Galàtianach 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875III. CAIB. Cha n-ann tromh ʼn lagh, ach tromh chreideamh, a gheobhar an Spiorad ʼs am beannachd, a ghealladh do Abraham. 1 O mhuinntir Ghalatia gun chiall, co chuir buidseachd oirbh, nach striochd sibh do ʼn fhirinn, agus Iosa Criosta air fhiachuinn dhuibh mu choinneamh ur sul, air a cheusadh ʼnur measg? 2 Is math leam so a mhain a thuigsinn bhuaibh: An ann bho oibrichean an lagha, no bho eisdeachd a chreidimh a fhuair sibh an Spiorad? 3 Am beil sibh cho gorach, ʼs an deigh tòiseachadh leis an Spiorad, gun criochnaich sibh leis an fheoil? 4 Na dhʼ fhuilig sibh nichean cho mor gu diomhain? ma se ʼs gur h-ann gu diomhain. 5 Am beil esan ma ta, a tha toirt dhuibh an Spioraid, ʼsa dianamh mhiarailtean ʼnur measg, a dianamh so le oibrichean an lagha, no an ann le eisdeachd a chreidimh? 6 Mar tha e sgriobhte: Chreid Abraham Dia, us mheasadh sin da gu ceartas. 7 Tuigibh ma ta gur iadsan, a tha dhe ʼn chreideamh, is clann do dhʼ Abraham. 8 Agus an Sgriobtur a faicinn roimh laimh gun naomhaicheadh Dia na cinnich le creideamh, thug e fios roimh laimh do dhʼ Abraham: Beannaichear na cinnich uile unnadsa. 9 Uime sin bithidh iadsan, a tha dhe ʼn chreideamh, air am beannachadh maille ri Abraham, a chreid. 10 Oir a mhiad ʼsa tha de dhʼ oibrichean an lagha, tha iad fo mhollachd. Oir tha e sgriobhte: Is mollaichte gach aon nach lean ris na nichean sin uile, a tha sgriobhte ann an leabhar an lagha, gus an dianamh. 11 Ach nach naomhaichear an lathair Dhe duine air bith leis an lagh, is cuis shoilleir: a chionn gum beil an duine ceart beo tromh chreideamh. 12 Ach cha n-ann bho chreideamh a tha an lagh, ach: Esan a ni iad sin, bithidh e beo unnta. 13 Shaor Criosta sinn bho mhollachd an lagha le bhith ʼna mhollachd air ar son: oir tha e sgriobhte: Is mollaichte a h-uile h-aon a chrochar air crann: 14 Los gun struthadh beannachd Abrahaim air na cinnich tromh Iosa Criosta, ʼs gum faigh sinne gealladh an Spioraid tromh chreideamh. 15 A bhraithrean (mar dhuine tha mi ga radh), cha chuir aon sa bith tiomnadh daingnichte duine suarach, cha mhua chuireas e ris. 16 Thugadh na gealltanasan do dhʼ Abraham agus dha shiol. Cha n-eil e g-radh: Dha shil, mar do mhoran, ach mar do h-aon: Agus dha dʼ shiol, se sin Criosta. 17 A nis tha mi g-radh so, nach eil an lagh, a rinneadh an ceann ceithir chiad us deich bliadhna fichead, a bristeadh an tiomnaidh tha daingnichte le Dia, gus an gealltanas fhagail gun mhath. 18 Oir ma ʼsann bho ʼn lagh a tha ʼn oighreachd, cha n-eil i a reir sin bho ʼn ghealltanas. Ach thug Dia i do dhʼ Abraham tromh ghealladh. 19 Car-son ma ta an lagh? Thugadh e air son pheacannan gus an tigeadh an siol, dha ʼn tug e an gealladh, air orduchadh le ainglean an laimh eadar-mhiadhonair. 20 A nis cha n-eil eadar-mhiadhonair air son aon: ach is aon Dia. 21 An robh an lagh ma ta an aghaidh geallaidhnean Dhe? Fada bho sin. Oir nan tugteadh lagh seachad a bʼ urrainn beatha thoirt, gu deimhinn ʼsann bho ʼn lagh a bhiodh ceartas. 22 Ach dhruid an Sgriobtur a h-uile ni fo ʼn pheacadh, los gum biodh an gealltanas tromh chreideamh Iosa Criosta air a thoirt do na creidich. 23 Ach mun tainig creideamh, ghleidheadh sinn duinte fo ʼn lagh thun a chreidimh sin, a bha ri thaisbeanadh. 24 Mar sin bʼ e an lagh ar ceann-iuil gu Criosta, los gum bi sinn air ar naomhachadh tromh chreideamh. 25 Ach air tighinn do ʼn chreideamh, cha n-eil sinn nas fhaide fo cheann-iuil. 26 Oir tha sibh uile ʼnur cloinn do Dhia tromh ʼn chreideamh, a tha ann an Iosa Criosta. 27 Oir uibhir ʼsa bhaisteadh dhibh ann an Criosta, chuir sibh Criosta umaibh. 28 Cha n-eil Iudhach no Greigeach: cha n-eil daor no saor: cha n-eil firionn no boirionn ann. Oir tha sibh uile ʼnur n-aon ann an Iosa Criosta. 29 Agus ma ʼs le Criosta sibh, tha sibh le sin de shiol Abrahaim, ʼnur n-oighreachan a reir a ghealltanais. |