Gnìomharan 8 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875VIII. CAIB. Philip a tionndadh nan Samaritanach, ʼsa baisteadh a chaillteanaich. 1 Agus rinneadh anns an àm sin geur-leanmhuinn mhor an aghaidh na h-eaglais a bha ann an Ierusalem, agus sgapadh iad uile, ach na h-ostail, air feadh dhuchannan Iudéa us Shamaria. 2 Agus ghabh daoine crabhach curam dhe Stephan thaobh a thiodhlaiceadh, us rinn iad moran caoidh fos a chionn. 3 Ach bha Saul a sgriosadh na h-eaglais, a dol bho thigh gu tigh ʼsa slaodadh a mach fhirionnach agus bhoirionnach, ʼs gan sparradh am priosan. 4 Chaidh iadsan ma ta, a sgapadh, mun cuairt a searmonachadh facal De. 5 Agus Philip a dol sios gu baile Shamaria, theagaisg e Criosta dhaibh. 6 Agus leag an sluagh an aire air na nichean bha Philip a labhairt, gan eisdeachd a dhʼ aon aigne, ʼsa faicinn nam miarailtean a rinn e. 7 Oir chaidh na spioraid neoghlan a mach á moran anns an robh iad, a glaodhaich le guth ard. 8 ʼS chaidh moran air an robh an tinneas-critheach, ʼsa bha bacach, a leigheas. 9 Uime sin bha aoibhneas mor anns a bhaile sin. A nis bha duine araid, dha ʼm bʼ ainm Simon, a bha roimh sin ʼna dhraoidh sa bhaile sin, a mealladh muinntir Shamaria, a g-radh gum bu neach-eigin mor e fhein; 10 Dha ʼn tug iad uile cluas bho ʼn bheag gus a mhor, a g-radh: Se am fear so cumhachd Dhe, ris an abrar mor. 11 Agus thug iad eisdeachd dha, a chionn ʼs gun robh e air am buidseachadh fad moran uine le dhraoidheachd. 12 Ach nuair a chreid iad Philip a teagasg mu rioghachd Dhe, bhaisteadh iad eadar dhaoine us mhnathan ann an ainm Iosa Criosta. 13 An sin chreid Simon fhein; ʼs an deigh dha bhith air a bhaisteadh, dhluth-lean e ri Philip. ʼS ri faicinn nan comharran ʼs nam miarailtean a rinneadh, ghlac ioghnadh us uamhas e. 14 A nis nuair a chuala na h-ostail, a bha ann an Ierusalem, gun do ghlac Samaria facal De, chuir iad Peadar us Eoin gan ionnsuidh. 15 ʼS nuair a thainig iad, ghuidh iad air an son gum faigheadh iad an Spiorad Naomh: 16 Oir cha tainig e fhathast air a h-aon diu, ach bha iad air am baisteadh a mhain an ainm an Tighearna Iosa. 17 An sin leag iad an lamhan orra, us ghlac iad an Spiorad Naomh. 18 ʼS nuair a chunnaic Simon gun robhas a toirt seachad an Spioraid Naoimh le leagadh lamhan nan ostal, thairg e airgiod dhaibh, 19 A g-radh: Thugaibh dhomhsa cuideachd a chumhachd so, gun glac neach air bith air an cuir mi mo lamhan an Spiorad Naomh. Ach thuirt Peadar ris: 20 Rachadh tʼ airgiod a dhith maille riut fhein: a chionn gun do shaoil thu gum faoidte gibht Dhe a cheannach le airgiod. 21 Cha n-eil cuid no crannchur agad san teagasg so: oir cha n-eil do chridhe treibhdhireach an lathair Dhe. 22 Gabh aithreachas ma ta as do dhrochbheart so; agus guidh air Dia, fiach ma dhʼ fhaoidte gum mathar dhut smaoineachadh so do chridhe. 23 Oir tha mi faicinn gum beil thu ann an domblas na seirbhe ʼs an cuibhrichean an uilc. 24 An sin Simon a freagairt, thuirt e: Guidhibhse an Tighearna as mo leth, gus nach tig ni orm de na nichean sin a thuirt sibh. 25 ʼ S gu deimhinn an deigh dhaibh fianuis a thoirt, us facal an Tighearna labhairt, thill iad gu Ierusalem, agus shearmonaich iad an soisgeul ann am moran de dhuchannan nan Samaritanach. 26 An sin labhair aingeal an Tighearna ri Philip, a g-radh: Eirich, us theirig gu deas thun an rathaid a tha gabhail sios bho Ierusalem do Ghasa: a tha ʼna fhasach. 27 ʼSa g-eirigh, dhʼ fhalbh e. Agus seall, bha fear á Ethiopia, caillteanach ro chumhachdach fo Chandase, banrighn nan Ethiopianach, a bha fos cionn a h-iuntasan uile, air tighinn gu Ierusalem a thoirt aoraidh: 28 Agus bha e tilleadh ʼna shuidhe ʼna charbad, ʼsa leughadh an fhaidh Isaias. 29 Us thuirt an Spiorad ri Philip: Theirig am faisg, agus dluthaich ris a charbad sin. 30 ʼS air do Philip ruith ga ionnsuidh, chual e e leughadh an fhaidh Isaias, us thuirt e: An saoil thu gum beil thu tuigsinn na tha thu leughadh? 31 Thuirt esan: Ciamar is urrainn domh, mar seol cuideigin mi? Us dhʼ iarr e air Philip tighinn an aird, agus suidhe comhla ris. 32 Agus bʼ e so an t-aite de ʼn sgriobtur a bha e leughadh: Thugadh e mar chaora thun na casgairt; ʼs mar uan gun ghuth romh an rusgadair, mar sin cha dʼfhosgail e bhial. 33 Ann an irioslachd thugadh air falbh a bhreitheanas. Co dhʼ innseas a ghinealach, oir bheirear a bheatha dhe ʼn talamh? 34 ʼS thuirt an Caillteanach, ʼs e freagairt Philip: Guidheam ort, co uime a tha ʼm faidh a labhairt so? an ann mu dheidhinn fhein, no mu neach-eigin eile? 35 An sin dhʼ fhosgail Philip a bhial, ʼsa toiseachadh aig an sgriobtur so, theagaisg e Iosa dha. 36 Agus rainig iad, ʼs iad a gabhail an rathaid, uisge araid; us thuirt an Caillteanach: Seall uisge, ciod tha bacadh mi bhith air mo bhaisteadh? 37 Us thuirt Philip: Ma tha thu creidsinn le tʼ uile chridhe, tha e ceadaichte. Us thuirt esan, ʼs e freagairt: Tha mi creidsinn gur e Iosa Criosta Mac De. 38 Agus dhʼ orduich e do ʼn charbad stad; us theirinn iad le cheile sios do ʼn uisge, Philip agus an Caillteanach, agus bhaist e e. 39 ʼS air dhaibh tighinn a nios as an uisge, thug Spiorad an Tighearna Philip air falbh, ʼs cha n-fhaca an Caillteanach e tuilleadh. Us ghabh e air a shlighe le aoibhneas. 40 Agus fhuaras Philip ann an Asotos, ʼsa gabhail air adhart, shearmonaich e an soisgeul do na bailtean uile, gus an dʼ rainig e Cesaréa. |