Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 5 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


V. CAIB. Breitheanas De air Ananias, us Sapphira: chuireadh na h-ostail am priosan.

1 Ach reic duine araid, dha ʼm bʼ ainm Ananias, maille ri mhnaoi Sapphira, fearann,

2 Agus le foill ghleidh e roinn de phrìs an fhearainn le fios dha mhnaoi; ʼsa toirt a chorr leis, chuir e aig casan nan ostal e.

3 Ach thuirt Peadar: Ananiais, car-son a bhuair Satan do chridhe, gu briag a dhianamh do ʼn Spiorad Naomh, us gu roinn de phris an fhearainn a chumail le foill?

4 Fhad ʼsa bha e agad nach bu leat fhein e? ʼs an deigh a reiceadh nach robh e na dʼ chomas fhein? Car-son a dhealbh thu so na dʼ chridhe? Cha n-ann do dhaoine, ach, do Dhia a rinn thu briag.

5 Us Ananias a cluinntinn nam facal so, thuit e sios, agus thilg e an anail. Us thuit eagal mor orrasan uile a chuala e.

6 ʼS na daoine oga a g-eirigh suas, thug iad air falbh e, ʼs ga ghiulan a mach, dhʼ adhlaic iad e.

7 Agus mu thri uairean an deigh sin, thainig a bhean a stigh, ʼs i gun fhios aice ciod a bhʼ air tachairt.

8 Us thuirt Peadar rithe: Innis dhomh, a bhoirionnaich, an ann air an urad so a reic sibh am fearann? Agus thuirt ise: ʼSann air an urad sin.

9 An sin thuirt Peadar rithe: Car-son a chord sibh ri cheile gu Spiorad an Tighearna a bhuaireadh? Faic aig an dorus casan na feadhnach a thiodhlaic tʼ fhear, us giulanaidh iad a mach thusa.

10 Agus ghrad-thuit i sios aig a chasan, us thilg i an anail. Agus na daoine oga a tighinn a stigh, fhuair iad marbh i; us ghiulain iad a mach i, agus thiodhlaic iad i lamh ri a fear.

11 Us thuit eagal mor air an eaglais uile, us orrasan uile a chuala na nichean so.

12 Agus le lamhan nan ostal rinneadh ioma miarailt agùs comharradh am measg a phobuill. Us bha iad uile a dhʼ aon inntinn ann am for-dhorus Sholomoin.

13 Ach cha robh a chridhe aig aon de chàch dol ʼnan cuideachd: ach bha an sluagh gam moladh gu mor.

14 Us bha aireamh nan daoine ʼs nam mnathan, a chreid anns an Tighearna, a sior-mhiadachadh;

15 Ionnus gun tug iad a mach na daoine tinn thun nan straidean, agus gun do chuir iad air leabaichean ʼs air uirighean iad, los, air tighinn do Pheadar, gun cuireadh fhaileas an car is lugha sgàil air feareigin dhiu, ʼs gum biodh iad air an leigheas bho ʼn eugailean.

16 Agus ghreas mor-shluagh mar an ciadna as na bailtean sa choimhearsnachd gu Ierusalem, a toirt leo nan daoine tinne, agus iadsan a bha air an sarachadh le spioraid neo-ghlan; us chaidh an leigheas uile.

17 An sin dhʼ eirich an t-ard-shagart agus iadsan uile a bha comhla ris (se sin eiriceachd nan Sadusach), us lionadh iad le gamhlas;

18 Agus chuir iad na h-ostail an laimh, us chuir iad sa phriosan chumanta iad.

19 Ach dhʼ fhosgail aingeal an Tighearna am priosan san oidhche, ʼs gan toirt a mach, thuirt e:

20 Falbhaibh, us labhraibh ʼnur seasamh san teampull ris an t-sluagh briathran uile na beatha so.

21 Chaidh iadsan, air dhaibh so chluinntinn, much sa mhaduinn a stigh do ʼn teampull, agus theagaisg iad. Ach thainig an t-ard-shagart us iadsan a bha comhla ris, agus ghairm iad a chomhairle agus seanairean chlann Israil uile ri cheile; us chuir iad do ʼn phriosan gus an toirt ʼnan lathair.

22 Ach air do na maoir a ruighinn ʼs am priosan fhosgladh, cha dʼ fhuair iad ann iad, agus a tilleadh air ais, dhʼ innis iad,

23 A g-radh: Am priosan gu dearbh fhuair sinn duinte gu ro-thiaruinte, ʼs an luchd-faire ʼnan seasamh aig na dorsan: ach ga fhosgladh, cha dʼ fhuair sinn duine a stigh.

24 A nis nuair a chuala riaghladair an teampuill ʼs na h-ardʼ-shagairt na facail so, bha iad an teagamh mu ʼn deidhinn, ciod a thachradh.

25 Ach thainig duine, us dhʼinnis e dhaibh: Seall, na daoine a chuir sibh am priosan, tha iad ʼnan seasamh san teampull ʼsa teagasg an t-sluaigh.

26 An sin chaidh an riaghladair cuide ris na maoir, agus thug iad leo iad gun ainneart: oir bha fiamh an t-sluaigh orra eagal gun clachte iad.

27 ʼS air dhaibh an toirt leo, chuir iad air bialaobh na comhairle iad; agus dhʼ fharraid an t-ard-shagart dhiu,

28 A g-radh: A g-orduchadh nach tug sinn ordugh dhuibh gun bhith teagasg san ainm so; agus, seall, tha sibh air Ierusalem a lionadh le ʼr teagasg; agus tha mhiann oirbh fuil an duine so leagadh oirnne.

29 Ach thuirt Peadar ʼs na h-ostail, ʼs iad a freagairt: Is còir dhuinn a bhith umhailt do Dhia a raghainn air daoine.

30 Thog Dia ar n-aithrichean Iosa suas, a chuir sibhse gu bàs ga chrochadh ri crann.

31 Dhʼardaich Dia esan le ʼlaimh dheis ʼna phrionns agus ʼna shlanair, gu aithreachas a thoirt do Israel, us mathanas pheacannan.

32 Agus tha sinne ʼnar fianuisean air na nichean so, agus an Spiorad Naomh, a thug Dia dhaibhse uile a tha umhailt dha.

33 Nuair chuala iad na nichean so, bha iad air an gonadh, agus smaoinich iad an cur gu bàs.

34 Ach dhʼeirich sa chomhairle Phairiseach araid, dha ʼm bʼ ainm Gamaliel, fear-teagaisg an lagha, ʼsa bha measail aig an t-sluagh uile, agus dhʼorduich e na daoine a chur mach car tamuill;

35 Us thuirt e riu: Fheara Israil, thugaibh an aire dhuibh fhein, ciod a tha ʼnur beachd a dhianamh a thaobh nan daoine so.

36 Oir romh na laithean so dhʼeirich Theodas, a g-radh, gum bu neach-eigin mor e fhein, leis-san dhʼaontaich aireamh dhaoine mun cuairt do cheithir chiad: chaidh esan a mharbhadh; agus sgaoileadh iadsan uile a bha creidsinn ann, us thainig iad gu neoni.

37 As a dheighse dhʼeirich Iudas bho Ghalile, ann an laithean gabhail nan ainmean, us tharruinne sluagh ʼna dheigh: chaidh esan cuideachd a dhith; agus sgapadh iad uile a mhiad ʼsa dhʼaontaich leis.

38 ʼSa nis ma ta, tha mise g-radh ribh: Sguiribh dhe na daoine so, agus leigibh leo: oir ma tha chomhairle so, ʼno an obair so bho dhaoine, thig e gu neoni:

39 Ach ma tha e bho Dhia; cha n-urrainn duibh cur as da, air eagal gum faighear sibh ma dhʼfhaoidte a cath an aghaidh Dhe. Agus dhʼ aontaich iad leis.

40 ʼSa gairm nan ostal a stigh, an deigh an sgiursadh, bhac iad dhaibh labhairt idir an ainm Iosa, agus leig iad as iad.

41 ʼS gu dearbh chaidh iadsan bho bhialaobh na comhairle lan aighir air son gum bʼairidh iad air taire fhulang air son ainm Iosa.

42 ʼSa h-uile latha san teampull, ʼs bho thigh gu tigh, cha do sguir iad a theagasg ʼsa shearmonachadh Iosa Criosta.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan