Gnìomharan 13 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XIII. CAIB. Saul us Barnabas air an cur air adhart le gluasad an Spioraid Naoimh: Theagaisg iad ann an Ciprus ʼs ann an Antioch Phisidia. 1 A nis bha san eaglais a bha an Antioch faidhean agus ollamhan, ʼnam measg sin bha Barnabas, agus Simon, ris an abrar Niger, agus Lucius bho Chirené, agus Manahen, a bha ʼna chomhalta Heroid an Tetrarch, agus Saul. 2 ʼS nuair a bha iad a frithealadh do ʼn Tighearna, ʼsa trasgadh, thuirt an Spiorad Naomh riu: Cuiribh Saul ʼs Barnabas air leth dhomh air son na h-oibre, gus na shonraich mi iad. 3 An sin air dhaibh trasgadh, ʼs urnaigh a dhianamh, agus an lamhan a chur orra, leig iad air falbh iad. 4 Us chaidh iadsan, ʼs iad air an cur air an adhart mar so leis an Spiorad Naomh, do Sheleucia, agus á sin sheol iad gu Ciprus. 5 ʼS nuair a thainig iad gu Salamina, shearmonaich iad facal De ann an Sinagogan nan Iudhach. ʼS bha Eoin aca cuideachd san fhrithealadh. 6 Us nuair a shiubhail iad tromh ʼn eilean uile gu ruig Paphos, fhuair iad feareigin, a bha ʼna dhraoi, ʼna fhaidh-breige, ʼna Iudhach, dha ʼm bʼ ainm Bariésu, 7 A bha comhla ris an uachdran Sergius Paulus, duine tuigseach. Air dhasan Barnabas agus Saul a ghairm ga ionnsuidh, bha toil aige facal De chluinntinn. 8 Ach chuir Elimas an draoi (oir se sin an t-ainm aige air eadar-theangachadh,) ʼnan aghaidh, a sireadh an t-uachdran a thionndadh air falbh bho ʼn chreideamh. 9 Ach Saul, se sin Pol, ʼs e lan de ʼn Spiorad Naomh, a leagail giar shula air, 10 Thuirt e: O thusa, a tha lan de ʼn h-uile foill, ʼs de ʼn h-uile ceilg, a mhic an deomhain, a namhaid a h-uile ceartais, cha n-eil thu sgur de shlighean cearta an Tighearna fhiaradh. 11 Us, seall, a nis tha lamh an Tighearna ort, ʼs bithidh thu dall, gun a ghrian fhaicinn car uine. ʼS ghrad-thuit ceo agus dubhar air; ʼsa dol mun cuairt shir e cuideigin a stiuradh air laimh e. 12 An sin nuair chunnaic an t-uachdran na rinneadh, chreid e, a gabhail ioghnaidh ri teagasg an Tighearna. 13 ʼS nuair sheol Pol us iadsan a bha cuide ris bho Phaphos, thainig iad gu Pergé ann am Pamphilia. Ach dhealaich Eoin riu, us thill e gu Ierusalem. 14 Ach iadsan a gabhail tromh Phergé, thainig iad gu Antioch ann am Pisidia; ʼsa dol a stigh do ʼn t-sinagog air latha na sàbaid, rinn iad suidhe. 15 ʼS an deigh leughadh an lagha, ʼs nam faidhean, chuir riaghladairean an t-sinagoig gan ionnsuidh, a g-radh: A dhaoine ʼsa bhraithre, ma tha facal air bith de dhʼ earail agaibh do ʼn t-sluagh, abraibh e. 16 An sin Pol a g-eirigh, ʼsa smeideadh le ʼlaimh iad a bhith samhach, thuirt e: A dhaoine Israil, us sibhse air a bheil eagal De, eisdibh: 17 Thagh Dia pobull Israil ar n-aithrichean, ʼs dhʼ ardaich e am pobull, nuair a bha iad a tamh an talamh na h-Eiphit, ʼs le gairdean treun thug e mach iad aisde. 18 Agus fad dà fhichead bliadhna chuir e suas ri ʼm beusan anns an fhasach. 19 ʼS nuair a sgrios e seachd cinnidhean an talamh Chanaain, roinn e am fearann-sa orra le crannchur, 20 Mar gum bʼ eadh an ceann ceithir chiad agus leth-chiad bliadhna; ʼs an deigh so thug e dhaibh britheamhan gu Samuel am faidh. 21 ʼS an deigh sin dh ʼiarr iad righ; us thug Dia dhaibh Saul mac Chis, fear dhà fhichead bliadhna, de threibh Bheniamin. 22 ʼS nuair thugadh esan air falbh, thog e suas dhaibh Dài gu bhith ʼna righ: air an tug e teisteanas a g-radh: Fhuair mi Dài mac Iesse, duine a reir mo chridhe, a ni mʼ uile thoil. 23 De shliochd-sa, a reir a gheallaidh, thog Dia suas do dhʼ Israel Slanair, Iosa, 24 An deigh do Eoin, roimh a thighinn-sa, baisteadh an aithreachais a shearmonachadh do shluagh Israil uile. 25 ʼS nuair bha Eoin a coimhlionadh a thuruis, thuirt e: Cha mhise esan a tha sibh a saoilsinn gur mi, ach seall, tha neach a tighinn as mo dheigh, nach airidh mi air brogan a chas fhuasgladh. 26 Fheara ʼsa bhraithre, a chlann-stuic Abrahaim, ʼs gach aon ʼnur measg anns a bheil eagal De, ʼsann gu ʼr n-ionnsuidhse chaidh facal an t-sabhalaidh so a chur. 27 Oir luchd-tuinidh Ierusalem, agus an riaghladairean, le cion eolais air-san, ʼs air facail nam faidhean, a thathas a leughadh gach sàbaid, le toirt binn air-san choimhlion iad iad. 28 ʼS ged nach dʼ fhuair iad cuis-bhàis air bith ann, dhʼ iarr iad cead air Pilat a chur gu bàs. 29 ʼS nuair a choimhlion iad a h-uile ni a bha sgriobhte mu dheidhinn, thug iad nuas bho ʼn chrann e, ʼs chuir iad ann an uaigh e. 30 Ach thog Dia suas e bho na mairbh air an treas latha; agus chunnacas e fad moran laithean leo-san, 31 A thainig suas comhla ris bho Ghalile do Ierusalem, a tha ʼnam fianuisean dha do ʼn t-sluagh gus an latha an diugh. 32 Agus tha sinn a g-innse dhuibhse a gheallaidh sin a thugadh dha ʼr n-aithrichean: 33 Gun do choimhlion Dia e dhuinne an clann-sa, le Iosa a thogail suas, mar a tha e sgriobhte san darna salm: Is tu mo mhac, an diugh ghin mi thu. 34 Ach gun do thog e e bho na mairbh gun e a thilleadh bho sin suas tuille gu truailleachd, thuirt e mar so: Ni mi firinneach dhuibh geallaidhnean naomha Dhài. 35 Us uime sin tha e g-radh an aite eile: Cha leig thu le tʼ Aon Naomh truailleachd fhaicinn. 36 Oir an deigh do Dhài ʼna linn fhein frithealadh do thoil De, chaidil e; ʼs chuireadh e ri ʼaithrichean, agus chunnaic e truailleachd. 37 Ach cha n-fhac esan a thog Dia bho na mairbh truailleachd. 38 Biodh fios agaibh ma ta, fheara ʼsa bhraithre, gur ann troimhse a tha mathanas pheacannan air a shearmonachadh dhuibh; agus bho ʼn h-uile ni, bho nach bʼ urrainn duibh a bhith air ur naomhachadh le lagh Mhaois, 39 Tha gach aon, a chreideas, air a naomhachadh leis-san. 40 Thugaibh an aire ma ta nach eirich dhuibh na chaidh innse leis na faidhean: 41 Faicibh, a luchd-taire, ʼs gabhaibh iongantas, agus theirigibh a dhith: oir oibrichidh mi obair ʼnur laithean, obair nach creid sibh, ged dhʼ innseadh duine air bith dhuibh e. 42 ʼS nuair a bha iad a dol a mach, ghuidh iad orra na briathran ciadna labhairt riu air an ath shàbaid. 43 Agus nuair a sgaoil an sinagog, lean moran de na h-Iudhaich, ʼs de na coigrich chrabhach Pol agus Barnabas: a labhair riu, gan comhairleachadh iad a sheasamh buan ann an grasan De. 44 Ach air an ath shàbaid chruinnich am baile uile ach beag a dhʼ eisdeachd ri facal De. 45 Ach air do na h-Iudhaich leithid de shluagh fhaicinn, lionadh iad le farmad, ʼs le blaisbheum chuir iad an aghaidh nan nichean a bha air an radh le Pol. 46 An sin thuirt Pol us Barnabas gu misneachail: ʼSann dhuibhse a thigeadh oirnn facal De a labhairt an toiseach: ach a chionn gum beil sibh ga dhiultadh, ʼs gu ʼr meas fhein neo-thoillteanach air beatha shiorruidh, seall, tha sinn a tionndadh ris na cinnich. 47 Oir ʼsann mar sin a dhʼ àithn an Tighearna oirnn: Chuir mi thu na dʼ sholus do na cinnich, gus thu bhith na dʼ shabhaladh gu iomall an talmhuinn. 48 ʼS nuair chuala na cinnich so, ghabh iad toilinntinn, ʼs ghloraich iad facal an Tighearna; agus chreid a mhiad ʼsa bha air an roimh-orduchadh gu beatha shiorruidh. 49 Agus bha facal an Tighearna air a sgaoileadh feadh na ducha gu leir. 50 Ach bhrosnaich na h-Iudhaich boirionnaich chrabhach agus uasal, agus priomh-dhaoine a bhaile, us thog iad geur-leanmhuinn an aghaidh Phoil agus Bharnabais: us thilg iad a mach iad as an criochan. 51 Ach chrath iadsan duslach an cas ʼnan aghaidh, agus thainig iad gu Iconium. 52 Agus bha na deisciopuil air an lionadh le sòlas agus leis an Spiorad Naomh. |