Eòin 7 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875VII. CAIB. Criosta dol gu feill nam paillionan ʼsa teagasg san teampull. 1 Agus ʼnan deigh so bha Iosa a g-imeachd feadh Ghalile: oir cha robh toil aige imeachd feadh Iudéa: a thaobh gun robh na h-Iudhaich a g-iarraidh a mharbhadh. 2 A nis bha là feill-paillion nan Iudhach aig laimh. 3 Us thuirt a bhraithrean ris: Falbh á so, agus rach gu Iudéa, los gum faic do dheisciopuil cuideachd do ghniomhran a tha thu dianamh. 4 Oir cha dian neach air bith ni an uaigneas, us deidh aig fhein a bhith am follais: ma tha thu dianamh nan nichean so, nochd thu fhein do ʼn t-saoghal. 5 Oir cha robh a bhraithrean fhein a creidsinn ann. 6 An sin thuirt Iosa riu: Cha tainig an t-àm agam-sa fhathast: ach tha an t-àm agaibhse daonnan deas. 7 Cha n-urrainn do ʼn t-saoghal fuath a thoirt dhuibhse: ach tha fuath aig ormsa: chionn gum beil mi togail fianuis air, gum beil a dhianadas olc. 8 Gabhaibhse suas a dhʼ ionnsuidh na feille so, ach cha teid mise suas thun na feille so: chionn nach do choimhlionadh mʼ àmsa fhathast. 9 An deigh dha iad so radh, dhʼ fhan e fhein ann an Galile. 10 Ach an deigh dha bhraithrean dol suas, chaidh e fhein an sin suas thun na feille, cha n-ann gu follaiseach, ach mar gum bʼ ann gu h-uaigneach. 11 Uime sin bha na h-Iudhaich ga shireadh latha na feille, ʼsa g-radh: Càite am beil e? 12 ʼS bha monmhur mor am measg an t-sluaigh mu dheidhinn. Oir bha cuid a g-radh: Tha e ʼna dhuine math. ʼS bha cuid eile g-radh: Cha n-eil, ach tha e a mealladh an t-sluaigh. 13 Ach cha robh duine air bith a labhairt gu follaiseach uime, air eagal nan Iudhach. 14 A nis mu mhiadhon na feille, chaidh Iosa suas doʼn teampull, agus theagaisg e. 15 Agus ghabh na h-Iudhaich ioghnadh, a g-radh: Ciamar is aithne do ʼn duine so litrichean, agus nach dʼ ionnsuich e? 16 Fhreagair Iosa iad, us thuirt e: Cha leam fhein mo theagasg, ach leis-san a chuir mi. 17 Ma ʼs math le duine air bith a thoil-sa dhianamh, bithidh fios aige mu ʼn teagasg, co-dhiu ʼsann bho Dhia a tha e, no gur h-ann bhuam fhein a tha mise labhairt. 18 Esan a labhras bhuaithe fhein, tha e sireadh a ghloire fhein: ach esan a shireas a ghloir-san, a chuir e, tha e firinneach, ʼs cha n-eil eucoir sa bith ann. 19 Nach tug Maois dhuibh an lagh? ʼs cha n-eil a h-aon agaibh a cumail an lagha. 20 Car-son tha sibh a sireadh mise mharbhadh? Fhreagair an sluagh, us thuirt iad: Tha deomhan agad: co tha sireadh do mharbhadh? 21 Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Aon obair rinn mi, agus tha sibh uile a gabhail iongantais. 22 A rithist thug Maois dhuibh an timchioll-ghearradh (cha n-ann chionn gum beil e bho Mhaois, ach bho na h-aithrichean); us air an t-sàbaid timchioll-ghearraidh sibh duine. 23 Ma tha duine a gabhail an timchioll-ghearraidh air latha na sàbaid, gus nach bristear lagh Mhaois: am beil fearg agaibh riumsa, a chionn gun do leighis mi duine gu h-iomlan air latha na sàbaid? 24 Na tugaibh breth a reir coltais, ach thugaibh breth cheart. 25 Uime sin bha cuid de mhuinntir Ierusalem a g-radh: Nach e so esan a tha iad a g-iarraidh a mharbhadh? 26 Us, fiach, tha e labhairt gu follaiseach, ʼs cha n-eil iad a g-radh ni ris. Am beil na riaghladairean air gabhail ris a cheart rireadh gur e so an Criosta? 27 Ach ʼs aithne dhuinn an duine so, co as a tha e: ach nuair thig Criosta, cha bhith fios aig duine air bith co as a tha e. 28 Air an aobhar sin ghlaodh Iosa anns an teampull, a teagasg ʼsa g-radh: Is aithne dhuibh mi, agus is aithne dhuibh co as a tha mi; ʼs cha tainig mi bhuam fhein, ach tha esan fior, a chuir mi, neach nach aithne dhuibhse. 29 Is aithne dhomhsa e: chionn tha mi bhuaithe, agus is esan a chuir mi. 30 Uime sin dhʼiarr iad a ghlacadh: ʼs cha do chuir duine lamh air: a chionn nach robh uair-sa air tighinn fhathast. 31 Ach chreid moran de ʼn t-sluagh ann, us bha iad a g-radh: Nuair a thig Criosta, an dian e tuille mhiarailtean na iad so, a tha an duine so dianamh? 32 Chuala na Phairisich an sluagh a talach mu na nichean so ga thaobh; agus chuir na riaghladairean ʼs na Phairisich maoir gus a ghlacadh. 33 Uime sin thuirt Iosa riu: Tacan beag fhathast tha mi cuide ribh; an sin tha mi dol ga ionnsuidhse, a chuir mi. 34 Iarraidh sibh mi, ʼs cha n-fhaigh sibh mi: agus far am bi mise, cha n-urrainn duibhse tighinn. 35 Uime sin thuirt na h-Iudhaich ʼnam measg fhein: Càite bheil e gu dol, far nach fhaigh sinn e? Bheil e gu dol thun nan daoine sgapte measg nan cinneach, ʼs na cinnich a theagasg? 36 Ciod e am facal so, a thuirt e: Iarraidh sibh mi, ʼs cha n-fhaigh sibh mi; us far a bheil mise, cha n-urrainn duibhse tighinn? 37 Agus air an latha mhor mu dheireadh de ʼn fheill, sheas Iosa, us dhʼeigh e, a g-radh: Ma tha pathadh air neach sam bith, thigeadh e h-ugamsa, agus oladh e. 38 Esan a chreideas unnamsa, mar tha an sgriobtur a g-radh, as a bhroinn-sa struthaidh aibhnichean de dhʼ uisge beo. 39 A nis thuirt e so mu ʼn spiorad a gheobhadh iadsan, a chreideadh ann: oir cha tugadh an spiorad seachad fhathast: a bhrigh nach robh Iosa fhathast air a ghlorachadh. 40 Uime sin nuair chuala cuid am measg an t-sluaigh sin na briathran so, thuirt iad: Se so a rireadh am faidh. 41 Thuirt cuid eile: Se so Criosta. Ach thuirt roinn eile: An tig Criosta á Galile? 42 Nach eil an sgriobtur a g-radh: Gur ann bho shiol Dhài, ʼs bho bhaile Bhethlehem far an robh Dài, a thig Criosta? 43 Mar sin dhʼeirich easaontas am measg an t-sluaigh as a leth. 44 Agus bha toil aig cuid diubh a ghlacadh: ach cha do chuir duine sa bith lamh air. 45 An sin thainig na maoir thun nan ard-shagart ʼs nam Phairiseach. Agus thuirt iadsan riu: Car-son nach tug sibh leibh e? 46 Fhreagair na maoir: Cha do labhair duine riamh mar an duine so. 47 Fhreagair ma ta na Phairisich iad: A bheil sibhse cuideachd air ur mealladh? 48 Na chreid aon fhear de na riaghladairean ann, no de na Phairisich? 49 Ach an sluagh so dha nach aithne an lagh, tha iad mollaichte. 50 Thuirt Nicodemus riu, esan a thainig ga ionnsuidh trath oidhche, ʼs e fhein ʼna fhear dhiubh: 51 Am beil an lagh againne a toirt breth air duine gun chluinntinn bhuaithe fhein an toiseach, ʼs mu ʼm bi fios ciod a tha e dianamh? 52 Fhreagair iadsan, us thuirt iad ris: An Galiléanach thusa cuideachd? Rannsaich na sgriobtuirean, agus faic nach eirich faidh á Galile. 53 Us thill gach duine gu thigh fhein. |