Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


II. CAIB. Ghlac na deisciopuil an Spiorad Naomh: searmon Pheadair do ʼn t-sluagh: crabhadh nan ciad chreidmheach.

1 Us nuair choimhlionadh lài na caingis, bha iad uile cruinn an aon aite;

2 Agus ghrad-thainig fuaim bho neamh mar de ghaoith ro laidir a tighinn, us lion i an tigh uile anns an robh iad ʼnan suidhe.

3 Us chunnacas leo teangannan sgoilte mar gum bʼ ann de theine, agus shuidh e air gach aon dhiu;

4 Agus lionadh iad uile leis an Spiorad Naomh, us thòisich iad air labhairt le ioma seorsa theangan, a reir ʼs mar thug an Spiorad Naomh dhaibh ri labhairt.

5 A nis bha Iudhaich a tamh ann an Ierusalem, daoine crabhach dhe ʼn h-uile cinneadh a tha fo ʼn athar.

6 ʼS nuair a sgaoil an sgial so mach, thionail an sluagh, ʼs bha iad fo imcheist ʼnan inntinn, a chionn ʼs gun cual a h-uile fear iad a labhairt ʼna chanan fhein.

7 ʼS bha iad uile fo uamhas, agus fo ioghnadh, a g-radh: Seall, nach Galiléich na daoine so uile a tha labhairt?

8 Agus ciamar chuala sinn gach aon ar canan fhein anns an dʼ rugadh sinn?

9 Parthich, us Medich, ʼs Elamitich, agus luchd-comhnuidh Mhesopotamia, Iudéa, agus Chapadocia, Phontuis, us Asia,

10 Phrigia, agus Phamphilia, na h-Eipheit, ʼs an roinn sin de Libia, a tha mun cuairt do Chiréné, agus coigrich bho ʼn Roimh,

11 Iudhaich cuideachd, us feadhainn a thionndaidh, Cretich, us Arabaich, chuala sinn iad a labhairt ʼnar canan fhein oibrichean iongantach Dhe.

12 Agus bha iad uile lan uamhais agus ioghnaidh, a g-radh ri cheile: Ciod is ciall dha so?

13 Ach thuirt feadhainn eile, a magadh: Tha na daoine so lan de dhʼ fhion ùr.

14 An sin thog Peadar, ʼs e ʼna sheasamh comhla ris na h-aon-diag, a ghuth, us thuirt e riu: A dhaoine Iudéa, agus sibhse uile, a tha tamh ann an Ierusalem, biodh fios agaibh air so, agus le ʼr cluasan gabhaibh ri mʼ bhriathran.

15 Oir cha n-eil iad so air mhisg, mar tha sibhse a saoilsinn, ʼs nach eil ann ach an treas uair dhe ʼn latha:

16 Ach se so an ni a labhradh leis an fhaidh Ioel:

17 Agus tachraidh anns na laithean deireannach (os an Tighearna): taomaidh mi mach dhe mʼ Spiorad air a h-uile feoil; us ni ur mic agus ur nigheanan faisneachd, agus chi ur daoine oga seallaidhean, us bruadaraidh ur seann daoine bruadaran.

18 Agus gu fior air na laithean sin taomaidh mi mach dhe mʼ Spiorad air mo sheirbhisich, ʼs air mo bhan-sheirbhisich, agus ni iad faisneachd;

19 Us fiachaidh mi beartan iongantach air neamh shuas, agus comharraidhnean air talamh shios, fuil, agus teine, agus toit deathaich.

20 Tionndaidhear a ghrian gu dorchadas, ʼsa ghealach gu fuil, mun tig latha mor agus follaiseach an Tighearna.

21 Agus tachraidh, gum bi a h-uile h-aon, a ghairmeas air ainm an Tighearna, sabhailte.

22 Sibhse, fheara Israil, eisdibh ris na facail so: Iosa bho Nasareth, duine taitneach le Dia ʼnur measg, leis na miarailtean, ʼs na beartan iongantach, ʼs na comharraidhnean a rinn Dia leis ʼnur measg, mar tha fios agaibhse;

23 A cheart dhuine so, air dha bhith air a liubhairt seachad le comhairle shuidhichte, ʼs le roimh-eolas De, cheus sibhse agus mharbh sibh le lamhan dhroch dhaoine;

24 Esan thog Dia suas, air dha doruinnean iutharna fhuasgladh, thaobh nach bʼ urrainn dasan a bhith air a chumail leis.

25 Oir tha Dài a g-radh uime: Chunnaic mi an Tighearna daonnan romh mo ghnuis: oir tha e air mo laimh dheis, gus nach gluaisear mi:

26 Air son so rinneadh mo chridhe aoibhneach, agus ghabh mo theanga aiteas, a thuilleadh air so gabhaidh mʼ fheoil fois ann an dochas:

27 A chionn ʼs nach fag thu mʼ anam an ifrinn, ʼs nach leig thu le tʼ Aon Naomh truailleachd fhaicinn.

28 Rinn thu aithnichte dhomh slighean na beatha: us lionaidh tu mi le sòlas do ghnuis.

29 Fheara ʼsa bhraithrean, leigibh leam labhairt ribh gu dana mu ʼn phriomh-athair Dài, gun dʼfhuair e bàs, ʼs gun do thiodhlaiceadh e; agus gus an latha an diugh tha uaigh maille ruinn.

30 Uime sin bhon a bha e ʼna fhaidh, us fios aige gun do mhionnaich Dia dha le mionn, gun suidheadh fear air a chathair de thoradh a leasraidh,

31 A faicinn so roimh-laimh, labhair e mu aiseirigh Chriosta, chionn cha dʼfhagadh esan an ifrinn, ʼs cha mhua chunnaic fheoil truailleachd.

32 Thog Dia suas an t-Iosa so rithist, ni air a bheil sinne uile ʼnar fianuisean.

33 Uime sin le esan a bhith air ardachadh le laimh dheis De, agus air faighinn bho ʼn Athair gealltanas an Spioraid Naoimh, thaom e mach so, a tha sibhse a faicinn ʼsa cluinntinn.

34 Oir cha deachaidh Dài suas gu neamh: ach thuirt e fhein: Thuirt an Tighearna ri mo Thighearna: Suidh air mo laimh dheis,

35 Gus an dian mi do naimhdean ʼnan stol chas dhut.

36 Uime sin biodh lan-chinnteas aig tigh Israil uile, gun dʼ rinn Dia mar-aon Tighearna agus Criosta dhe ʼn dearbh Iosa so a cheus sibhse.

37 A nis air dhaibh na nichean so chluinntinn, ghabh iad aithreachas goirt ʼnan cridhe, us thuirt iad ri Peadar, ʼs ris a chuid eile de na h-ostail: A dhaoine ʼsa bhraithre, ciod a ni sinn?

38 Ach thuirt Peadar riu: Gabhaibh aithreachas, agus biodh gach aon agaibh air a bhaisteadh an ainm Iosa Criosta gu mathanas ur peacannan; agus gheobh sibh tiodhlac an Spioraid Naoimh.

39 Oir tha an gealltanas dhuibhse, us dha ʼr cloinn, agus dhaibhse uile a tha fad as, ge bith iad a ghairmeas an Tighearna ar Dia.

40 Agus le moran tuille bhriathran thug e teisteanas, agus chomhairlich e iad, a g-radh: Sabhailibh sibh fhein bho ʼn ghinealach choirbte so.

41 Iadsan ma ta a ghabh ri fhacal, chaidh am baisteadh; agus an latha sin fhein chuireadh ri ʼn aireamh mun cuairt do thri mile anam.

42 Agus sheas iad gu buan ann an teagasg nan ostal, ʼs an comanachadh bristeadh an arain, agus ann an urnaigh.

43 Agus thuit fiamh air a h-uile anam: us rinneadh moran mhiarailtean agus chomharraidhnean leis na h-ostail ann an Ierusalem, ʼs bha eagal mor orra uile.

44 Us bha iadsan uile, a bha creidsinn, comhla, ʼs bha h-uile ni aca coichionta.

45 Reic iad an seilbh ʼs am maoin, agus roinn iad orra uile iad, a reir uireasuidh gach aon.

46 ʼSa buanachadh a h-uile latha a dhʼ aon inntinn san teampull, ʼsa bristeadh arain bho thigh gu tigh, ghabh iad am biadh le sòlas ʼs le aon-fhillteachd cridhe,

47 A moladh Dhe, us measail aig an t-sluagh uile. Agus leasaich an Tighearna gach latha aireamh na feadhnach a bhiodh air an sabhaladh.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan