Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 24 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XXIV. CAIB. Pol ga dhion fhein an lathair an uachdrain; ʼsa teagasg a chreidimh dha.

1 An ceann choig latha chaidh an t-ard-shagart Ananias sios maille ri cuid de na seanairean, agus Tertullus fear-tagraidh araid, us chaidh iad thun an uachdrain an aghaidh Phoil.

2 ʼS nuair chaidh Pol a ghairm, thòisich Tertullus air a choireachadh, a g-radh: Gu bheil sinn a mealtuinn mor-shithe air do sgath, ʼs gu bheil ioma ni air an ceartachadh le dʼ fhreasdail,

3 Is nichean so ris a bheil sinn daonnan agus anns gach aite a gabhail, Fhelics ro urramach, leis a h-uile taingealachd.

4 Ach gun tuille moille chur ort, guidheam, gun eisd thu ruinn, as leth do shuairceis, am beagan bhriathran.

5 Fhuair sinn an duine so ʼna phlaigh, ʼsa togail cheannairc am measg nan Iudhach uile air feadh an t-saoghail gu h-iomlan, ʼs ʼna cheannard air eiriceachd bhuaireasaich nan Nasarénach;

6 A thug ionnsuidh cuideachd air an teampull a thruailleadh, air am bʼ aill leinne, an deigh a ghlacadh, breth a thoirt a reir ar lagh fhein.

7 Ach air do Lisias an t-ard-cheannard tighinn oirnn, spion e e le fior ainneart as ar lamhan,

8 A g-orduchadh a luchd-casaid a thighinn h-ugadsa: bho ʼm faod thu fhein le cheasnachadh fios a bhith agad air na nichean sin uile a tha sinn a cur as a leth.

9 Us chuir na h-Iudhaich leis, a g-radh gur ann mar sin a bha a chuis.

10 An sin fhreagair Pol (an t-uachdran a toirt cead dha labhairt): ʼS mi tuigsinn gum beil thu fad moran bhliadhnaichean na dʼ bhritheamh air a chinneadh so, le mor mhisnich freagraidh mi air mo shon fhein.

11 Oir faodaidh tu thuigsinn nach eil tuille na dà latha dhiag, bho na chaidh mi suas do Ierusalem a dhʼ aoradh;

12 ʼS cha dʼfhuair iad mi san teampull a deaspud ri neach air bith, no na mʼ cheann-aobhair air tional an t-sluaigh, anns na sinagogun, no ʼsa bhaile;

13 Agus cha mhua is urrainn daibh comhdach dhut na tha iad a nis cur as mo leth.

14 Ach tha mi g-aideach so dhut, gum beil mi air reir an t-seorsa ris an can iadsan eiricich, a dianamh seirbhis do ʼn Athair, ʼs do mo Dhia, a creidsinn gach ni a tha sgriobhte san lagh agus anns na faidhean,

15 A cur mo dhochais ann an Dia, ris a bheil duil aca fhein mar an ciadna, gum bi aiseirigh nan ionraic agus nan eucorach ann.

16 As leth so tha mi daonnan a stri, fiach am bi cogais neo-lochdach agam an lathair Dhe, ʼs an lathair dhaoine.

17 A nis an deigh moran bhliadhnaichean thainig mi a thoirt deirce do mʼ chinneadh, agus tairgsichean, agus bòidean.

18 Fhuair iad mi, ʼs mi riu so, air mo ghlanadh san teampull; ʼs cha n-ann le sluagh, cha mhua ʼsann le buaireas.

19 Bʼ iad Iudhaich araid bho Asia, dha ʼm bu chòir a bhith ad lathair, agus a thoirt suas, nam biodh a bheag aca na mʼ aghaidh,

20 No innseadh iad so fhein, ma fhuair iad coire sam bith unnam, nuair sheas mi air bialaobh na comhairle,

21 Saor bho ʼn aon fhacal so a mhain, a ghlaodh mi, ʼs mi na mʼ sheasamh ʼnam measg: Gur h-ann as leth aiseirigh nam marbh a tha mise fo bhreth agaibhse an diugh.

22 Ach chuir Felics, ʼs e ro fhiosrach air an aidmheil so, dàil sa chuis, a g-radh: Nuair thig Lisias an t-ard-cheannard a nuas, eisdidh mi ribh.

23 Us thug e ordugh do cheannard-ciad a ghleidheadh, agus fois a bhith aige, ʼs gun duine dhe chairdean a bhacadh bho fhrithealadh dha.

24 ʼS an ceann beagan laithean thainig Felics le mhnaoi Drusilla, a bha ʼna ban-Iudhaich, ʼs chuir e shireadh Phoil, agus chual e bhuaithe an creideamh a thʼ ann an Iosa Criosta.

25 Us nuair bha e labhairt mu cheartas, ʼs mu gheamnachd, ʼs mu ʼn bhreitheanas ri tighinn, fhreagair Felics, ʼs e fo gheilt-chrith: A thaobh so bi falbh a nis: ach nuair bhios àm freagrach agam, cuiridh mi ga dʼ shireadh.

26 Bha duil aige cuideachd gun tugte dha airgiod le Pol, as leth so a cur fios air gu tric labhair e ris.

27 Ach an deigh do dhà bhliadhna dol seachad, thainig Portius Festus an aite Fhelics. Agus dhʼ fhag Felics, le toil comain a chur air na h-Iudhaich, Pol ceangailte.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan