Ephèsianach 5 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875V. CAIB. Brosnachadh gu caithe-beatha diadhaidh: dleasnas fir us mna dha cheile, bho shamplair Chriosta agus na h-eaglais. 1 Bithibhse ma ta ʼnur luchd-leanmhuinn air Dia, mar chloinn ro ghaolach; 2 Agus imichibh ann an gradh, mar thug Criosta gradh dhuinn, ʼsa liubhair e e fhein seachad air ar son ʼna thobhartas ʼs ʼna iobairt do Dhia mar fhàile cubhraidh. 3 Ach na biodh striopachas, no neo-ghloine air bith, no sannt urad us air an ainmeachadh ʼnur measg, mar a thigeadh do naoimh: 4 No drabasdachd, no cainnt ghorach, no sglamhruinn, anns nach eil feum sa bith; ach an aite sin a toirt buidheachais. 5 Oir biodh fios agaibh air so, us tuigibh, nach eil aig fear-striopachais sa bith, no fear neoghlan, no fear sanntach (ni is e iodhol-aoradh), oighreachd ann an rioghachd Chriosta agus Dhe. 6 Na mealladh aon air bith sibh le cainnt fhaoin: oir as leth so tha fearg Dhe a tighinn air cloinn a mhi-chreidimh. 7 Na bithibhse ma ta ʼnur comh-phairtich riu. 8 Oir bha sibh uair ʼnur dorchadas, ach a nis ʼnur solus anns an Tighearna. Leanaibh ma ta ceuman clann an t-soluis: 9 Oir tha toradh an t-soluis anns a h-uile mathas, agus ceartas, agus firinn: 10 A dearbhadh ciod a tha lan-thaitneach do Dhia; 11 ʼS na biodh comunn sa bith agaibh ri oibrichean neo-thorach an dorchadais: ach an aite sin cronaichibh iad. 12 Oir na nichean a thʼ air an dianamh leo an uaigneas, is nàr urad ʼs an luaidh. 13 Ach na nichean uile a tha ri ʼn cronachadh, nithear follaiseach iad leis an t-solus: oir gach ni, a ni soilleir, is solus e. 14 Air son sin tha e g-radh: Eirich thusa, a tha na dʼ chadal, us duisg bho na mairbh, agus soilleirichidh Criosta thu. 15 Uime sin, a bhraithrean, seallaibh ciamar a dhʼ imicheas sibh gu faicilleach: cha n-ann mar dhaoine neo-ghlic, 16 Ach mar dhaoine glic, a g-ath-cheannach na h-aimsire: a chionn gum beil na laithean olc. 17 Air an aobhar sin na bithibh neo-ghlic, ach a tuigsinn ciod e toil De. 18 ʼS na bithibh air mhisg le fion, anns a bheil roic: ach bithibh air ur lionadh leis an Spiorad Naomh, 19 A labhairt eadaraibh fhein ann an sailm, ʼsan laoidhean, ʼs an dàin spioradail, a seinn, ʼsa dianamh ciuil do ʼn Tighearna ʼnur cridheachan, 20 Daonnan a toirt taing air son a h-uile ni do Dhia ʼs do ʼn Athair, an ainm ar Tighearna Iosa Criosta. 21 A geilleachduinn da cheile ann an eagal Chriosta. 22 Biodh mnathan umhailt dha ʼm fir, mar do ʼn Tighearna: 23 A chionn gur e am fear ceann na mna, mar is e Criosta ceann na h-eaglais: is esan slanair a chuirp. 24 Uime sin mar tha ʼn eaglais umhailt do Chriosta, ceart mar sin biodh na mnathan umhailt dha ʼm fir anns a h-uile ni. 25 A dhaoine, thugaibh gaol dha ʼr mnathan, mar thug Criosta gaol do ʼn eaglais, agus a liubhair e e fhein air a son, 26 Gus e ga naomhachadh, ga glanadh le ionnlad an uisge ann am facal na beatha, 27 Gus a tairgse dha fhein ʼna h-eaglais ghlormhoir, gun smal, gun phreasadh, no aiteal dhe ʼn leithid, ach gum biodh i naomh agus gun ghiomh. 28 Ceart mar sin is còir do dhaoine gaol a thoirt dha ʼm mnathan mar dha ʼn coluinn fhein. Esan a tha toirt gaoil dha mhnaoi, tha e toirt gaoil dha fhein. 29 Oir cha tug duine riamh fuath dha fheoil fhein, ach tha e ga h-altrum ʼs ga h-eiridneachadh, ceart mar tha Criosta dianamh ris an eaglais: 30 A chionn gur sinn buill a choluinn-sa, dhe fheoil, agus dhe chnaimhean. 31 As leth so fagaidh duine ʼathair agus a mhathair, us dluthaichidh e ri mhnaoi, agus bithidh an dithis ʼnan aon fheoil. 32 Is sacramaid mhor so, ach tha mi labhairt ann an Criosta agus anns an eaglais. 33 Ach co-dhiu thugadh gach aon agaibhse fos leth gaol dha mhnaoi ceart mar dha fhein: ʼs biodh fiamh a fir air a mhnaoi. |