Gnìomharan 15 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XV. CAIB. Consachadh mu dheidhinn an timchioll-ghearraidh: breth us litir na comhairle a bha ann an Ierusalem. 1 Agus theagaisg cuid, a thainig a nuas bho Iudéa, do na braithrean: Mur teid ur timchioll-ghearradh a reir gnath Mhaois, cha n-urrainn duibh a bhith sabhailte. 2 ʼS an deigh do Phol ʼs do Bharnabas consachadh nach bu bheag a chumail riu, chuir iad rompa, gun rachadh Pol agus Barnabas, us feadhainn araid bho ʼn taobh eile, suas do Ierusalem thun nan ostal ʼs nan sagart mu dheidhinn na ceisde so. 3 Air dhaibhse ma ta bhith air an toirt air an adhart leis an eaglais, ghabh iad tromh Phenice agus Shamaria, a g-aithris tionndadh nan cinneach; agus thug iad toileachadh mor do na braithrean uile. 4 Agus nuair a rainig iad Ierusalem, ghabhadh riu leis an eaglais, ʼs leis na h-ostail, agus leis na seanairean, ʼs iad a g-aithris nan nichean mora a rinn Dia leo. 5 Ach dhʼ eirich cuid de dhʼeiriceachd nam Phairiseach, a bha sa chreideamh, a g-radh: Gum bu chòir an timchioll-ghearradh, agus orduchadh dhaibh cuideachd lagh Mhaois a chumail. 6 Agus thionail na h-ostail ʼs na seanairean gus a chuis so rannsachadh: 7 ʼS an deigh moran deaspuid, air eirigh do Pheadar, thuirt e riu: A dhaoine ʼsa bhraithrean, tha fios agaibh gun dʼ rinn Dia sna laithean bho shean raghainn ʼnar measg-ne, gun cluinneadh na cinnich facal an t-soisgeil á bhialsa, ʼs gun creideadh iad. 8 Agus thug Dia, do ʼn aithne cridheachan, teisteanas, leis an Spiorad Naomh a thoirt dhaibh, direach mar dhuinne. 9 ʼS eadar-dhealachadh sa bith cha dʼ rinn e eadar sinne agus iadsan, a glanadh an cridheachan le creideamh. 10 A nis ma ta, car-son tha sibh a buaireadh Dhe, a cur cuinge air amhuichean nan deisciopul, nach bʼ urrainn ar n-aithrichean no sinne a ghiulan? 11 Ach tha sinn a creidsinn gur ann tromh ghrasan an Tighearna Iosa Criosta a shabhailear sinn, amhuil us iadsan. 12 Ach dhʼ fhan a chuideachda uile samhach; us dhʼ eisd iad ri Barnabas agus ri Pol a g-innse miad nan comharraidhnean ʼs nam miarailtean, a rinn Dia leo am measg nan cinneach. 13 Agus an deigh dhaibhse bhith samhach, fhreagair Seumas, a g-radh: A dhaoine agus a bhraithrean, eisdibh riumsa: 14 Dhʼ innis Simon mar a sheall Dia an toiseach, gu pobull a ghabhail de na cinnich dha ainm fhein. 15 Agus ri so tha briathran nam faidhean a cordadh, mar tha e sgriobhte: 16 ʼNan deigh so tillidh mi, us togaidh mi as ùr paillion Dhài, a thuit sios; agus togaidh mi rithist na tha leagte dheth, agus cuiridh mi suas e, 17 Los gun iarr a chuid eile de dhaoine an Tighearna, agus na cinnich gu leir air an gairmear mʼ ainm, os an Tighearna a tha dianamh nan nichean so. 18 Bho thoiseach an t-saoghail bʼ aithne doʼ n Tighearna obair fhein. 19 Air an aobhar sin tha mise toirt breth, nach eil dragh ri chur orrasan, a tha air tionndadh ri Dia, de na cinnich: 20 Ach sinn a sgriobhadh gan ionnsuidh, iad a sheachnadh truailleachd iodholan, agus striopachais, agus nichean tachdte, agus fala. 21 Oir bho chian tha feadhainn aig Maois anns gach baile, a tha ga theagasg anns na sinagogan, far a bheileas ga leughadh air a h-uile sàbaid. 22 A nis bʼ i toil nan ostal ʼs nan seanairean, maille ris an eaglais uile, daoine dhiu fhein a thaghadh, agus an cur do Antioch maille ri Pol us Barnabas, bʼ iad sin Iudas, dha ʼn co-ainm Barsabas, agus Silas, priomh-dhaoine am measg nam braithrean; 23 A cur an sgriobhaidh so leo: Tha na h-ostail, ʼs na seanairean braithrean, a cur bheannachd a dhʼ ionnsuidh nam braithrean de na cinnich a tha an Antioch, ʼs an Siria, agus an Cilicia. 24 A chionn gun cuala sinn gun do chuir daoine araid, a chaidh mach bhuainn, bruaidlein oirbh le ʼm briathran, a cur ur n-anman air aimhreidh, dha nach tug sinn ordugh air bith: 25 Chunnacas iomchuidh leinne, air dhuinn a bhith cruinn a dhʼ aon bheachd, daoine a thaghadh, ʼs an cur gu ʼr n-ionnsuidh maille ri Barnabas us Pol, a tha ro ionmhuinn leinn, 26 Daoine, a thug seachad am beatha air son ainm ar Tighearna Iosa Criosta. 27 Chuir sinn ma ta Iudas agus Silas, agus innsidh iadsan dhuibh na nichean ciadna le cainnt beoil. 28 Oir chunnacas ceart leis an Spiorad Naomh agus leinne, gun tuilleadh eallaich a leagadh oirbh, ach na nichean riatanach so: 29 Gun seachnadh sibh nichean, a chaidh iobradh do iodholan, us fuil, us nichean tachdte, agus striopachas; le ʼr cumail fhein bho na nichean sin, ni sibh gu math. Slan leibh. 30 Nuair chaidh an cur air an adhart ma ta, chaidh iad sios gu Antioch; ʼs an deigh an sluagh a chruinneachadh, liubhair iad an litir. 31 Nuair a leugh iad i, rinn iad aoibhneas as leth na cofhurtachd. 32 Ach bho na bha Iudas agus Silas iad fhein ʼnam faidhean, le moran bhriathran dhʼ fhurtaich agus neartaich iad na braithrean. 33 ʼS an deigh dhaibh beagan uine a chaithe an sin, leigeadh air falbh iad leis na braithrean le sith thun na feadhnach a chuir air an adhart iad. 34 Ach chunnacas iomchuidh le Silas fuireach an sin: us chaidh Iudas ʼna aonar do Ierusalem. 35 Agus dhʼ fhan Pol us Barnabas an Antioch, a teagasg ʼsa searmonachadh facal an Tighearna comhla ri moran de dhʼ fheadhainn eile. 36 ʼS an deigh beagan laithean, thuirt Pol ri Barnabas: Tillemid a shealltuinn air ar braithrean anns gach baile, far na shearmonaich sinn facal an Tighearna, los fhaicinn ciamar a tha iad. 37 Agus bha Barnabas deidheil air Eoin, dha ʼn co-ainm Marc, a thoirt leo cuideachd. 38 Ach bʼ e iarratas Phoil nach bu chòir esan a ghabhail (a chionn gun robh e air dealachadh riu aig Pamphilia, ʼs nach deach e comhla riu thun na h-oibre). 39 Agus dhʼ eirich eas-aontas, air chor ʼs gun do dhealaich iad ri cheile, ʼs gun do sheol Barnabas, a toirt Mhairc leis, gu Ciprus. 40 Ach Pol a taghadh Shilais, dhʼ imich e, ʼs e air a liubhairt leis na braithrean do ghrasan De. 41 Us shiubhail e tromh Shiria agus Chilicia, a daingneachadh nan eaglaisean, a g-àithneadh orra reachdan nan ostal agus nan seanairean a chumail. |