Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 28 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XXVIII. CAIB. An deigh do Phol fantuinn tri miosan ann am Melita, lean e thurus cuain, us rainig e an Roimh: a chomhradh ris na h-Iudhaich.

1 ʼS nuair a thiarnadh sinn, thuig sinn an sin gum bʼ e ainm an eilein Melita. Ach dhʼfhiach na borbfhearan baighealachd nach bu bheag dhuinn.

2 Oir, air do theine a bhith air fhadadh, dhʼ fhurtaich iad oirnn uile bho ʼn uisge a bha taomadh, ʼs bho ʼn fhuachd.

3 Agus nuair thionail Pol dorlach bhioran, ʼsa thilg e air an teine iad, thainig nathair a mach leis an teas, us chaidh i ʼn sàs ʼna laimh.

4 ʼS nuair a chunnaic na borbfhearan a bheist an crochadh ri laimh, thuirt iad ri cheile: Gun teagamh is murtair an duine so, oir, ged a thàr e as bho ʼn mhuir, cha ʼn eil dioghaltas a leigeil leis a bhith beo.

5 Ach chrath esan gu dearbh a bheist dheth san teine, ʼs cha dʼ fhuilig e beud.

6 Ach bha iadsan an duil gun tòisicheadh e air at, ʼs gun tuiteadh e sios gu grad, ʼs gum basaicheadh e. Ach air dhaibh feitheamh fada, us fhaicinn nach dʼ fhuilig e beud, dhʼ atharraich iad beachd, us thuirt iad gum bu dia e.

7 A nis anns na h-aiteachan sin bha seilbhean aig priomh-fhear an eilein, dha ʼm bʼ ainm Publius, a ghabh a stigh sinn, ʼsa dhʼ fhiach caoimhneas ruinn fad thri latha.

8 Us thachair do athair Phubliuis a bhith ʼna laidhe air a chlaoidh le teasaich agus le gearraich. Chaidh Pol a stigh ga ionnsuidh; ʼs nuair a rinn e urnaigh, ʼsa leag e lamhan air, leighis e e.

9 Nuair a rinneadh so, thainig iadsan uile a bha easlainteach feadh an eilein, agus leighiseadh iad.

10 Thug iad onair dhuinn cuideachd le muirn mhoir, ʼs nuair a bha sinn dol a sheoladh, sholaraich iad gach ni a bha riatanach dhuinn.

11 Agus an deigh thri miosan sheol sinn ann an luing bho Alecsandria, a gheamhraich san eilein, dha ʼm bu shuaicheantas na Castoir.

12 ʼS nuair a rainig sinn Siracùsa, dhʼ fhuirich sinn an sin tri latha.

13 As a sin a stiuradh ri taobh a chladaich, thainig sinn do Regium; ʼs an deigh aon latha, le soirbheas a seideadh á deas, thainig sinn an darna latha do Phutéoli;

14 ʼSa faighinn bhraithrean an sin, dhʼ iarradh oirnn fuireach comhla riu seachd laithean; ʼs mar so rainig sinn an Roimh.

15 Agus nuair a chuala na braithrean mu ʼr deidhinn, thainig iad a mach bho sin ʼnar coinneamh gu ruig Appii Forum, ʼs na tri tighean osda. Air do Phol am faicinn, thug e taing do Dhia, agus ghlac e misneach.

16 ʼS nuair a rainig sinn an Roimh, leigeadh le Pol tamh leis fhein comhla ri saighdear, a bha ga ghleidheadh.

17 ʼS an deigh an treas latha, ghairm e cruinn maithean nan Iudhach. Agus air dhaibh cruinneachadh, thuirt e riu: A dhaoine ʼsa bhraithrean, gun mi dhianamh ni an aghaidh a phobuill no cleachdadh nan aithrichean, liubhradh mi na mʼ phriosanach bho Ierusalem do lamhan nan Romanach:

18 ʼS an deigh dhaibhse rannsachadh a dhianamh gam thaobh, bʼ aill leo mo leigeil as, chionn nach robh aobhar sam bith bàis na mʼ aghaidh.

19 Ach leis na h-Iudhaich a bhith cur an aghaidh so, bʼ fheudar dhomh mo chuis a thogail gu César, cha n-e gu bheil ni sa bith agam ri chur an aghaidh mo chinnidh fhein.

20 ʼSann air son so ma ta dhʼ iarr mi ur faicinn, us labhairt ribh. Oir ʼsann air son dochas Israil a tha mise ceangailte leis an t-slabhruidh so.

21 Us thuirt iadsan ris: Cha dʼ fhuair sinn litrichean bho Iudéa mu dʼ dheidhinn, cha mhua thainig neach de na braithrean, a dhʼ aithris no a dhʼ innis sion de dhʼ olc na dʼ aghaidh.

22 Ach is math leinn do bheachd a chluinntinn bhuat: oir a thaobh na h-aidmheil so, tha fios againn gum beileas a cur ʼna h-aghaidh anns a h-uile h-aite.

23 ʼS nuair a shuidhich iad latha ris, thainig fior-mhoran ga ionnsuidh gu fhardaich, dha ʼn robh e mineachadh rioghachd Dhe, a togail fianuis, agus gan comhairleachadh a thaobh Iosa á lagh Mhaois us as na faidhean, bho mhaduinn gu feasgar.

24 Us chreid cuid na nichean a chaidh a radh: agus cuid nach do chreid.

25 ʼS bho nach robh iad a cordadh ʼnam measg fhein, thog iad orra gu falbh, Pol a cantuinn an aon fhacail so riu: Is math a labhair an Spiorad Naomh ri ʼr n-aithrichean leis an fhaidh Isaias,

26 A g-radh: Falbh thun a phobuill so, us abair riu: Leis a chluais cluinnidh sibh, ʼs cha tuig sibh; agus a faicinn chi sibh, ʼs cha toir sibh fos-near.

27 Oir tha cridhe a phobuill so air fàs marbhanta, us dhʼ eisd iad gu mall le ʼn cluasan agus dhuin iad an suilean: air eagal ma dhʼ fhaoidte gum faiceadh iad le ʼn suilean, ʼs gun cluinneadh iad le ʼn cluasan, ʼs gun tuigeadh iad le ʼn cridhe, ʼs gum biodh iad air an iompachadh, agus gun leighisinn iad.

28 Biodh fios agaibh ma ta gun do chuireadh an sabhaladh so bho Dhia thun nan cinneach, agus eisdidh iadsan ris.

29 ʼS air dha so a radh, dhʼ fhalbh na h-Iudaich a mach bhuaithe, ri moran de chonsachadh eatorra fhein,

30 Agus dhʼ fhuirich e dà bhliadhna shlan ʼna chairtealan màil fhein; agus ghabh e riusan uile, a thainig ga ionnsuidh,

31 A searmonachadh rioghachd Dhe, ʼsa teagasg nan nichean a bhuineas do ʼn Tighearna Iosa Criosta leis a h-uile mhisneach gun bhacadh.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan