Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ephèsianach 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


III. CAIB. Tha mhistire, a bha am falach air na linntean a chaidh seachad, air a soilleireachadh a nis do ʼn ostal, gus a toirt do na cinnich: tha e guidhe gum biodh iad air an neartachadh ann an Dia.

1 As leth so, tha mise, Pol, na mʼ phriosanach Iosa Criosta, air ur sonsa, a chinnich,

2 Ma se ʼs gun cuala sibh fhathast mu riarachadh grasan Dhe, a thugadh dhomhsa air ur sonsa:

3 Chionn gun dʼ rinneadh aithnichte dhomhsa a mhistire le taisbeanadh, mar a sgriobh mi mar-tha am beagan bhriathran,

4 Mar a dhʼ fhaodas sibh, le leughadh, mʼ eolas ann am mistire Chriosta a thuigsinn,

5 Mistire, ann an linntean eile, a bha ʼm falach air clann-dhaoine, ach a thaisbeanadh a nis dha ʼostail naomh, ʼs dha fhaidhean anns an Spiorad,

6 Gum biodh na cinnich ʼnan co-oighreachan, ʼnan aon chorp, ʼs ʼnan luchd-comhpairt ʼna ghealladh-san ann an Iosa Criosta tromh ʼn t-soisgeul,

7 Dhe ʼn dʼ rinneadh mise na mʼ fhear-frithealaidh a reir tobhartas grasan Dhe, a thugadh dhomhsa a reir oibreachadh a chumhachd.

8 Dhomhsa, an t-aon is lugha de na naoimh uile, thugadh na grasan so gu ionmhas do-rannsuichte Chriosta a shoisgeulachadh am measg nan cinneach,

9 ʼSa dhianamh soilleir do dhaoine uile ciod e riarachadh na mistire, a bha ʼm falach bho ʼn t-siorruchd ann an Dia, a chruthaich a h-uile ni;

10 Gu gliocas iom-fhillteach Dhe a nochdadh tromh ʼn eaglais do phrionnsachan, ʼs do chumhachdan anns na h-ardaibh,

11 A reir a bheachd shiorruidh, a chuir e an gniomh ann an Iosa Criosta ar Tighearna,

12 Anns a bheil danadas us rathad againn le misnich ga ionnsuidh tromh chreideamh-san.

13 Uime sin tha mi g-achanaich, nach toir sibh thairis as leth mo thrioblaidean air ur son: ni is e ur gloir.

14 Air son so tha mi lubadh mo ghluin do Athair ar Tighearna Iosa Criosta,

15 Bho bheil a h-uile athaireachd air neamh ʼs air talamh air an ainmeachadh,

16 Gum builicheadh e oirbh a reir saibhreas a ghloir, sibh a bhith air ur neartachadh le cumhachd tromh a Spiorad-san a thaobh duine an leth-a-stigh,

17 Gu Criosta a ghabhail comhnuidh tromh chreideamh ʼnur cridheachan, los le bhith air ur friamhachadh ʼs air ur steidheachadh an carrantachd,

18 Gur urrainn duibh a thuigsinn maille ris na naoimh uile, ciod e liad, us fad, us airde, us doimhne:

19 Agus carrantachd Chriosta aithneachadh cuideachd, a tha dol fos cionn a h-uile eolais, gus sibh a bhith air ur lionadh le uile lanachd Dhe.

20 A nis dhasan, a tha comasach air gach ni dhianamh nas pailte gu mor na tha sinn a sireadh no tuigsinn, a reir na cumhachd, a tha g-oibreachadh unnainn,

21 Dhasan gun robh gloir san eaglais, agus ann an Iosa Criosta anns gach linn fad shaoghal nan saoghal. Amen.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan