Gnìomharan 22 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XXII. CAIB. Pol a g-innse do ʼn t-sluagh an doigh air na thionndaidh e: cha deach a sgiursadh a thaobh gun robh e ʼna Romanach. 1 A dhaoine, a bhraithrean, us aithrichean, eisdibh a nis ri mo lethsgeul a tha mi dol a thoirt duibh. 2 ʼS nuair a chual iadsan gur ann sa chanan Eabhrach a labhair e riu; bha iad nas samhaiche. 3 Us thuirt e: Is Iudhach mise a rugadh ann an Tarsus Chilicia, ach a chaidh àrach sa bhaile so, air mʼ fhaghlum aig casan Ghamalieil a reir firinn lagh nan aithrichean, eudmhor mu ʼn lagh, mar a tha sibh fhein uile an diugh; 4 A rinn geur-leanmhuinn air an aidmheil so gu bàs, a ceangal ʼsa cur am priosan fhirionnach mar-aon agus bhoirionnach, 5 Mar a thogas an t-ard-shagart fianuis dhomh, ʼs na seanairean uile, bho ʼn dʼ fhuair mi litrichean cuideachd thun nam braithrean, us chaidh mi gu Damascus, gus an toirt ceangailte as a sin gu Ierusalem, los gun rachadh an smachdachadh. 6 Agus thachair, ʼs mi triall ʼsa tarruinn teann air Damascus mu mhiadhon latha, gun do shoillsich gu grad solus mor mun cuairt domh bho neamh; 7 ʼSa tuiteam gu làr, chuala mi guth a g-radh rium: A Shauil, a Shauil, car-son atha thu gam gheur-leanmhuinn-sa? 8 Agus fhreagair mi: Co thu, a Thighearna? Us thuirt e rium: Is mi Iosa bho Nasareth, air a bheil thusa dianamh geur-leanmhuinn. 9 Us iadsan, a bha cuide rium, chunnaic iad gu dearbh an solus, ach cha chual iad a ghuthsa, a labhair rium. 10 Us thuirt mise: Ciod a ni mi, a Thighearna? Us thuirt an Tighearna rium: Eirich, agus falbh gu Damascus; us innsear dhut an sin mu na nichean uile is còir dhut a dhianamh. 11 Agus bho nach bu leir dhomh le soilleireachd an t-soluis sin, thainig mi gu Damascus air mo stiuradh air laimh le mo chompanaich. 12 Agus Ananias araid, duine air reir an lagha, ʼs aig an robh deagh theisteanas bho na h-Iudhaich uile, a bha tamh an sin, 13 A tighinn gam ionnsuidh, ʼsa seasamh lamh rium, thuirt e rium: A bhrathair Shauil, seall naird. Agus sa cheart uair sheall mi naird air. 14 Ach thuirt esan: Roimh-dhʼorduich Dia ar n-aithrichean thu, los gun tuigeadh tu a thoil, ʼs gum faiceadh tu an t-Aon naomh, ʼs gun cluinneadh tu an guth as a bhial: 15 Oir bithidh thu do dhaoine uile na dʼ fhianuis dha air na nichean a chunnaic ʼsa chuala tu. 16 Agus a nis car-son a tha thu dianamh moille? Eirich, ʼs bi air do bhaisteadh, agus nigh dhiot do pheacannan a gairm air ainmse. 17 Us thachair nuair a thainig mi rithist gu Ierusalem, ʼsa bha mi ri urnaigh san teampull, gun tainig plathadh-inntinn orm, 18 ʼS gum fac mi e a g-radh rium: Greas ort, us fag Ierusalem gu h-ealamh: a chionn nach gabh iad do theisteanas mu mʼ dheidhinn. 19 Us thuirt mise: A Thighearna, tha fios aca gun robh mise tilgeadh am priosan, ʼsa sgiursadh anns gach sinagog, na feadhnach a chreid unnadsa; 20 ʼS nuair a dhoirteadh fuil Stephain, tʼ fhianuis, bha mise san lathair ʼsa g-aontachadh leo, ʼsa gleidheadh am falluinnean-sa a bha ga mharbhadh. 21 Us thuirt e rium: Bi falbh: oir cuiridh mi thu thun nan cinneach a tha an cein. 22 Agus dhʼ eisd iad ris gus am facal so, ʼs an sin thog iad an guth, a g-radh: Togaibh bharr an talmhuinn a leithid so de dhuine: oir cha cheart e bhith beo. 23 ʼS nuair a bha iadsan a g-eigheach, ʼsa tilgeil an aodaich dhiu, ʼsa caitheamh duslaich san athar, 24 Dhʼ orduich an t-ard-cheannard gun tugteadh do ʼn chaisteal e, ʼs gun rachadh a sgiursadh ʼsa riasladh, gus am faigheadh e mach car-son a bha iad a glaodhaich mar so ʼna aghaidh. 25 ʼS air dhaibh a cheangal le iallan, thuirt Pol ris a cheannard-chiad a bha lamh ris: Am beil e laghail dhuibh duine a tha ʼna Romanach a sgiursadh, ʼs e neo-dhìte? 26 Nuair chual an ceannard-ciad so, chaidh e thun an ard-cheannaird, us dhʼ innis e dha, a g-radh: Ciod a tha thu dol a dhianamh? oir is saor Romanach an duine so. 27 ʼS an t-ard-cheannard a tighinn ga ionnsuidh, thuirt e ris: Innis dhomh an Romanach thu. Ach thuirt esan: Seadh. 28 Us fhreagair an t-ard-cheannard: Choisinn mise air suim mhoir an t-saorsa so. Us thuirt Pol: Ach rugadh mise saor. 29 Air an aobhar sin ghrad-dhʼfhag an fheadhainn a bha dol gus a riasladh e. Us bha eagal cuideachd air an ard-cheannard, an deigh dha thuigsinn gum bu shaor Romanach e, agus a thaobh gun do cheangail e e. 30 Ach an ath latha air dha bhith an geall air fios na bu chinntiche fhaighinn car-son a bha na h-Iudhaich a cur choire as a leth, dhʼ fhuasgail e e, agus dhʼorduich e do na sagairt ʼs do ʼn chomhairle uile tighinn cruinn; ʼsa toirt Phoil a mach, chuir e air am bialaobh e. |