Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ephèsianach 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


I. CHAIBIDEAL. Na grasan mora a fhuair sinn bho Chriosta: is esan ceann na h-eaglais.

1 Pol, ostal Iosa Criosta tromh thoil Dhe, do na naoimh uile a tha an Ephesus, ʼs do na creidich ann an Iosa Criosta.

2 Grasan gun robh dhuibh agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.

3 Beannaichte gun robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Criosta, a bheannaich sinn le uile bheannachdan spioradail sna h-ardaibh ann an Criosta,

4 Amhuil mar a thagh e sinn annsan roimh chruthachadh an t-saoghail, gus sinn a bhith naomh ʼs gun smal ʼna lathair ann an carrantachd.

5 A roimh-dhʼorduich sinne gu uchd-mhacachd cloinne dha fhein, tromh Iosa Criosta a reir beachd a thoil fhein,

6 Gu moladh gloir a ghrasan, leis an dʼ rinn e sinn taitneach ʼna Mhac gaolach,

7 Anns a bheil saoradh againn tromh fhuil, mathanas pheacannan, a reir saibhreas a ghrasan,

8 A tha lan-phailt unnainne anns a h-uile gliocas agus tuigse;

9 Gu run-diomhair a thoil a nochdadh dhuinn a reir a thoile math fhein, a runaich e annsan,

10 Ann an riarachadh lanachd na h-aimsire, gu ath-nuadhachadh a h-uile ni, a tha air neamh agus air talamh, ann an Criosta agus annsan a mhain:

11 Anns na ghairmeadh sinne cuideachd le crannchur, us sinn roimh-orduichte a reir a bheachd-san, a tha g-oibreachadh a h-uile ni a reir comhairle a thoil;

12 Chum gum bi sinn gu moladh a ghloir, sinne a chuir a cheana ar dochas ann an Criosta:

13 Anns a bheil sibhse cuideachd, an deigh dhuibh facal na firinn a chluinntinn (soisgeul ur sabhalaidh), agus sibh a creidsinn ann, air ur comharrachadh le Spiorad naomh a ghealltanais,

14 Agus is esan earlas ar n-oighreachd, gu saorsuinn a chosnadh, gu moladh a ghloir.

15 Uime sin mise cuideachd, ʼs mi cluinntinn mu ʼr creideamh, a tha san Tighearna Iosa, agus mu ʼr gaol do na naoimh uile,

16 Tha mi gun lasachadh a toirt taing air ur son, gu ʼr cuimhneachadh na mʼurnaighean;

17 Gu Dia ar Tighearna Iosa Criosta, Athair na glorach, spiorad a ghliocais agus an taisbeanaidh a thoirt dhuibh, gu eolas air fhein:

18 Air chor ʼs, le suilean ur cridheachan a bhith air an soilleireachadh, gun aithnich sibh ciod e dochas a ghairm-san, us ciod e saibhreas gloir oighreachd-san sna naoimh,

19 Us ciod i moralachd ro bharraichte a chumhachd dha ʼr taobh-ne, a tha creidsinn a reir oibreachadh neart a chumhachd,

20 A dhʼ oibrich e ann an Criosta, ga thogail bho na mairbh, ʼs ga chur ʼna shuidhe air a laimh dheis anns na h-ardaibh,

21 Fos cionn gach uile phrionnsachd, us chumhachd, us fhearta, agus uachdranachd, ʼsa h-uile ainm, a dhʼ ainmichear cha n-ann san t-saoghal so mhain, ach cuideachd san t-saoghal ri tighinn.

22 Us chuir e h-uile ni fo chasan; agus rinn e ʼna cheann e air an eaglais uile,

23 ʼS gur i a chorp-san agus ʼiomlanachd-san a tha lionadh nan uile anns gach uile.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan