Gnìomharan 18 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XVIII. CAIB. Pol a suidheachadh eaglais Chorint; a teagasg aig Ephesus: Apollo a dol gu Corint. 1 ʼNan deigh so a fagail Athéne, thainig e do Chorint. 2 ʼSa faighinn Iudhaich araid, do ʼm bʼ ainm Acuila, a rugadh am Pontus, ʼsa thainig beagan roimh sin as an Eadailte maille ri mhnaoi Prisilla (ʼs gun dʼ orduich Claudius do na h-Iudhaich uile an Roimh fhagail), thainig e gan ionnsuidh. 3 ʼS bho na bʼ ionann ceaird dhaibh, dhʼ fhuirich e comhla riu, agus dhʼ oibrich e (a nis bʼ e dianamh phaillionan bu cheaird daibh). 4 ʼS bha e reusonachadh anns an t-sinagog a h-uile sàbaid, a toirt iomraidh air ainm an Tighearna Iosa, ʼsa comhairleachadh nan Iudhach ʼs nan Greigeach. 5 ʼS nuair thainig Silas us Timoti á Macedonia, chinn Pol na bu diana ʼna theagasg, a togail fianuis do na h-Iudhaich gum bʼ e Iosa an Criosta. 6 Ach nuair bha iadsa cur ʼna aghaidh ʼs ri blaisbheum, chrath e aodach, us thuirt e riu: Biodh ur fuil air ur cinn fhein: tha mise glan, bho so suas theid mi thun nan cinneach. 7 ʼSa falbh as a sin, chaidh e stigh do thigh duine araid, Titus Iustus bʼ ainm dha, fear a bha toirt aoraidh do Dhia, ʼs aig an robh a thigh an taice ris an t-sinagog. 8 Us chreid Crispus, riaghladair an t-sinagoig, anns an Tighearna, maille ri thigh uile; agus moran de mhuinntir Chorint ga chluinntinn chreid iad, us bhaisteadh iad. 9 An sin thuirt an Tighearna ri Pol san oidhche ann an sealladh: Na biodh eagal ort, ach labhair, agus na bi samhach: 10 Chionn tha mise maille riut: ʼs cha toir duine ionnsuidh ort los do chiurradh: oir tha moran sluaigh agam anns a bhaile so. 11 Us dhʼ fhuirich e an sin bliadhna agus sia miosan, a teagasg facal De ʼnam measg. 12 Ach nuair bha Gallio ʼna uachdran air Achaia, dhʼ eirich na h-Iudhaich suas a dhʼ aon inntinn an aghaidh Phoil, ʼs thug iad gu cathair a bhreitheanais e, 13 A g-radh: Tha an duine so a comhairleachadh dhaoine aoradh a thoirt do Dhia an aghaidh an lagha. 14 ʼS nuair a bha Pol a teannadh ri bhial fhosgladh, thuirt Gallio ris na h-Iudhaich: Nam bu cuis anaceartais, no cionta ro ghraineil a bhiodh ann, O Iudhaich, bu cheart gun cuirinn suas leibh. 15 Ach ma ʼs ceisdean mu fhacail, ʼs ainmean, agus ur lagh fhein a thʼ ann, seallaibhse ris: cha mhath leam a bhith am bhritheamh orra sin. 16 Agus dhʼ fhuadaich e iad bho chathair a bhreitheanais. 17 An sin rug iad uile air Sosthenes, riaghladair an t-sinagoig, us ghabh iad air an lathair cathair a bhreitheanais: ʼs cha robh omhail aig Gallio do ni dhe so. 18 Ach Pol, an deigh dha fuireach fhathast fad moran laithean, a gabhail a chead dhe na braithrean, sheol e gu Siria (us Prisilla agus Acuila maille ris), an deigh a cheann a bhearradh aig Ceneris: oir bha e fo bhoid. 19 Agus thainig e gu Ephesus, us dhʼ fhag e an sin iadsan. Ach chaidh e fhein a stigh do ʼn t-sinagog, agus rinn e deaspud ris na h-Iudhaich. 20 ʼS cha dʼ aontaich e leo, ʼs iad a g-iarraidh air fuireach na bʼ fhaide: 21 Ach a gabhail slan leo, ʼsa g-radh: Tillidh mi h-ugaibh a rithist, ma se toil De, dhʼ fhalbh e á Ephesus. 22 ʼSa dol air tir aig Cesaréa, chaidh e suas, ʼs chuir e fàilt air an eaglais, ʼs an sin ghabh e sios a dhʼ Antioch. 23 Agus an deigh dha cuid de dhʼ uine a chaithe an sin, dhʼ fhalbh e, a siubhal ann an ordugh tromh dhuthaich Ghalatia us Phrigia, a daingneachadh nan deisciopul uile. 24 A nis thainig Iudhach araid gu Ephesus, Apollo bʼ ainm dha, a rugadh an Alecsandria, duine fileanta, us cumhachdach anns na sgriobtuirean. 25 Bha an duine so ionnsuichte ann an slighe an Tighearna; agus le e bhith dian ʼna spiorad, labhair agus theagaisg e gu dichiollach na nichean a bhuineadh do dhʼ Iosa, ʼs fios aige a mhain air baisteadh Eoin. 26 Thòisich ma ta an duine so ri labhairt gu misneachail anns an t-sinagog. Nuair chual Prisilla agus Acuila e, ghabh iad gan ionnsuidh fhein e, us mhìnich iad slighe an Tighearna dha na bu dichiollaiche. 27 ʼS nuair a bha mhiann air dol do Achaia, air dhaibh a bhrosnachadh, sgriobh na braithrean thun nan deisciopul iad a ghabhail ris. An deigh dha ruighinn, bu mhor an comhnadh a rinn e riusan a bhʼ air creidsinn. 28 Oir le mor dhealas chomhdaich e gu follaiseach air na h-Iudhaich, agus dhʼ fhiach e dhaibh bho na sgriobtuirean gum bʼe Iosa an Criosta. |