Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 9 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


IX. CAIB. Criosta toirt fradhairc do ʼn fhear a rugadh dall.

1 ʼS nuair a bha Iosa a gabhail seachad, chunnaic e duine a bha dall bho na rugadh e;

2 Us dhʼ fharraid a dheisciopuil dheth, a g-radh: A Mhaighistir, co a pheacaich, an duine so, no pharantan, gun dʼrugadh dall e?

3 Fhreagair Iosa: Cha do pheacaich aon chuid an duine so, no pharantan: ach gus oibrichean De a dhianamh follaiseach ann.

4 Is còir dhomhsa oibrichean-sa oibreachadh, a chuir mi, fhad ʼs is latha e: tha ʼn oidhche tighinn, anns nach urrainn do dhuine air bith oibreachadh.

5 Fhad ʼsa tha mise san t-saoghal, is mi solus an t-saoghail.

6 Nuair thuirt e na nichean so, thilg e smugaid air an talamh, agus rinn e criadh le shile, agus sgaoil e a chriadh air a shuilean,

7 Us thuirt e ris: Falbh, nigh ann an lochan Shiloé (se sin air eadar-theangachadh, Cuirte). Shiubhail e ma ta, us nigh e, agus thainig e a faicinn.

8 Uime sin thuirt na coimhearsnaich, us iadsan a chunnaic e roimhe gun robh e ʼna dhiol-deirce: Nach e so esan, a bha ʼna shuidhe ʼsa g-iarraidh deirce? Bha cuid a g-radh: Se so e.

9 Ach cuid eile: Cha n-e idir, ach fear coltach ris. Ach thuirt e fhein: Is mi e.

10 Uime sin thuirt iad ris: Ciamar a dhʼ fhosgladh do shuilean?

11 Fhreagair e: An duine sin, ris an abrar Iosa, rinn e criadh, agus dhʼung e mo shuilean, ʼs thuirt e rium: Falbh gu lochan Shiloé, agus nigh. Us dhʼ fhalbh mi, nigh mi, ʼs tha mi faicinn.

12 Us thuirt iad ris: Càit am beil e? Ars esan: Cha n-eil fhios agam.

13 Thug iad thun nam Phairiseach am fear a bhʼ air bhith dall.

14 A nis bʼ ann air an t-sàbaid a rinn Iosa criadh, ʼsa dhʼfhosgail e shuilean.

15 An sin dhʼfharraid na Phairisich dheth a rithist ciamar a fhuair e fhradharc. Ach thuirt e riu: Chuir e criadh air mo shuilean, agus nigh mi, ʼs tha mi faicinn.

16 An sin thuirt cuid de na Phairisich: Cha n-eil an duine so bho Dhia, a bhrigh nach eil e cumail na sàbaid. Ach thuirt cuid eile: Ciamar is urrainn do dhuine a tha ʼna pheacach an leithidean so de mhiarailtean a dhianamh? Us bha eas-aontasʼ nam measg.

17 As leth sin thuirt iad as ùr ris an dall: Ciod a tha thusa g-radh mu ʼn fhear a dhʼfhosgail do shuilean? Us thuirt e: Is faidh e.

18 Ach cha do chreid na h-Iudhaich uime gun robh e air a bhith dall, ʼs gun dʼ fhuair e fhradharc, gus na ghairm iad parantan an fhir a fhuair a shealladh;

19 Agus dhʼfhaighnich iad dhiu, a g-radh: An e so ur mac-sa, a tha sibh a g-radh a rugadh dall? Ciamar ma ta a tha e nis a faicinn?

20 Fhreagair a pharantan iad, us thuirt iad: Is aithne dhuinn gur e so ar mac-ne, ʼs gun dʼ rugadh dall e:

21 Ach ciamar a tha e nis a faicinn, cha n-eil fhios againn; no co dhʼ fhosgail a shuilean, cha n-eil fhios againn; ceasnaichibh e fhein: tha aois aige, bruidhneadh e air a shon fhein.

22 Thuirt a pharantan so, a chionn ʼs gun robh eagal nan Iudhach orra: oir bha na h-Iudhaich a cheana air cordadh ʼnam measg fhein, gun tilgte fear air bith, a dhʼaidicheadh gum bʼ esan Criosta, a mach as an t-sinagog.

23 ʼSann air son sin a thuirt a pharantan: Thainig e gu aois, cuiribh a cheisd air fhein.

24 Uime sin ghairm iad a rithist am fear a bha air bhith dall, us thuirt iad ris: Thoir gloir do Dhia. Tha fios againne gum beil an duine so ʼna pheacach.

25 Uime sin thuirt e riu: A thaobh e bhith ʼna pheacach, chan aithne dhomh: aon ni ʼs aithne dhomh, gun robh mi dall, ʼsa nis tha mi faicinn.

26 An sin thuirt iad ris: Ciod a rinn e riut? ciamar a dhʼ fhosgail e do shuilean?

27 Fhreagair e iad: Dhʼ innis mi dhuibh a cheana, us chuala sibh: car-son is math leibh a chluinntinn as ùr? an aill leibhse cuideachd a bhith ʼnur deisciopuil aige?

28 As leth sin chàin iad e, us thuirt iad: Bi-sa na dʼ dheisciopul aige: ach is deisciopuil Mhaois sinne.

29 Tha fios againn gun do labhair Dia ri Maois: ach a thaobh an duine so, cha n-eil fhios againn co as a tha e.

30 Fhreagair an duine, us thuirt e riu: Is fior chuis-ioghnaidh so, nach aithne dhuibh co as a tha e, ʼs gun dʼfhosgail e mo shuilean-sa:

31 Oir is aithne dhuinn nach eisd Dia ri peacaich: ach ma tha duine toirt aoraidh do Dhia, ʼsa dianamh a thoil, ris-san eisdidh Dia.

32 Bho thùs an t-saoghail cha chualas, gun dʼ fhosgail duine air bith suilean neach a rugadh dall.

33 Mur biodh an duine so bho Dhia, cha bʼurrainn da nì dhianamh.

34 Fhreagair iad, us thuirt iad ris: Rugadh thu gu h-iomlan ann am peacannan, ʼs am beil thu ga ʼr teagasg-ne? Agus thilg iad a mach e.

35 Chual Iosa gun do thilg iad a mach e; ʼs air dha fhaighinn, thuirt e ris: Am beil thu creidsinn ann am Mac Dhe?

36 Fhreagair e, us thuirt e: Co e, a Thighearna, chuin gun creid mi ann?

37 Us thuirt Iosa ris: Chunnaic thu e cheana, agus se tha labhairt riut.

38 An sin thuirt esan: Tha mi creidsinn, a Thighearna. ʼSa tuiteam sios, thug e aoradh dha.

39 Us thuirt Iosa: ʼSann chum breitheanais a thainig mise thun an t-saoghail so; los gum faic iadsan nach eil a faicinn, ʼs gum fàs iadsan, a tha faicinn, dall.

40 Agus chuala cuid de na Phairisich, a bha maille ris, so, us thuirt iad ris: Am beil sinne dall cuideachd?

41 Thuirt Iosa riu: Nam biodh sibh dall, cha bhiodh peacadh agaibh; ach a nis tha sibh a g-radh: Is leir dhuinn. Tha ur peacadh a fantuinn.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan