Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 25 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XXV. CAIB. Pol a togail a chuis gu César: an righ Agrippa a g-iarraidh a chluinntinn.

1 A nis nuair thainig Festus do ʼn mhor-roinn, chaidh e suas an ceann tri latha bho Chesaréa gu Ierusalem.

2 Agus chaidh na h-ard-shagairt agus priomh-dhaoine nan Iudhach air a bhialaobh an aghaidh Phoil, agus dhʼ aslaich iad air,

3 A g-iarraidh mar chomain dhaibh ʼna aghaidh, gun orduicheadh e a thoirt gu Ierusalem, iad fhein a dianamh feall-fhalaich air, los a mharbhadh air an t-slighe.

4 Ach fhreagair Festus, gun robh Pol air a ghleidheadh ann an Cesaréa: ʼs gun rachadh e fhein an sin gu h-aithghearr.

5 Rachadh ma ta, os esan, an fheadhainn a tha comasach ʼnur measg sios comhla rium-sa, agus ma se ʼs gum beil coire san duine, agaireadh iad sin ʼna aghaidh.

6 ʼS gun fhuireach ʼnam measg na bʼ fhaide na ochd no deich latha, chaidh e sios do Chesaréa, ʼs an ath latha shuidh e air cathair a bhreitheanais, ʼs dhʼorduich e Pol a thoirt air a bhialaobh.

7 Nuair a thugadh an sin e, sheas na h-Iudhaich, a bha air tearnadh bho Ierusalem, mun cuairt da, a cur chuisean lionar agus trom as a leth, nach bʼ urrainn daibh a chomhdach,

8 Us fhreagair Pol, ga shaoradh fhein: Cha n-eil mi coireach ann an ni air bith a tha an aghaidh lagh nan Iudhach, no an aghaidh an teampuill, no an aghaidh Chésair.

9 Ach le toil comain a chur air na h-Iudhaich, fhreagair Festus Pol, us thuirt e: An aill leat dol suas gu Ierusalem, ʼs an sin dol fo bhreth mu na nichean so am lathair-sa?

10 Ach thuirt Pol: Tha mi fo bhreth aig cathair Chésair, an sin is còir breth a thoirt orm: air na h-Iudhaich cha dʼ rinn mi dolaidh, mar is math a tha fios agad.

11 Oir ma rinn mi eucoir orra, no coire sam bith toillteanach air bàs, cha n-eil mi diultadh bàs fhulang: ach mur eil bonn aig na nichean a tha iad so cur as mo leth, cha n-fhaod duine sam bith mo liubhairt dhaibh. Tha mi togail mo chuis gu César.

12 An sin fhreagair Festus, an deigh dha labhairt ris a chomhairle: Na thog thu do chuis gu César? Gu César theid thu.

13 ʼS an ceann beagan laithean, thainig righ Agrippa agus Bernicé a nuas gu Cesaréa gu fàilt a chur air Festus.

14 ʼS air dhaibh fanailt an sin moran laithean, dhʼinnis Festus do ʼn righ mu Phol, a g-radh: Dhʼ fhagadh le Felics duine araid ʼna phriosanach,

15 Ga thaobh-san, nuair bha mi ann an Ierusalem, thainig ard-shagairt us seanairean nan Iudhach h-ugam, a g-iarraidh binn-ditidh ʼna aghaidh:

16 Dha ʼn do fhreagair mi: Cha n-eil e ʼna chleachdadh aig na Romanaich duine air bith a dhiteadh, gus am bi esan a thathas a coireachadh ʼsa luchd-casaid an lathair a cheile, agus cead aige-san e fhein a dhion ʼsa shaoradh bho choire.

17 Uime sin air dhaibh so a ruighinn gun dad de dhàil, shuidh mi an ath latha air cathair a bhreitheanais, ʼs dhʼ orduich mi an duine chur na mʼ lathair.

18 Nuair a sheas a luchd-casaid suas ʼna aghaidh, cha do chuir iad coire sam bith as a leth, mu nichean a bha mise saoilsinn olc:

19 Ach bha ceisdean araid dhe ʼn saobh-chreideamh fhein aca ʼna aghaidh, agus mu dhuine araid Iosa a bha marbh, a bha Pol a cumail a mach a bhith beo.

20 Ann an teagamh ma ta mu ʼn ghné cheisde so, dhʼ fharraid mi an robh e deonach dol gu Ierusalem, agus dol an sin fo bhreth mu na nichean so.

21 Ach nuair dhʼiarr Pol a ghleidheadh gu breitheanas Augustuis, dhʼorduich mi a ghleidheadh, gus an cuirinn e gu César.

22 Us thuirt Agrippa ri Festus: Bu toigh leam fhein an duine so chluinntinn. Am maireach, os esan, cluinnidh tu e.

23 An ath latha ma ta, nuair thainig Agrippa agus Bernicé le mor mhorchuis, ʼsa chaidh iad a stigh do thalla na h-eisdeachd maille ris na h-ard-cheannardan us maithean a bhaile, thugadh Pol air ordugh Fhestuis a stigh.

24 Us thuirt Festus: A righ Agrippa, agus sibhse a dhaoine uile a tha ʼn so san lathair maille ruinn, tha sibh a faicinn an duine, mu ʼn do ghearain uile shluagh nan Iudhach rium ann an Ierusalem, a g-iarraidh ʼsa glaodhaich nach bu chòir e bhith na bʼ fhaide beo.

25 Ach cha dʼ fhuair mise mach gun dʼ rinn e ni toillteanach air bàs. Ach bho na thog e fhein a chuis gu Augustus, chuir mi romham a chur an sin.

26 Ga thaobh cha n-eil ni cinnteach agam ri sgriobhadh gu mo thighearna. As leth so thug mi e ʼnur lathair, ʼs gu h-araid ad lathair-sa, a righ Agrippa, air chor ʼs, an deigh a cheasnachadh, gum bi rudeigin agam a sgriobhas mi.

27 Oir is neo-reusanta na mʼ shuilean-sa priosanach a chur air adhart, ʼs gun innseadh nan cuisean a thathas a cur as a leth.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan