Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 27 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XXVII. CAIB. Pol a dol do ʼn Roimh air bord saghaich: a thurus mara: us bristeadh an t-saghaich.

1 ʼS nuair shuidhicheadh gun seoladh Pol do ʼn Eadailte, ʼs gun rachadh a liubhairt maille ris na priosanaich eile do cheannard-ciad dha ʼm bʼ ainm Iulius, de chuideach da Augustuis,

2 Chaidh sinn air bord saghaich a bhuineadh do Adrimetum, us thog sinn a mach, a cur romhainn seoladh ri oirthir Asia, Aristarchus bho Thessalonica ann am Macedonia a fuireach maille ruinn.

3 ʼS an ath latha thainig sinn do Shidon. Agus Iulius a gabhail le caoimhneas ri Pol, leig e leis dol gu chairdean, ʼsa bhith air a churam fhein.

4 ʼS nuair a thog sinn a mach as a sin, sheol sinn fo Chiprus: a chionn gun robh a ghaoth ʼnar n-aghaidh.

5 ʼSa seoladh thar muir Chilicia us Phamphilia, thainig sinn do Listra, a thʼ ann an Licia:

6 ʼS an ceannard-ciad a faighinn an sin luinge bho Alecsandria a dol do ʼn Eadailte, chuir e sinne air a bordsa.

7 ʼS air dhuinn a bhith seoladh gu mall fad moran laithean, ʼs gur gann a thainig sinn fa chomhair Ghniduis, leis a ghaoth a bhith ga ʼr bacail, sheol sinn teann air Crete faisg air Salmone:

8 ʼSa seoladh air eiginn seachad air, thainig sinn gu aite araid, ris an canar an Deaghchala, air an robh baile Thalassa teann.

9 Bho na uhaidh moran uine seachad, ʼs gun robh an seoladh a nis cunnartach, a thaobh gun deach an traisg cheana seachad, thug Pol misneach dhaibh,

10 A g-radh riu: Fheara, tha mi faicinn gum beil an seoladh a teannadh air a bhith gu call ʼs gu moran dolaidh, cha n-ann a mhain do ʼn luchd ʼs do ʼn luing, ach dha ʼr beatha cuideachd.

11 Ach bha an ceannard-ciad a toirt tuilleadh creideis do ʼn stiuradair agus do mhaighistir na luinge, na do na nichean a bha Pol a g-radh.

12 Agus bho nach robh an cala goireasach gu geamhrachadh ann, bʼ e comhairle na cuid bu mhua seoladh as a sin, fiach am bʼ urrainn daibh an doigh air bith Phenicé thoirt a mach, cala de Chrete a tha sealltuinn ris an iar-dheas agus an iar-thuath, agus geamhrachadh an sin.

13 ʼS nuair a sheid soirbheas caoin á deas, a saoilsinn gun dʼ fhuair iad an run, thog iad a mach bho Asson, a cumail ri tir Chrete.

14 Ach beagan an deigh sin, sheid gaoth ghailbheach ʼna h-aghaidh, Euro-acuilo theirte rithe.

15 ʼS miair a ghlacadh an long leis, ʼs nach bʼ urrainn di cathachadh an aghaidh na gaoithe, a toirt na luinge do ʼn ghaoith, chaidh ar fuadachadh.

16 ʼSa ruith fo eilein araid, dha ʼm bʼ ainm Cauda, is gann a bʼ urrainn duinn ruighinn air a bhàta.

17 An deigh a thogail, chuir iad gleusan comhnuidh an uidheam, a criosachadh na luinge foipe, a gabhail eagail gun tigeadh iad sa bheo-ghainmhich, leig iad sios an t-slat-shiuil, ʼs mar sin dhʼ fhuadaicheadh iad.

18 ʼS nuair a bha sinn air ar luasgadh gu h-anabarrach leis an stoirm, air an ath latha dhʼ aotromaich iad an long;

19 ʼS air an treas latha thilg iad a mach le ʼn lamhan fhein acfhuinn na luinge.

20 ʼS nuair nach fhacas grian no reultan fad moran laithean, agus stoirm nach bu bheag a maoidheadh oirnn, thugadh a nis bhuainn a h-uile duil ri tiarnadh.

21 Agus an deigh dhaibh bhith moran uine ʼnan traisg, thuirt Pol, ʼs e seasamh suas ʼnam miadhon: O dhaoine, bu choir dhuibh gu dearbh a bhith air eisdeachd riumsa, ʼs gun togail a mach á Crete, agus an dolaidh ʼs an call so sheachnadh.

22 Agus se mo chomhairle dhuibh a nis deagh mhisneach a bhith agaibh: oir cha chaillear beatha duine air bith agaibh, ach caillear an long.

23 Oir air an oidhche nochd sheas lamh rium aingeal an De, leis an leis mise, agus dha ʼm beil mi dianamh seirbhis,

24 A g-radh: Na biodh eagal ort, a Phoil, tha e riatanach gun seas thu an lathair Chésair; us, seall, thug Dia dhut iadsan uile a tha seoladh maille riut.

25 Uime sin, fheara, biodh deagh mhisneach agaibh: oir tha mi creidsinn ann an Dia, gun tachair mar a chaidh a radh rium.

26 Agus ʼs fheudar gun tig sinn air eilein araid.

27 ʼS an deigh do ʼn cheathramh oidhche diag tighinn, us sinn a seoladh mu mhiadhon oidhche air muir Adria, shaoil leis na seoladairean gum faca iad tir air choireigin.

28 ʼSa leigeil sios na luaidhe, fhuair iad fichead aitheamh; ʼsa gabhail beagan air adhart, fhuair iad coig aitheamh diag.

29 An sin air eagal gum buaileadh sinn air garbhlach, thilg iad ceithir acraichean a mach air a deireadh, ʼs iad deidheil air an latha thighinn.

30 Ach bho na bha na maraichean a g-iarraidh teicheadh as an luing, ʼsa leig iad sios am bàta do ʼn mhuir, mar gum bʼ ann a thilgeadh a mach acraichean á toiseach na luinge,

31 Thuirt Pol ris a cheannard-chiad ʼs ris na saighdearan: Mur fuirich iad so san luing, cha n-urrainn duibhse bhith sabhailte.

32 An sin ghearr na saighdearan buill a bhàta, ʼs leig iad leis tuiteam sios.

33 ʼS aig bristeadh na fàire, ghuidh Pol orra uile biadh a ghabhail, a g-radh: Se an diugh an ceathramh latha diag a tha sibh a feitheamh ʼsa fuireach ʼnur traisg, gun dad a ghabhail.

34 Uime sin guidheam oirbh biadh a ghabhail air son ur slainte: oir cha chaillear fuiltean cinn a h-aon agaibh.

35 ʼS nuair thuirt e so, a glacadh arain, thug e taing do Dhia ʼnan lathair uile; us nuair a bhrist e, thòisich e air iche.

36 An sin dhʼ fhas iad uile na bu mhisneachaile, us ghabh iad fhein biadh.

37 Agus bha sinn san luing uile gu leir dà chiad, tri-fichead, us sia-diag de dhʼanmannan.

38 ʼS nuair a dhʼich iad am foghnadh, dhʼ aotromaich iad an long leis a chruithneachd a thilgeadh sa mhuir.

39 ʼS nuair thainig an latha cha dʼ aithnich iad am fearann: ach thug iad an aire do shàilean araid, aig an robh cladach, air am bu mhath leo, nam bʼ urrainn daibh an long a thilgeadh.

40 ʼS nuair a thog iad na h-acraichean, dhʼearb iad iad fhein ris a mhuir, a fuasgladh cuideachd ceanglaichean na stiuire; ʼsa togail suas an t-siuil-mhoir ris a ghaoith, rinn iad air a chladach.

41 ʼS nuair thuit sinn air aite far na choinnich dà fhairge, bhuail iad an long air a ghrunnd; agus dhʼ fhan a toiseach an sàs gun charachadh, ach bhristeadh a deireadh le neart na mara.

42 Agus bʼ e comhairle nan saighdearan na priosanaich a mharbhadh, eagal iad a dhʼ fhalbh air an t-snamh, agus teicheadh.

43 Ach an ceannard-ciad, ʼs e an geall air Pol a thiarnadh, bhac e so dhianamh; us dhʼ orduich e dha ʼn fheadhainn dha ʼm bʼ aithne snamh iad fhein a thilgeadh sa mhuir an toiseach, ʼs tàrsuinn as, agus tir a chosnadh;

44 ʼSa thaobh chàich, bhathas gan giulan, cuid air buird, cuid air nichean a bhuineadh do ʼn luing. Agus mar so thachair, gun dʼ fhuair a h-uile anam sabhailte gu tir.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan