Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 12 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XII. CAIB. Geur-leanmhuinn Heroid; saoradh Pheadair á priosan le aingeal: breitheanas Dhe air Herod.

1 San àm chiadna, shìn righ Herod a mach a lamh gu cuid dhe ʼn eaglais a dhochnadh.

2 ʼS mharbh e Seumas, brathair Eoin, leis a chlaidheamh.

3 ʼSa faicinn gun do thaitinn so ris na h-Iudhaich, chuir e roimhe Peadar a ghlacadh cuideachd. A nis bʼ iad laithean an arain neo-ghoirtichte a bhʼ ann.

4 ʼS an deigh dha a ghlacadh, thilg e am priosan e, ga liubhairt do cheithir cheathrar shaighdearan gus a ghleidheadh, a cur roimhe a thoirt a mach do ʼn t-sluagh an deigh na casga.

5 Ghleidheadh Peadar uime sin ann am priosan. Ach bha ʼn eaglais cur suas urnaigh gun lasachadh ri Dia air a shon.

6 Us nuair bha Herod gu thoirt a mach, an oidhche sin fhein bha Peadar ʼna chadal eadar dà shaighdear ceangailte le dà shlabhruidh; ʼs bha an luchd-faire air bialaobh an doruis a gleidheadh a phriosain.

7 Agus, seall, sheas aingeal an Tighearna lamh ris, agus shoillsich solus san t-seomar; ʼsa bualadh Pheadair san taobh, dhuisg e e, a g-radh: Eirich gu luath. Agus thuit na slabhruidhean dhe lamhan.

8 Us thuirt an t-aingeal ris: Crioslaich thu fhein, ʼs cuir ort do chuarain. Us rinn e sin: Us thuirt e ris: Cuir tʼ eideadh umad, ʼs lean mise.

9 ʼSa dol a mach lean e e, ʼs cha do mhuthaich e gun robh e fior na rinneadh leis an aingeal: ach shaoil leis gum fac e sealladh.

10 ʼSa dol seachad air a chiad ʼs air an darna freiceadan, thainig iad thun a gheata iaruinn, a tha gabhail a dhʼ ionnsuidh a bhaile, a dhʼ fhosgail dhaibh leis fhein. ʼSa dol a mach, chaidh iad tromh aon straid; agus san uair dhealaich an t-aingeal ris.

11 Agus thuirt Peadar, ʼs e tighinn h-uige fhein: Tha mi nis a lan-thuigsinn, gun do chuir an Tighearna aingeal bhuaithe, ʼs gun do shaor e mi á laimh Heroid, ʼs bho uile dhuil pobull nan Iudhach.

12 ʼSa gabhail gu smaoineachadh, thainig e gu tigh Mairi mathair Eoin, dha ʼm bu cho-ainm Marcus, far an robh moran cruinn ʼs ri urnaigh.

13 ʼS nuair a bha e bualadh aig dorus a gheata, thainig cailin, dha ʼm bʼ ainm Rodé, a dhʼ eisdeachd.

14 Cha luaithe dhʼ aithnich i guth Pheadair, na ruith i le sòlas a stigh, gun an geata fhosgladh, a dhʼ innseadh gun robh Peadar ʼna sheasamh romh ʼn gheata.

15 Ach thuirt iad rithe: Tha ʼn caothach ort. Ach chomhdaich ise gun robh a chuis mar sin. Thuirt iadsan an sin: Se an t-aingeal aige a thʼ ann.

16 Ach bha Peadar a sior-bhualadh. ʼS air dhaibh fosgladh, chunnaic iad e, agus ghabh iad iongantas.

17 Ach a smeideadh orra le ʼlaimh iad a bhith ʼnan tosd, dhʼ aithris e mar a thug an Tighearna mach as a phriosan e, us thuirt e: Innsibh na nichean so do Sheumas ʼs do na braithrean. ʼSa dol a mach, chaidh e gu aite eile.

18 ʼS air tighinn do ʼn latha, bha upraid nach bu bheag am measg nan saighdearan, ciod a dhʼ eirich do Pheadar.

19 Agus air do Herod a shireadh, ʼs nach dʼ fhuair e e, an deigh an luchd-faire a rannsachadh, dhʼ orduich e an cur gu bàs; ʼsa dol sios bho Iudéa do Chesaréa, rinn e comhnuidh an sin.

20 ʼS bha fearg aige ri muinntir Thiruis us Shidoin. Ach thainig iadsan a dhʼ aon aigne ga ionnsuidh, ʼs air dhaibh Blastus, seomarlan an righ, a chosnadh dha ʼn taobh, dhʼ iarr iad sith, a chionn gun robh an duchannan air an àrach leis.

21 ʼS air latha suidhichte, shuidh Herod sgeadaichte an earradh rioghail air cathair a bhreitheanais, ʼs rinn e deas-labhairt riu.

22 Agus thog iad iolach: Se guth De a thʼ ann, ʼs cha ghuth duine.

23 ʼS ghrad-bhuail aingeal an Tighearna e, a chionn nach tug e an onair do Dhia; agus dhʼ itheadh le cnuimheagan e, us thilg e an anail.

24 Ach chinnich facal an Tighearna, agus lionsgair e.

25 Us thill Barnabas agus Saul bho Ierusalem, ʼs iad air an seirbhis a choimhlionadh, a toirt leo Eoin, dha ʼn co-ainm Marcus.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan