Gnìomharan 9 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875IX. CAIB. Tionndadh agus eud Phoil: Peadar a leigheas Enéais, ʼsa toirt beo Tabitha. 1 Agus chaidh Saul, ʼs e fhathast a seideadh bhagradh us casgairt an aghaidh deisciopuil an Tighearna, thun an ard-shagairt, 2 Agus dhʼ iarr e litrichean air gu Damascus thun nan sinagog; los, nam faigheadh e firionnaich us boirionnaich de ʼn aidmheil so, gun tugadh e an geimhlean iad do Ierusalem. 3 ʼS nuair a bha e air a thurus, thachair gun robh e teannadh air Damascus; us air ball dhealraich solus bho neamh mun cuairt da. 4 ʼSa tuiteam air an làr, chual e guth a cantuinn ris: A Shauil, a Shauil, car-son a tha thu dianamh geur-leanmhuinn ormsa? 5 Thuirt esan: Co thu, a Thighearna? Us fhreagair e: Is mi Iosa, air a bheil thusa dianamh geur-leanmhuinn. Is cruaidh dhut breabadh an aghaidh a ghatha. 6 Thuirt esan, ʼs e air chrith agus fo fhuathas: A Thighearna, ciod is aill leat mi dhianamh? 7 Us thuirt an Tighearna ris: Eirich, us falbh a stigh do ʼn bhaile, agus innsear dhut an sin ciod is còir dhut a dhianamh. Us bha na daoine a bha comhla ris ʼnan seasamh lan ioghnaidh, a cluinntinn guth gu dearbh, ach gun duine fhaicinn. 8 Agus dhʼ eirich Saul bho ʼn talamh, ʼs ged dhʼ fhosgail a shuilean cha bu leir dha ni. Ach a breith air laimh air, stiuir iadsan e gu Damascus. 9 ʼS bha e an sin tri laithean gun fhradharc, agus cha dʼ ith e agus cha dʼ ol. 10 A nis bha deisciopul araid ann an Damascus, dha ʼm bʼ ainm Ananias: us thuirt an Tighearna ris ann an sealladh: Ananiais. Us thuirt esan: Seall mi ʼn so, a Thighearna. 11 Us thuirt an Tighearna ris: Eirich, us falbh gus an t-straid ris an canar Direach, us iarr ann an tigh Iudais fear ris an abrar Saul bho Tharsus: oir seall, tha e ri urnaigh. 12 (Agus chunnaic e fear, Ananias air ainm, a tighinn a stigh, ʼsa cur a lamhan air, los gum faigheadh e a fhradharc.) 13 Ach fhreagair Ananias: A Thighearna, chuala mi bho mhoran mu ʼn duine so a mhiad ʼsa rinn e dhʼ olc air do naoimh ann an Ierusalem; 14 Agus tha ordugh an so aige bho na h-ard-shagairt air a h-uile h-aon a cheangal, a tha gairm air tʼ ainmse. 15 Ach thuirt an Tighearna ris: Falbh: oir is saghach taghte an duine so dhomhsa, gu mʼ ainm a ghiulan air bialaobh chinneach, us righrean, us chlann Israil. 16 Oir fiachaidh mise dha cia mor na nichean a dhʼ fheumas e fhulang as leth mʼ ainmse. 17 Us dhʼ fhalbh Ananias, agus chaidh e stigh do ʼn tigh; ʼsa leagadh a lamhan air, thuirt e: A bhrathair Shauil, chuir an Tighearna Iosa, a nochd e fhein dhut san rathad air an robh thu tighinn, mise gus thu dhʼ fhaighinn do fhradhairc, ʼsa bhith air do lionadh leis an Spiorad Naomh. 18 Agus ghrad-thuit bho shuilean mar gum biodh ann lannan, agus fhuair e fhradharc, ʼsa g-eirigh suas, bhaisteadh e. 19 ʼS nuair a ghabh e biadh, fhuair e furtachd. Us bha e beagan laithean comhla ris na deisciopuil, a bha ann an Damascus. 20 ʼS air ball shearmonaich e Iosa sna sinagogan, gur e esan Mac Dhe. 21 ʼS bha iadsan uile, a chual e fo ioghnadh, ʼsa g-radh: Nach e so esan a bha toirt sgriosa ann an Ierusalem orrasan, a bha gairm air an ainm so, ʼsa thainig an so a dhʼ aona ghnothach gus an tarruinn an geimhlean thun nan ard-shagart? 22 Ach ʼsann bu treasa gu mor a chinn Saul, agus chuir e na h-Iudhaich ann an Damascus ʼnam breislich, a comhdach orra gur e so an Criosta. 23 Agus air do mhoran laithean a ruith, chuir na h-Iudhaich an comhairle ri cheile gum marbhadh iad e. 24 Ach rinneadh am feall-fhalach aithnichte do Shaul. Oir chum iad faire air na geataichean a latha ʼsa dhʼ oidhche, los a bheatha ghabhail. 25 Ach na deisciopuil ga thoirt leo san oidhche, ʼs ga chur ann an cliabh, leig iad sios thar a bhalla e. 26 ʼS air dha Ierusalem a ruighinn, thug e ionnsuidh air dol an cuideachda nan deisciopul: ach bha sgàth orra uile roimhe, thaobh ʼs nach robh iad a creidsinn gum bu deisciopul e. 27 Ach ghabh Barnabas e, us thug e thun nan ostal e; us dhʼ aithris e dhaibh mar a chunnacas leis air an t-slighe an Tighearna, a labhair ris cuideachd, agus mar dhʼ oibrich e gu misneachail ann an Damascus an ainm Iosa. 28 Agus bha e dol a stigh ʼsa dol a mach cuide riu ann an Ierusalem, ʼsa g-oibreachadh gu misneachail an ainm an Tighearna. 29 Labhair e ris na cinnich cuideachd, agus bha e deaspud ris na Greigich: ach bha iadsan an geall air a mharbhadh. 30 Nuair fhuair na braithrean fios air so, thug iad sios e do Chesaréa, agus chuir iad air falbh e gu Tarsus. 31 A nis bha sith aig an eaglais air feadh Iudéa uile, us Ghalile, us Shamaria, agus chinn i a g-imeachd an eagal an Tighearna, agus lionadh i le sòlas an Spioraid Naoimh. 32 Us thachair, nuair bha Peadar a falbh gan coimhead uile, gun dʼ rainig e na naoimh, a bha tamh an Lidda. 33 ʼS fhuair e duine araid an sin, dha ʼm bʼ ainm Enéas, ʼna laidhe air a leabaidh bho chionn ochd bliadhna, air an robh a chrith. 34 Us thuirt Peadar ris: Enéais, tha ʼn Tighearna Iosa Criosta ga dʼ leigheas: eirich, us càirich do leaba. Agus dhʼ eirich e san uair. 35 Agus chunnaic luchd-comhnuidh Lidda us Sharoin uile e; agus thionndaidh iad ris an Tighearna. 36 Agus bha ban-dheisciopul araid ann an Ioppe, dha ʼm bʼ ainm Tabitha, se sin ri radh air eadar-theangachadh Dorcas. Bha i so lan de dheagh oibrichean, ʼs de dheirc a bha i toirt seachad. 37 Agus thachair anns na laithean sin, air do thinneas a bualadh, gun do chaochail i. ʼS an deigh dhaibh a nigheadh, chuir iad ann an seomar uachdrach i. 38 Agus bho na bha Lidda teann air Ioppe, chuir na deisciopuil, ʼs iad air cluinntinn gun robh Peadar an sin, dithis ga ionnsuidh, a guidhe air: Na dian moille na dʼ thighinn ga ʼr n-ionnsuidh. 39 Agus Peadar a g-eirigh, chaidh e comhla riu. ʼS nuair a rainig e, thug iad e gus an seomar uachdrach; agus sheas na bantraichean uile mun cuairt da a gal, ʼsa fiachuinn dha nan cotaichean, ʼs nan deiseachan a rinn Dorcas dhaibh. 40 ʼS an deigh an cur uile mach, chaidh Peadar air a ghluinean, agus rinn e urnaigh; ʼsa tionndadh ris a chorp, thuirt e: Thabitha, eirich. Us dhʼ fhosgail i a suilean; ʼsa faicinn Pheadair, dhʼ eirich i ʼna suidhe. 41 ʼSa toirt dhi a laimhe, thog e suas i. ʼS air dha na naoimh ʼs na bantraichean a ghairm, liubhair e dhaibh i beo. 42 Us rinneadh so follaiseach feadh Ioppe uile; agus chreid moran anns an Tighearna. 43 Agus thachair gun dʼ fhuirich e moran laithean ann an Ioppe comhla ri Simon araid, fear-cartadh-leathrach. |