhrich am pròis an cridhe fhein. 52 Thilg e na daoine cumhachdach dhe ʼn cathraichean, agus dhʼardaich e na daoine iriosal. 53 Lion e na daoine acrach le nichean matha, ʼs leig e air falbh na daoine saibhir falamh. 54 Ghabh e ri Israel a sheirbhiseach, a cuimhneachadh, a throcaire. 55 A reir ʼs mar dhʼ innis e dhaʼr n-aithrichean, do Abraham, agus dha shliochd gu siorruidh. 56 Us dhʼfhuirich Moire maille rithe mun cuairt do thri miosan, agus thill i gus a tigh fhein. 57 Agus choimhlionadh àm aisead Ealasaid, agus rug i mac. 58 Us chual a coimhearsnaich ʼsa luchd-daimh, gun dʼfhiach an Tighearn a mhor throcair dhi, agus rinn iad co-aoibhneas maille rithe. 59 ʼS air an ochdamh latha thachair, gun tainig iad gus an leanabh a thimchioll-ghearradh, agus bha iad a toirt Sacharias air, ainm athar. 60 Ach fhreagair a mhathair, a g-radh: Cha n-e idir, ach bheirear Eoin air. 61 Us thuirt iad rithe: Cha n-eil aon dhe dʼ chinneadh air a bheil an t-ainm sin. 62 Agus smeid iad air athair, fiach ciod an t-ainm a bʼaill leis a thoirt air. 63 Agus dhʼiarr e clar-sgriobhaidh, agus sgriobh e, a g-radh: Se Eoin ʼainm. Agus ghabh iad uile iongantas. 64 Agus ghrad-dhʼfhosgladh a bhial, us dhʼfhuasgladh a theanga, agus labhair e, a moladh Dhe. 65 Agus thuit eagal air an coimhearsnaich uile; agus sgaoil na briathran so uile feadh bheanntan Iudéa air fad; 66 Us iadsan uile, a chual iad, ghleidh iad ʼnan cridhe iad, a g-radh: Co, a shaoileas tu, bhios san leanabh so? oir bha lamh an Tighearna leis. 67 Agus lionadh Sacharias ʼathair leis an Spiorad Naomh; agus rinn e faidheadaireachd, a g-radh: 68 Beannaichte gun robh an Tighearna Dia Israil: a chionn ʼs gun do sheall e air a phobull, ʼs gun do shaor e e: 69 ʼS gun do thog e adharc shabhalaidh dhuinn an tigh Dhài a sheirbhiseach: 70 (A reir ʼs mar a labhair e á bial fhaidhean naomh fhein, a bha ann bho thoiseach:) 71 Sabhaladh bhoʼr naimhdean, ʼs bho laimh na feadhnach sin uile, a thug fuath dhuinn: 72 Gu trocair fhiachuinn dha ʼr n-aithrichean, ʼsa thiomnadh naomh a chuimhneachadh: 73 Am mionn, a mhionnaich e dha ʼr n-athair Abraham, gun deonaicheadh e dhuinn: 74 Los, air dhuinn a bhith air ar saoradh bho laimh ar naimhdean, gun dian sinn seirbhis dha gun fhiamh, 75 Ann an naomhachd ʼs an ceartas ʼna lathair fad ar laithean gu leir. 76 Agus theirear riutsa, a leinibh, faidh an Tì is airde; oir theid thu roi ghnuis an Tighearna gu shlighean a reiteachadh. 77 Gu eolas an t-sabhalaidh a thoirt dha phobull, gu mathanas am peacannan: 78 Tromh innibh trocair ar Dia, leis an tainig an t-Ur-sholus as na h-ardaibh ga ʼr sealltuinn: 79 Gu soilleireachd a thoirt dhaibhse, a tha ʼnan suidhe ann an dorchadas ʼs an dubhar a bhàis, gu iul a dhianamh dhaʼr casan gu slighe na sithe. 80 Agus dhʼfhas an leanabh, us neartaicheadh e san spiorad; agus bha e anns an fhasach gu latha fhoillseachaidh do Israel. |