Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 16 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XVI. CAIB. Pol a toirt cuairt feadh nan eaglaisean: a ghairm gu teagasg ann am Macedonia: a sgiursadh ann am Philippi.

1 Agus thainig e gu Derbè ʼs gu Listra. Us, seall, bha deisciopul araid an sin, dha ʼm bʼ ainm Timoti, mac ban-Iudhaich a bha creidsinn, ach bʼ ann de na cinnich ʼathair.

2 Thug na braithrean, a bha an Listra ʼs an Iconium, deagh theisteanas air an duine so.

3 Bʼ aill le Pol an duine so a dhol comhla ris; agus ga ghabhail, thimchioll-ghearr e e as leth nan Iudhach, a bha sna h-aitean sin. Oir bʼ aithne dhaibh uile gum bʼ ann de na cinnich ʼathair.

4 ʼS mar a thriall iad troimh na bailtean, liubhair iad dhaibh na h-achdannan ri ʼn cumail, a bha air an orduchadh leis na h-ostail ʼs na seanairean a bha ann an Ierusalem.

5 Agus gu dearbh bha na h-eaglaisean air an daingneachadh sa chreideamh, ʼsa dol nas mua gu mor an airimh a h-uile latha.

6 Ach air dhaibh dol tromh Phrigia ʼs dhuthaich Ghalatia, bhacadh dhaibh leis an Spiorad Naomh facal De a labhairt an Asia.

7 ʼS nuair thainig iad gu Misia, thug iad ionnsuidh air dol do Bhithinia; ʼs cha do leig Spiorad Iosa leo.

8 Agus nuair a chaidh iad tromh Mhisia, ghabh iad sios gu Troas;

9 ʼS dhʼ fhiachadh do Phol sealladh san oidhche: Bha fear araid de Mhacedonia ʼna sheasamh, agus a guidhe air, a g-radh: Gabh thairis do Mhacedonia, us cuidich sinne.

10 Agus cho luath ʼsa chunnaic e an sealladh, dhʼ iarr sinn san uair dol gu Macedonia, lan-chinnteach gun do ghairm Dia sinn, gus an soisgeul a shearmonachadh dhaibh.

11 ʼSa seoladh bho Throas, thainig sinn le seoladh direach gu Samothracia, ʼs an ath latha gu Neapolis;

12 Agus as a sin gu Philippi, ceann-bhaile de ʼn chuid sin de Mhacedonia, a tha ʼna ùr-àiteachas. Us bha sinn sa bhaile so beagan laithean a comhradh ri cheile.

13 ʼS air latha na sàbaid chaidh sinn mach air a gheata ri taobh na h-aibhne, far am bu choltach urnaigh a bhith; agus a suidhe sios, labhair sinn ris na boirionnaich a bhʼ air cruinneachadh.

14 Agus dhʼ eisd boirionnach araid, dha ʼm bʼ ainm Lidia, bana-cheannaiche purpuir bho bhaile Thiatira, té bha toirt aoraidh do Dhia, dha ʼn dʼfhosgail an Tighearna a cridhe, gu aire a thoirt do na nichean a labhradh le Pol.

15 ʼS nuair a bhaisteadh i fhein ʼsa teaghlach, ghrios i oirnn, a g-radh: Ma tha sibh gam mheas dileas do ʼn Tighearna, thigibh do mʼ thigh, us fanaibh ann. Agus thug i sin oirnn.

16 Agus thachair, us sinn a dol gu urnaigh, gun do choinnich nighean araid sinn aig an robh spiorad fiosachd, a thug moran buannachd dha maighistirean le fiosachd.

17 Lean i so Pol agus sinne, a glaodhaich ʼsa g-radh: ʼSiad na daoine so seirbheisich an De is airde, a tha teagasg dhuibh slighe an t-sabhalaidh.

18 Agus rinn i so fad moran laithean. Ach air do Phol a bhith duilich, thionndaidh e, us thuirt e ris an spiorad: Tha mi g-orduchadh dhut an ainm Iosa Criosta, thu dhol a mach aisde. ʼS chaidh e mach sa cheart uair.

19 Ach a maighistirean ri faicinn gun dʼfhalbh earbsa am buannachd, ghlac iad Pol agus Silas, us thug iad iad gu aite a mhargaidh thun nan uachdran;

20 ʼS gan cur air bialaobh nan riaghladairean, thuirt iad: Tha na daoine so togail aimhreite sa bhaile againn, agus iad ʼnan Iudhaich;

21 ʼS tha iad a toirt a stigh nos, nach fhaod sinn a ghabhail no chumail, us sinn ʼnar Romanaich.

22 Agus ruith an sluagh comhla ʼnan aghaidh; agus dhʼorduich na riaghladairean, an deigh an aodach a riabadh dhiu, an sgiursadh le slatan.

23 Agus an deigh dhaibh am bualadh le iomadh strac, thilg iad am priosan iad, a toirt teann-orduigh do fhear-coimhead a phriosain an gleidheadh gu tiaruinte.

24 Air dhasan lethid so dhʼ ordugh fhaighinn, chuir e sa phriosan a bʼ fhaide stigh iad, agus theannaich e an casan sna cip.

25 Agus mu mhiadhon oidhche, air do Phol ʼs do Shilas a bhith g-urnaigh, mhol iad Dia; us chual iadsan a bha sa phriosan iad.

26 ʼS air ball bha crith-thalmhuinn mhor ann, air chor ʼs gun do ghluaiseadh steidh a phriosain. ʼS ghrad-dhʼfhosgladh na dorsan gu leir; agus dhʼfhuasgladh na cuibhrichean aca uile.

27 Agus fear-coimhead a phriosain a dusgadh á chadal, ʼsa faicinn dorsan a phriosain fosgailte, tharruinn e a chlaidheamh a brath e fhein a mharbhadh, a saoilsinn gun robh na priosanaich air teicheadh.

28 Ach dhʼeigh Pol le guth ard, a g-radh: Na dian cron ort fhein: oir tha sinn uile an so.

29 An sin dhʼiarr e solus, ʼs chaidh e stigh; agus thuit e sios, ʼs e air chrith, aig casan Phoil agus Shilais;

30 ʼS gan toirt a mach, thuirt e: A mhaighistirean, ciod a dhʼfheumas mi dhianamh gu bhith sabhailte?

31 Us thuirt iadsan: Creid anns an Tighearna Iosa, us bithidh thu fhein agus do thigh sabhailte.

32 Agus mhìnich iad facal an Tighearna dha, agus dhaibh-san a bha ʼna thigh.

33 Agus gan gabhail sa cheart uair sin deʼn oidhche, nigh e an creuchdan; ʼs gun dàil bhaisteadh e fhein ʼsa thigh uile.

34 ʼS nuair a thug e thun a thighe iad, chuir e biadh air am bialaobh, ʼs rinn e aoibhneas maille ri thigh uile, a creidsinn ann an Dia.

35 ʼS nuair thainig an latha, chuir na riaghladairean maoir bhuapa, a g-radh: Leig as na daoine sin.

36 Agus dhʼinnis fear-coimhead a phriosain na briathran sin do Phol: Gun do chuir an luchd-riaghlaidh fios sibhse leigeadh as; falbhaibh ma ta nis, agus imichibh an sith.

37 Us thuirt Pol riu: sgiurs iad gu follaiseach ʼs gun bhinn daoine a tha ʼnan Romanaich, agus chuir iad am priosan sinn, ʼsa nis am beil iad ga ʼr tilgeadh a mach an uaigneas? Cha n-ann mar sin a bhios: ach thigeadh iad,

38 Us tilgeadh iad fhein a mach sinn. Agus dhʼinnis na maoir na briathran so do ʼn luchd-riaghlaidh. ʼS ghabh iadsan eagal, a cluinntinn gum bu Romanaich iad:

39 ʼSa tighinn dhʼaslaich iad orra, ʼs gan toirt a mach, ghuidh iad orra falbh as a bhaile.

40 Agus air dhaibh dol a mach as a phriosan, chaidh iad a stigh do thigh Lidia; agus air dhaibh na braithrean fhaicinn, thug iad comhfhurtachd dhaibh, ʼs ghabh iad air falbh.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan