Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 7 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


VII. CAIB. Labhairt Stephain an lathair na comhairle: a mhartaireachd.

1 An sin thuirt an t-ard-shagart: An ann mar so tha chuis?

2 Fhreagair esan: A dhaoine a bhraithre, agus aithrichean, eisdibh: Thaisbean Dia na glorach e fhein dha ʼr n-athair Abraham, nuair bha e ann am Mesopotamia, mun do thuinich e ann an Caran,

3 Agus thuirt e ris: Falbh a mach á do dhuthaich fhein us á do chinneadh, agus thig gus an talamh a dhʼ fhiachas mi dhut.

4 An sin chaidh e mach á talamh nan Caldéanach, us thamh e ann an Caran. ʼS an deigh bàs athar, chuir e air imrich á sin e gus an talamh sam beil sibhse a nis a tamh.

5 ʼS cha tug e oighreachd dha ann, cha tug uibhir ʼs ceum coise: ach gheall e a thoirt ʼna sheilbh dha, agus dha shliochd ʼna dheigh, ʼs e fhathast gun mhac.

6 Us thuirt Dia ris: Gun tuinicheadh a shliochd ann an duthaich choigrich; ʼs gun dianadh iad traillean dhiu, ʼs gun dianadh iad droch càradh orra fad cheithir chiad bliadhna:

7 ʼS air a chinneadh, dha ʼn dian iad seirbhis, bheir mise binn, os an Tighearna; agus ʼnan deigh so theid iad a mach, us ni iad seirbhis dhomhsa san aite so.

8 Us thug e dhaibh cumhnant an timchioll-ghearraidh; ʼs mar sin ghineadh Isaac dha, us thimchioll-ghearr e e air an ochdamh latha, agus do Isaac ghineadh Iacob; agus do Iacob an dà phriomh-athair dhiag.

9 Agus le brosnachadh an fharmaid reic na priomh-aithrichean Ioseph do ʼn Eiphit; us bha Dia maille ris-san.

10 Agus liubhair e e bho chruaidh chàsan uile; ʼs thug e meas us gliocas dha an lathair Pharao righ na h-Eiphit, us dhʼorduich esan e ʼna uachdran air an Eiphit, agus air a thigh uile.

11 A nis thainig gorta air an Eiphit uile, ʼs air Canaan, agus amhghar mor, ʼs cha robh biadh ri fhaighinn le ʼr n-aithrichean.

12 Ach nuair chuala Iacob gun robh arbhar san Eiphit, chuir e air falbh ar n-aithrichean an toiseach;

13 ʼS an ath thurus rinneadh Ioseph aithnichte dha bhraithrean, agus rinneadh a chinneadh aithnichte do Pharao.

14 ʼSa cur fios bhuaithe, ghairm Ioseph ʼathair, Iacob, ʼsa chinneadh uile, tri fichead anam ʼsa coig diag.

15 Mar sin chaidh Iacob sios do ʼn Eiphit, us fhuair e fhein agus ar n-aithrichean bàs.

16 Agus dhʼatharraicheadh iad gu Sichem, us chuireadh iad anns an uaigh, a cheannaich Abraham air suim airgid bho mhic Hemoir ʼic Shichem.

17 ʼS nuair a tharruinn àm a ghealltanais faisg, a gheall Dia do Abraham, chinn an sluagh us dhʼ fhas iad lionor san Eiphit,

18 Gus an dʼ eirich righ eile anns an Eiphit, dha nach bʼ aithne Ioseph.

19 Chaith e so foill air a chinneadh againne, agus shàraich e ar n-aithrichean, a toirt orra an naoidheana chur a mach gus nach biodh iad air an cumail beo.

20 ʼS an àm chiadna rugadh Maois, us thaitinn e ri Dia, agus chaidh altrum tri miosan an tigh ʼathar.

21 Agus nuair a chuireadh a mach e, thog nighean Pharao e, us bheathaich i e mar a mac fhein.

22 ʼS bha Maois air ionnsachadh ann an uile ghliocas nan Eiphiteach; ʼs bha e cumhachdach ʼna bhriathran ʼs ʼna ghniomhran.

23 ʼS nuair a lan-choimhlion e dàfhichead bliadhna dhʼ aois, thainig e ʼna chridhe dhol a shealltuinn air a bhraithrean, clann Israil.

24 ʼS nuair chunnaic e fear àraidh a fulang eucoire, dhion e e, ʼsa bualadh an Eiphitich, rinn e diughaltas dhasan, a dhʼ fhuilig an eucoir.

25 Us bha e am beachd gun robh a bhraithrean a tuigsinn gur h-ann le laimhse a shaoradh Dia iad: ach cha do thuig iadsan.

26 ʼS an ath latha dhʼ fhiach e e fhein dhaibh, ʼs iad a consachadh; agus bha e gan reiteachadh gu sith, a g-radh: A dhaoine, is braithrean sibh, car-son tha sibh a dochnadh a cheile?

27 Ach dhʼ ùp am fear, a rinn an eucoir air a choimhearsnach, air falbh e, a g-radh: Co dhʼ orduich thusa na tʼ uachdran ʼs na dʼ bhritheamh fos ar cionn?

28 An e gur aill leat mise mharbhadh, mar a mharbh thu an t-Eiphiteach an dé?

29 Theich Maois as leth an fhacail so; us bha e ʼna choigreach ann an tir Mhadiain, far na ghineadh dithis mhac dha.

30 ʼS air do dhàfhichead bliadhna ruith, chunnacas leis ann am fasach beinn Shina aingeal ann an lasair theine ann am preas.

31 Us ghabh Maois, ri faicinn so, ioghnadh as an t-sealladh; ʼs air da tarruinn dluth gu beachd a ghabhail air, thainig guth an Tighearna ga ionnsuidh, a g-radh:

32 Is mise Dia tʼ aithrichean, Dia Abrahaim, Dia Isaic, agus Dia Iacoib. Agus bu dàna le Maois, ʼs e fo bhall-chrith, amharc.

33 Us thuirt an Tighearna ris: Fuasgail do bhrogan dhe dʼ chasan: oir is talamh naomh an t-aite sam beil thu na dʼ sheasamh.

34 A faicinn chunnaic mi amhghar mo phobuill a tha san Eiphit, us chuala mi an osnaich, agus thainig mi nuas gus an saoradh. Agus a nis thig, us cuiridh mi do ʼn Eiphit thu.

35 ʼSa cheart Mhaois so, a dhiult iad, a g-radh: Co dhʼ orduich thusa gu bhith na dʼ phrionns ʼs na dʼ bhritheamh? Esan chuir Dia, le laimh an aingil, a chunnacas leis sa phreas, gu bhith ʼna phrionns ʼs ʼna fhear-saoraidh.

36 Thug esan a mach iad, a dianamh mhiarailtean us chomharran an talamh na h-Eiphit, agus anns a Mhuir ruaidh, agus anns an fhasach fad dàfhichead bliadhna.

37 Se so cheart Mhaois, a thuirt ri clann Israil: Togaidh Dia suas dhuibh faidh dhe ʼr braithrean fhein coltach riumsa, eisdidh sibh ris-san.

38 Se so esan a bha san eaglais anns an fhasach maille ris an aingeal, a labhair ris air sliabh Shina, us ri ʼr n-aithrichean, a fhuair facail na beatha gus an toirt dhuinne.

39 Dha nach bʼ aill le ʼr n-aithrichean a bhith umhailt; ach dhʼ ùp iad bhuapa e, agus ʼnan cridheachan thill iad do ʼn Eiphit,

40 A g-radh ri Aaron: Dian diathan dhuinn a theid romhainn: oir a thaobh a Mhaois so, a thug a mach sinn á talamh na h-Eiphit, cha n-eil fhios againn ciod a dhʼ eirich dha.

41 Us rinn iad laogh sna laithean sin, agus thairg iad suas iobairt do ʼn iodhol, ʼs ghabh iad toileachadh á gniomhran an lamhan fhein.

42 Agus thionndaidh Dia, us thug e thairis iad gu aoradh a dhianamh do dhʼ armailt neamh, mar tha sgriobhte an leabhar nam faidh: Na thairg sibh tobhartasan agus iobairtean dhomhsa ré dhàfhichead bliadhna san fhasach, O thigh Israil?

43 ʼS ghabh sibh h-ugaibh paillion Mholoich, agus neul ur dè Rempham, iomhaighean a rinn sibh gu aoradh a thoirt daibh. Us cuiridh mi air fogradh sibh gu taobh thall Bhabiloin.

44 Bha paillion an teisteanais maille ri ʼr n-aithrichean anns an fhasach, mar a dhʼ òrduich Dia dhaibh, ʼs e labhairt ri Maois, gun dianadh e e a reir an t-samplair a bha e air fhaicinn.

45 ʼS ar n-aithrichean ga ghabhail, thug iad stigh e maille ri Iosa gu sealbh nan cinneach, a thilg Dia mach romh ghnuis ar n-aithrichean, gu laithean Dhài,

46 A fhuair meas an lathair Dhe, ʼsa bha an geall air paillion fhaighinn do Dhia Iacoib.

47 Ach thog Solomon tigh dha.

48 Ach cha n-eil an Tì is airde a tamh ann an tighean a thogar le lamhan, mar a tha am faidh a g-radh:

49 Se neamh mo chathair, agua an talamh stol mo chas. Ciod an tigh a thogas tu dhomhsa, os an Tighearna? no ciod e aite mʼ fhoise?

50 Nach i mo lamh a rinn na nichean so uile?

51 Tha sibhse, a dhaoine rag-mhuinealach, neo-thimchioll-ghearrte an cridhe ʼs an cluasan, daonnan a cur an aghaidh an Spioraid Naoimh; mar a rinn ur n-aithrichean, is amhuil sin sibhse cuideachd.

52 Co de na faidhean air nach dʼ rinn ur n-aithrichean geur-leanmhuinn? Agus mharbh iad an fheadhainn a dhʼ innis roimh laimh mu thighinn an Aon Naoimh, air a bheil sibhse a nis ʼnur brathadairean ʼs ʼnur murtairean;

53 A fhuair an lagh le frithealadh ainglean, ʼs nach do chuin e.

54 A nis a cluinntinn nan nichean so, bha iad air an gonadh ʼnan cridhe, us chas iad am fiaclan ris.

55 Ach air dhasan, ʼs e lan de ʼn Spiorad Naomh, amharc gu durachdach suas gu neamh, chunnaic e gloir Dhe, Iosa ʼna sheasamh air deas laimh Dhe. Us thuirt e: Seall, tha mi faicinn neamh fosgailte, agus Mac an duine ʼna sheasamh air deas laimh Dhe.

56 Agus iadsan, a g-eigheach le guth ard, dhuin iad an cluasan, ʼsa dhʼ aon run leum iad air ʼnan deann.

57 ʼS ga thilgeadh a mach as a bhaile, chlach iad e, agus leag na fianuisean sios an aodach aig casan oganaich, dha ʼm bʼ ainm Saul.

58 Agus chlach iad Stephan, us esan a guidhe ʼsa g-radh: A Thighearna Iosa, glac mo spiorad.

59 ʼSa tuiteam air a ghluinean, dhʼ eigh e le guth ard, a g-radh: A Thighearna, na cuir am peacadh so as an leth. Agus nuair thuirt e so, chaidil e san Tighearna. Us bha Saul a g-aontachadh ri bhàs.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan