Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


III. CAIB. Leigheas miarailteach an duine chrubaich, a bha ʼna aobhar tionndaidh do mhoran.

1 A nis chaidh Peadar us Eoin suas do ʼn teampull aig an naoitheamh uair de ʼn urnaigh:

2 ʼS bha fear araid, a bha crubach bho bhroinn a mhathar, air a ghiulan; bhathas ga chur gach latha aig geata an teampuill, ris an abrar Sgeimheach, gus e deirc iarraidh air an fheadhainn a bha dol a stigh do ʼn teampull.

3 Nuair chunnaic esan Peadar us Eoin a teannadh ri dol a stigh do ʼn teampull, dhʼ iarr e deirc fhaighinn.

4 Ach Peadar maille ri Eoin a toirt geur-shula air, thuirt e: Amhairc oirnne.

5 Agus sheall esan gu durachdach orra, an duil ri rudeigin fhaighinn bhuatha.

6 Ach thuirt Peadar: Airgiod no òr cha n-eil agam: ach an ni thʼ agam, bheir mi dhut e: An ainm Iosa Criosta bho Nasareth, eirich agus imich.

7 ʼSa breith air a laimh dheis, thoge suas e; us ghrad-neartaicheadh a luirgnean ʼsa chasan.

8 Agus a leum suas, sheas agus choisich e; ʼs chaidh e stigh comhla riu do ʼn teampull, a coiseachd, ʼsa leum, ʼsa moladh Dhe.

9 Agus chunnaic an sluagh uile e a coiseachd, ʼsa moladh Dhe.

10 Agus dhʼ aithnich iad e, gum bʼ e a bha ʼna shuidhe a g-iarraidh deirce aig geata Sgeimheach an teampuill; us lionadh iad le mor ioghnadh ʼs le uamhas thaobh an ni a bhʼ air tachairt dha.

11 Us nuair bha e cumail Pheadair us Eoin, ruith an sluagh uile le mor ioghnadh gan ionnsuidh gus am for-dhorus, ris an canar for-dhorus Sholomoin.

12 Ach Peadar a faicinn so, fhreagair e an sluagh: Fheara Israil, car-son a tha sibh a gabhail iongantais á so, no car-son a tha sibh a g-amharc oirnn, mar gum bʼann le ʼr neart, no le ʼr cumhachd fhein, a thug sinn air an duine so imeachd?

13 Se Dia Abrahaim, agus Dia Isaic, agus Dia Iacoib, Dia ar n-aithrichean, a ghloraich a Mhac Iosa, a liubhair sibhse seachad gu dearbh, ʼsa dhʼ aicheadh sibh air bialaobh Philait, a thug breth gum bu chòir a leigeadh as.

14 Ach dhʼ aicheadh sibhse an t-Aon naomh agus ceart, us dhʼ iarr sibh murtair a thoirt dhuibh:

15 Ach mharbh sibh ughdair na beatha, a thog Dia bho na mairbh, air a bheil sinne ʼnar fianuisean.

16 Agus tromh chreideamh ʼna ainm, ainm a neartaich an duine so, a chunnaic sibh ʼsa bʼ aithne dhuibh; agus thug an creideamh, a tha troimhsan, an t-slainte choimhlionta so ʼnur sealladh-sa uile.

17 Agus a nis, a bhraithre, tha fios agam gun dʼ rinn sibh so le aineolas, agus ur riaghladairean mar an ciadna.

18 Ach choimhlion Dia mar so na dhʼ innis e roimh laimh le bial nam faidhean uile, gum fuiligeadh a Chriost-san.

19 Air an aobhar sin gabhaibh aithreachas, us bithibh air ur n-iompachadh gus ur peacannan a bhith air an dubhadh as;

20 Los nuair thig amannan an fhaothachaidh bho lathair an Tighearna, ʼsa chuireas e h-ugaibh esan, a chaidh shearmonachadh dhuibh, Iosa Criosta,

21 A dhʼ fheumas flathanas gu dearbh a ghabhail gu tìmean ath-shuidheachadh gach uile ni, a labhair Dia le bial fhaidhean naomh bho thoiseach.

22 Oir thuirt Maois: Togaidh an Tighearna ur Dia suas dhuibh faidh dhe ʼr braithrean, coltach riumsa, eisdidh sibh ris-san anns a h-uile ni, ge bith iad, a their e ribh.

23 Agus tachraidh, gun sgriosar á miadhon an t-sluaigh a h-uile anam nach eisd ris an fhaidh sin.

24 Agus dhʼ innis na faidhean uile, a labhair bho Shamuel ʼs ʼna dheigh, mu na laithean so.

25 Is sibhse clann nam faidh ʼs an tiomnaidh, a rinn Dia ri ʼr n-aithrichean, a g-radh ri Abraham: Agus ann ad shliochd-sa bithidh uile fhineachan an talmhuinn air am beannachadh.

26 Dia a togail suas a Mhic dhuibhse an toiseach, chuir e gus ur beannachadh e, gus gach aon a thionndadh bho a dhrochbheart.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan