Gnìomharan 20 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XX. CAIB. Pol a triall tromh Mhacedonia ʼs na Greige: a toirt beo duine, a shearmon do chleir Ephesuis. 1 ʼS an deigh do ʼn upraid sgur, ghairm Pol na deisciopuil ga ionnsuidh, ʼsa toirt chomhairlean orra, ghabh e slan leo, us thriall e gu dol do Mhacedonia. 2 ʼS nuair a shiubhail e tromh na h-aiteachan sin, ʼsa thug e comhairle orra le moran bhriathran, thainig e do ʼn Ghreig: 3 An deigh dha tri miosan a chaithe an sin, rinn na h-Iudhaich, ʼs e gu seoladh do Shiria, feall-fhalach air, le sin chuir e roimh tilleadh tromh Mhacedonia. 4 Agus chaidh ʼna chuideachd Sopater, mac Phirruis á Beréa: ʼs de mhuinntir Thessalonica Aristarchus agus Secundus, us Gaius á Derbe agus Timoti; us á Asia Tichicus agus Trophimus. 5 Air dhaibh so dol romhainne, dhʼ fheith iad ruinn aig Troas. 6 Agus an deigh laithean an arain neo-ghoirtichte, sheol sinn bho Philippi, ʼs ann an coig latha thainig sinn gan ionnsuidh aig Troas, far na stad sinn seachd latha. 7 ʼS air a chiad latha de ʼn t-seachduin, nuair a bha sinn air cruinneachadh gu aran a bhristeadh, reusonaich Pol riu, us aige ri falbh air an là ʼr na mhaireach, agus lean e air labhairt gu miadhon oidhche. 8 Agus bha moran lochran anns an t-seomar uachdrach, far an robh sinn cruinn. 9 ʼS bha oganach araid, Eutichus theirte ris, ʼna shuidhe ann an uinneig, us trom chadal a tighinn air (le Pol a bhith fad a teagasg) thuit e, ʼs e ʼna shuain, sios bho ʼn treas lobhta, agus thogadh suas marbh e. 10 Agus nuair theirinn Pol ga ionnsuidh, shìn e e fhein air ʼuachdar, ʼs ga ghlacail thuirt e: Na biodh furban oirbh: oir tha ʼanam ann. 11 ʼSa dol suas, ʼsa bristeadh arain, ʼsa blasad, labhair e moran riu gu solus latha, an sin dhʼ fhalbh e. 12 ʼS thug iad an t-oganach leo beo, ʼs cha bu bheag an toil-inntinn. 13 Ach a dol air bord saghaich, sheol sinne gu Assos, far an robh againn ri Pol a ghabhail air bord: oir ʼsann mar sin a shuidhich e, ʼs e fhein gus an t-astar a dhianamh air tir. 14 Agus air dha ar coinneachadh aig Assos, ghabh sinn air bord e, ʼs thainig sinn gu Mitiléne. 15 ʼSa seoladh as a sin, thainig sinn an ath latha mu chomhair Chiois, ʼs an ath latha rinn sinn Samos, agus an latha an deigh sin rainig sinn Miletus. 16 Oir bha Pol air cur roimhe seoladh seachad air Ephesus, eagal gun cuirte moille air an ʼAsia. Oir bha e greasad air, gu latha Caingis, nam bʼ urrainn da idir, a chumail ann an Ierusalem. 17 ʼSa cur fios bho Mhiletus gu Ephesus, ghairm e seanairean na h-eaglais. 18 ʼS nuair thainig iad ga ionnsuidh, ʼsa bha iad comhla, thuirt e riu: Tha brath agaibh bho ʼn chiad latha a thainig mi do dhʼ Asia, ciamar a ghiulain mi mi fhein maille ribh fad na h-uine, 19 A seirbhiseachadh an Tighearna leis a h-uile umhlachd, ʼs le deoir, us buairidhnean, a thainig orm le foill nan Iudhach; 20 Ciamar nach do chum mi aiteal bhuaibh, a bha gu leas dhuibh, gun innseadh dhuibh, ʼs gun a theagasg dhuibh gu follaiseach, ʼs bho thigh gu tigh, 21 A cur an ceill do na h-Iudhaich, ʼs do na cinnich aithreachais a thaobh Dhe, agus creidimh ann ar Tighearna Iosa Criosta. 22 Us, seall, a nis ceangailte san spiorad, tha mi dol gu Ierusalem, gun fhios agam ciod a dhʼ eireas dhomh an sin, 23 Ach gum beil an Spiorad Naomh a dianamh fianuis dhomh anns gach baile, a g-radh, gum beil cuibhrichean agus diachuinnean a feitheamh orm ann an Ierusalem. 24 Ach cha n-eil ni dhiu sin a cur sgath orm, cha mhua tha mi sealltuinn air mo bheatha nas luachmhoire na mi fhein, ma se ʼs gun criochnaich mi mo chùrsa agus riarachadh an fhacail, a fhuair mi bho ʼn Tighearna Iosa gu teisteanas a thoirt air soisgeul grasan Dhe. 25 Us, seall, tha fios agam a nis nach fhaic sibh mo ghnuis tuilleadh, sibhse uile am measg na shiubhail mi a searmonachadh rioghachd Dhe. 26 Air an aobhar sin tha mi gu ʼr gabhail an diugh mar fhianuis, gum beil mi glan bho fhuil dhaoine gu leir. 27 Oir cha do sheachuinn mi comhairle Dhe air fad innseadh dhuibh. 28 Seallaibh ribh fhein ʼs ris an treud uile, air na shuidhich an Spiorad Naomh sibh ʼnur n-easbuigean gu riaghladh eaglais De, a cheannaich e le fhuil fhein. 29 Oir tha fios agam an deigh dhomhsa falbh, gun tig madaidhean-allaidh reubach a stigh ʼnur measg, nach caomhuinn an treud. 30 Us eiridh daoine dhibh fhein, a labhras nichean coirbte, gu deisciopuil a tharruinn ʼnan deigh. 31 Uime sin dianaibh faire, a cuimhneachadh nach do lasaich mi, fad thri bliadhna, a chomhairleachadh gach aon agaibh le deoir a dhʼ oidhche ʼsa latha. 32 A nis tha mi gu ʼr n-earbsa ri Dia, ʼs ri facal a ghras, a tha comasach air togail suas, ʼs air oighreachd a thoirt seachad am measg nan daoine naomhaichte uile. 33 Cha do shanntaich mi airgiod, no òr, no aodach duine air bith, 34 Mar tha fios agaibh fhein, a chionn fhritheil na lamhan so do mʼ fheumalachd fhein, agus dhaibhse a bha cuide rium. 35 Dhʼ fhiach mi dhuibh a h-uile ni, gur còir dhuibh, le saothrachadh mar so, an fheadhainn laga chomhnadh, agus facal an Tighearna Iosa a chuimhneachadh, mar thuirt e: Se toirt seachad is beannaichte na gabhail. 36 ʼS an deigh na nichean so radh, a dol air a ghluinean, rinn e urnaigh maille riu uile. 37 Agus rinn iad uile gal gu goirt; ʼsa tuiteam air muineal Phoil, phog iad e, 38 ʼS iad gu h-araid craiteach as leth an fhacail a thuirt e, nach fhaiceadh iad a ghnuis tuilleadh. Us thug iad coimhideachd dha gu ruig an saghach. |