Ephèsianach 6 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875VI. CAIB. Dleasnasan cloinne agus sheirbhiseach: armachd a Chriostaidh. 1 A chlann, bithibh umhailt dha ʼr parantan san Tighearna: oir tha so ceart. 2 Thoir onair dha tʼ athair dha dʼ mhathair: si so a chiad fhainte le gealladh: 3 Los gun soirbhich leat, agus gum bi fad laithean agad air talamh. 4 Agus sibhse, aithrichean, na brosnaichibh ur clann gu feirg: ach togaibh suas iad ann an oilein ʼs ann an smachd an Tighearna. 5 A sheirbhisich, bithibh umhailt dha ʼr maighistirean a reir na feola le athadh agus ball-chrith, ann an treibhdhireas ur cridhe, mar do Chriosta: 6 Cha n-ann ʼnur seirbhisich-sula, mar a toileachadh dhaoine, ach mar sheirbhisich Chriosta, a dianamh toil De bho ʼn chridhe, 7 Le deagh thoil ri seirbhis mar do ʼn Tighearna, ʼs cha n-ann do dhaoine: 8 A tuigsinn gum faigh gach aon a cheart mhath a ni e, ge bith e, bho ʼn Tighearna, co-dhiu is saoranach no daoranach e. 9 Ach sibhse, a mhaigtistirean, dianaibh na nichean ciadna dhaibh-san, a seachnadh maoitheadh: a tuigsinn gum beil an Tighearna aca-san agus agaibhse ann am flathanas; ʼs nach eil eisimeil aige ri pearsa dhaoine. 10 A thaobh na cuid eile, a bhraithrean, bithibh air ur neartachadh san Tighearna, agus ann am feart a chumhachd. 11 Cuiribh oirbh armachd Dhe, air chor ʼs gur urrainn duibh seasamh an aghaidh ribeachan an deomhain: 12 Oir cha n-ann an aghaidh feola agus fala a tha ar gleachd, ach an aghaidh phrionnsachan us chumhachdan, an aghaidh riaghladairean saoghal an dorchadais so, an aghaidh spioraid an uilc sna h-ard-ionadan. 13 Air an aobhar sin glacaibh armachd Dhe ann an rathad ʼs gur urrainn duibh seasamh anns an droch latha, agus seasamh gu coimhlionta anns gach ni. 14 Seasaibh ma ta le ʼr leasraidh crioslaichte le firinn, agus uchd-eideadh a cheartais oirbh, 15 ʼS mar chaiseirt deisealachd soisgeul na sithe, 16 Anns a h-uile ni a gabhail sgiath a chreidimh, leis am faod sibh uile ghathan teinteach an fhir is miosa a mhuchadh; 17 Agus gabhaibh h-ugaibh clogaid an t-sabhalaidh, us claidheamh an Spioraid (se sin facal De). 18 Leis a h-uile urnaigh agus achanaich a guidhe san spiorad gach àm, ʼs as leth sin a caithris leis a h-uile durachd agus aslachadh air son nan naomh uile, 19 Agus air mo shonsa, gun toirear labhairt dhomh gus mo bhial fhosgladh gu misneachail, los mistire an t-soisgeil a dhianamh aithnichte, 20 ʼS mi am theachdair air a shon ann an cuibhreach, los mi bhith misneachail ann, gu labhairt mar is còir dhomh. 21 Ach gu brath a bhith agaibh mu nichean dha mʼ thaobhsa, us ciod ris a bheil mi: cuiridh Tichicus, mo bhrathair ro ghaolach, agus fear-frithealaidh dileas anns an Tighearna, air shuilean dhuibh gach ni; 22 A chuir mi h-ugaibh a dhʼ aon mhathas, gu fios a bhith agaibh air na tha tachairt dha ʼr taobh-ne, agus gus am furtaich e air ur cridheachan. 23 Gun robh sith do na braithrean agus carrantachd le creideamh bho Dhia an t-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta. 24 Grasan gun robh dhaibh-san uile, a tha toirt gaoil dha ʼr Tighearna Iosa Criosta ann an neo-thruailleachd. Amen. |