Gnìomharan 14 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XIV. CAIB. Pol ʼs Barnabas a teagasg ann an Icomum ʼs an Listra: Leighis Pol cripleach: shaoileadh gum bu diathan iad: chlachadh Pol: iad a teagasg ann an Derbé ʼs am Pergé. 1 Agus thachair ann an Iconium gun deach iad le cheile stigh do shinagog nan Iudhach, agus gun do labhair iad ann an seol ʼs gun do chreid ro-mhoran sluaigh de na h-Iudhaich araon ʼs de na Greigich. 2 Ach bhrosnaich na h-Iudhaich, a bha mi-chreideach, us bhorbnaich iad gu feirg inntinn nan cinneach an aghaidh nam braithrean. 3 A dhʼ aindeoin sin dhʼ fhuirich iad moran uine, a g-oibreachadh gu misneachail san Tighearna, a thug teisteanas do fhacal a ghras le deonachadh comharraidhnean, agus miarailtean a bhith diante le ʼn lamhan. 4 ʼS bha sluagh a bhaile air an roinn; bha cuid gu dearbh air taobh nan Iudhach, agua cuid air taobh nan ostal. 5 Ach nuair thugadh ionnsuidh leis na cinnich, us leis na h-Iudhaich maille ri ʼn riaghladairean, le beachd am maslachadh agus an clachadh, 6 Bha iad ʼnam faireachadh, agus theich iad gu Listra agus Derbè, bailtean ann an Licaonia, ʼs gus an duthaich uile mun cuairt, agus bha iad ri obair an t-soisgeil an sin. 7 ʼS bha duine araid ann an Listra ʼna shuidhe, gun lùs ʼna chasan, ʼs na chripleach bho bhroinn a mhathar, ʼs nach do choisich riamh. 8 Chual am fear so Pol a labhairt. Agus esan a g-amharc air, ʼsa faicinn gun robh creideamh aige gu bhith air a leigheas, 9 Thuirt e le guth ard: Eirich direach air do chasan. Us leum e suas, agus choisich e. 10 ʼS nuair chunnaic an sluagh ciod a rinn Pol, thog iad an guth a cantuinn ann an canan Licaonia: Theirinn na diathan nuas gaʼr n-ionnsuidh an riochd dhaoine. 11 Agus thug iad Iupiter air Barnabas, agus Mercurius air Pol: a chionn ʼs gum bʼ e am priomh fhear-labhairt e. 12 A bharr air sin thug sagart Iupiteir, a bha mu choinneamh a bhaile, tairbh us fleasgan leis gu bialaobh a gheata, us bʼaill leis iobairt a thairgse suas comhla ris an t-sluagh. 13 Ach cho luath ʼsa chuala na h-ostail, Barnabas agus Pol, so, riab iad an aodach, agus leum iad am measg an t-sluaigh, a glaodhaich, 14 ʼSa g-radh: Fheara, car-son a tha sibh a dianamh so? Is daoine bàsmhor sinne, coltach ribh fhein, a tha teagasg dhuibh tionndadh bho na nichean faoin sin gus an Dia beo, a rinn neamh, agus talamh, agus a mhuir, agus gach ni a thʼ unnta: 15 A leig, anns na linntinn a chaidh seachad, leis na cinnich uile imeachd ʼnan slighean fhein. 16 An deigh sin uile cha dʼ fhag e e fhein gun theisteanas, a buileachadh math bho neamh, a toirt uisge agus aimsirean torach; a lionadh ar cridheachan le biadh ʼs le aoibhneas. 17 Agus leis na nichean so radh, ʼsann air eiginn a chàisg iad an sluagh bho iobairt a thairgse dhaibh. 18 A nis thainig Iudhaich araid á Antioch ʼs á Iconium; ʼs air dhaibh an sluagh a thoirt air an comhairle, chlach iad Pol, agus shlaod iad a mach as a bhaile e an dùil gun robh e marbh. 19 Ach air cruinneachadh do na deisciopuil mun cuairt da, dhʼ eirich e, ʼs chaidh e stigh do ʼn bhaile; ʼs air an ath latha dhʼ imich e maille ri Barnabas gu Derbè. 20 ʼS an deigh dhaibh an soisgeul a shearmonachadh do ʼn bhaile sin, us moran a theagasg, thill iad a rithist do Listra, ʼs do Iconium, ʼs do Antioch, 21 A neartachadh anmannan nan deisciopul, ʼs gam brosnachadh gu leantuinn ris a chreideamh; ʼs gur ann tromh mhoran anshocair a dhʼ fheumas sinn dol a stigh do rioghachd Dhe. 22 ʼS nuair a shuidhich iad sagairt daibh anns a h-uile eaglais, ʼsa chuir iad suas urnaigh le traisg, dhʼearb iad iad ris an Tighearna, anns na chreid iad. 23 ʼSa gabhail tromh Phisidia, thainig iad gu Pamphilia. 24 ʼS an deigh dhaibh facal an Tighearna a labhairt am Pergè, chaidh iad sios gu Attalia; 25 Agus sheol iad á sin do Antioch, as na liubhradh iad do ghrasan De thun na h-oibre, a choimhlion iad. 26 ʼS nuair a rainig iad, ʼsa chruinnich iad an eaglais, dhʼ aithris iad a mhiad sa rinn Dia leo, ʼs mar dhʼ fhosgail e dorus a chreidimh do na cinnich. 27 Agus dhʼ fhuirich iad; uine nach bu bheag comhla ris na deisciopuil. |