Eòin 8 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875VIII. CAIB. Am boirionnach a ghlacadh an adhaltras: Criosta dearbhadh a theagaisg. 1 Agus thriall Iosa gu sliabh Olibheit. 2 Agus aig bristeadh na fàire thainig e rithist do ʼn teampull, us thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, ʼsa suidhe sios theagaisg e iad. 3 Agus thug na Sgriobhaich ʼs na Phairisich boirionnach ga ionnsuidh, a ghlacadh an adhaltras; ʼs chuir iad sa mhiadhon i, 4 Us thuirt iad ris: A mhaighistir, ghlacadh am boirionnach so an drasda fhein ann an adhaltras. 5 A nis dhʼ àithn Maois oirnn anns an lagh a leithidse a chlachadh. Ach ciod a tha thusa g-radh? 6 Ach thuirt iad so ga fhiachuinn, gus aobhar casaid a bhith aca ʼna aghaidh. Ach Iosa ga chromadh fhein sios, sgriobh e air an làr le mhiar. 7 An sin, bho na lean iad air sior-fharraid dheth, dhirich e e fhein, us thuirt e riu: Am fear a tha gun pheacadh ʼnur measg, tilgeadh e a chiad chlach oirre. 8 Agus ga chromadh fhein sios a rithist, sgriobh e air an làr. 9 Ach air so a chluinntinn, ghabh iad a mach lion fear us fear, a tòiseachadh aig an fheadhainn bu shine; agus dhʼ fhagadh Iosa ʼna aonar, ʼs am boirionnach ʼna seasamh sa mhiadhon. 10 An sin ga thogail fhein suas, thuirt Iosa rithe: A bhoirionnaich, càite a bheil do luchd-coireachaidh? an do dhit duine sa bith thu? 11 Thuirt ise: Cha do dhit, a Thighearna. Us thuirt Iosa: Cha mhua dhiteas mise thu: falbh, agus a nis na peacaich tuille. 12 An sin labhair Iosa riu rithist, a g-radh: Is mise solus an t-saoghail: esan a leanas mise, cha n-imich e an dorchadas, ach bithidh solus na beatha aige. 13 Uime sin thuirt na Phairisich ris: Tha thu toirt teisteanais ort fhein: cha n-eil do theisteanas firinneach. 14 Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Ged a tha mi toirt teisteanais orm fhein, tha mo theisteanas firinneach: oir is aithne dhomh co as a thainig mi, us càite a bheil mi dol: ach cha n-aithne dhuibhse co as a thainig mi, no càite a bheil mi dol. 15 Tha sibhse a toirt breth a reir na feola: cha n-eil mise a toirt breth air duine sam bith. 16 Agus ma bheir mi breth, tha mo bhreth firinneach: a chionn nach eil mi am aonar, ach mise agus an t-Athair a chuir mi. 17 Agus ʼnur lagh fhein tha e sgriobhte, gum beil teisteanas dithis dhaoine firinneach. 18 Is aon mise a tha toirt teisteanais orm fhein, agus tha an t-Athair a chuir mi a toirt teisteanais orm. 19 Air an aobhar sin thuirt iad ris: Càit a bheil tʼ Athair? Fhreagair Iosa: Cha n-aithne dhuibh aon chuid mise, no mʼ Athair: nam bʼ aithne dhuibh mise, theagamh gu ʼn aithneadh sibh mʼ Athair cuideachd. 20 Labhair Iosa na briathran so ann an aite tasgadh an ionmhais, ʼs e teagasg san teampull; ʼs cha do chuir duine air bith lamh air: a chionn nach robh uair-sa air tighinn fhathast. 21 An sin ma ta thuirt Iosa riu rithist: Tha mise a falbh, agus iarraidh sibh mi, agua gheobh sibh bàs ʼnur peacadh. Far am beil mise a dol, cha n-urrainn duibhse tighinn. 22 As leth sin thuirt na h-Iudhaich: Am marbh e e fhein, chionn gun tuirt e: Far am beil mise a dol, cha n-urrainn duibhse tighinn? 23 Us thuirt e riu: Tha sibhse bho shios, tha mise bho shuas. Tha sibhse dhe ʼn t-saoghal so, cha n-eil mise dhe ʼn t-saoghal so. 24 Air an aobhar sin thuirt mi ribh gum faigh sibh bàs ʼnur peacannan: oir mur creid sibh gur mise e, gheobh sibh bàs ʼnur peacadh. 25 As leth sin thuirt iad ris: Co thusa? Thuirt Iosa riu: Is mi an Toiseach, mise fhein a tha labhairt ribh. 26 Tha moran agam ri gh-radh mu ʼr deidhinn, ʼs ri bhreithneachadh: ach tha esan, a chuir mi, firinneach; agus tha mise labhairt san t-saoghal na chuala mi bhuaithsan. 27 Us cha do thuig iad gun tuirt e, gum bʼ e Dia Athair. 28 Uime sin thuirt Iosa riu: Nuair a thogas sibh suas Mac an duine, an sin bithidh fios agaibh gur mise e, ʼs nach eil mi dianamh ni bhuam fhein, ach mar a theagaisgan t-Athair mi, iad sin tha mi labhairt: 29 Agus tha esan, a chuir mi, maille rium, ʼs cha dʼ fhag e leam fhein mi: oir tha mi daonnan a dianamh na tha taitneach leis. 30 Nuair a labhair e na nichean so, chreid moran ann. 31 An sin thuirt Iosa ris na h-Iudhaich a chreid ann: Ma sheasas sibh na mʼ fhacalsa, bithidh sibh gu fior ʼnur deisciopuil agamsa; 32 Us aithnidh sibh an fhirinn, agus saoraidh an fhirinn sibh. 33 Fhreagair iad e: Is sinne siol Abrahaim, ʼs cha robh sinn riamh ʼnar traillean do dhuine air bith: ciamar tha thusa cantuinn: Bithidh sibh saor? 34 Fhreagair Iosa iad: Gu dearbh dearbh tha mi g-radh ribh, gach aon a ni peacadh, gur traill e doʼn pheacadh. 35 A nis cha n-fhan an traill gu bràth san tigh: ach fuiridh am mac gu bràth. 36 Uime sin ma shaoras am mac sibh, bithidh sibh saor a rireadh. 37 Is aithne dhomh gur sibh clann Abrahaim: ach tha sibh a sireadh mise a mharbhadh: a chionn ʼs nach eil aite aig mʼ fhacal unnaibh. 38 Tha mise a labhairt an ni a chunnaic mi aig mʼ Athair; ʼs tha sibhse a dianamh na chunnaic sibh aig ur n-athair fhein. 39 Fhreagair iad, us thuirt iad ris: Se Abraham ar n-athair. Thuirt Iosa riu: Ma ʼs sibh clann Abrahaim, dianaibh oibrichean Abrahaim. 40 Ach a nis tha sibh a sireadh mise a mharbhadh, duine a dhʼinnis an fhirinn dhuibh, a chuala mi bho; Dhia: cha dʼ rinn Abraham so. 41 Tha sibhse dianamh oibrichean ur n-athar fhein. Uime sin thuirt iad ris: Cha dʼ rugadh sinn an diolanas: tha aon athair againn, Dia. 42 As leth sin thuirt Iosa riu: Nam bʼ e Dia ur n-athair, bheireadh sibh gu cinnteach gaol domhsa: oir ʼsann bho Dhia a tha mi, ʼsa thainig mi: cha n-ann bhuam fhein a thainig mi, ach chuir esan mi. 43 Car-son nach eil sibh a g-aithneachadh mo bhruidhinn? Se nach urrainn duibh mʼ fhacal eisdeachd. 44 ʼSann bho ʼn deomhan ur n-athair a tha sibhse: agus iarratas ur n-athar ʼs aill leibh a dhianamh: bha esan ʼna mhurtair bho thoiseach, ʼs cha do sheas e san fhirinn: a chionn ʼs nach eil an fhirinn ann: nuair labhras e briag, tha e labhairt bhuaithe fhein: chionn gur briagadair e, agus athair nam briag. 45 Ach ma their mise an fhirinn, cha chreid sibh mi. 46 Co agaibhse a chuireas peacadh as mo leth? ma ʼs i an fhirinn tha mi labhairt ribh, car-son nach eil sibh gam chreidsinn? 47 Esan a tha bho Dhia, eisdidh e ri facail De. Uime sin cha n-eil sibhse gan eisdeachd: a chionn nach ann bho Dhia sibh: 48 As leth sin fhreagair na h-Iudhaich, us thuirt iad ris: Nach eil sinne a g-radh gu math, gur Samaritanach thu, ʼs gum beil deomhan agad? 49 Fhreagair Iosa: Cha n-eil deomhan agam: ach tha mi toirt onair dha mʼAthair, ʼs thug sibhse as-onair dhomhsa. 50 Ach cha n-eil mi sireadh mo ghloire fhein: tha h-aon ann a tha sireadh ʼsa toirt breth. 51 Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: ma chumas neach mʼ fhacalsa, cha n-fhaic e bàs gu bràth. 52 Uime sin thuirt na h-Iudhaich: A nis is aithne dhuinn gum beil deomhan agad. Fhuair Abraham bàs agus na faidhean; ʼs tha thusa g-radh: Ma chumas neach mʼ fhacalsa, nach blais e bàs gu bràth. 53 Am mua thusa na ar n-athair Abraham, a tha marbh? agus tha na faidhean marbh. Co tha thu a dianamh dhiot fhein? 54 Fhreagair Iosa: Ma tha mise toirt gloire dhomh fhein, is neoni mo ghloir: se mʼ Athair a tha toirt gloire dhomh, esan a tha sibhse g-radh gur e ur Dia. 55 Agus cha bʼaithne dhuibh e, ach is aithne dhomhsa e: agus nan, abrainn nach aithne dhomh e, bhithinn coltach ribhse am bhriagadair. Ach is aithne dhomh e, ʼs tha mi cumail fhacail. 56 Rinn ur n-athair Abraham aoibhneas ri mo lathasa fhaicinn: chunnaic e e, ʼs bha e aoibhneach. 57 Uime sin thuirt na h-Iudhaich ris: Cha n-eil thu fhathast lethchiad bliadhna dhʼ aois, ʼs am faca tu Abraham? 58 Thuirt Iosa riu: Gu dearbh dearbh tha mi g-radh ribh: mun robh Abraham ann, tha mise. 59 As leth sin thog iad clachan gus an caitheamh air: ach dhʼ fhalaich Iosa e fhein, ʼs chaidh e mach as an teampull. |