Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 6 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


VI. CAIB. Criosta riarachadh choig mile le coig builionnan; a coiseachd air a mhuir: ʼsa labhairt mu aran na beatha.

1 ʼNan deigh so chaidh Iosa thairis air muir Ghalile, si sin muir Thiberiais;

2 Agus lean moran sluaigh e, a chionn ʼs gum faca iad na miarailtean a rinn e orrasan a bha tinn.

3 Uime sin chaidh Iosa suas air beinn: agus shuidh e an sin maille ri dheisciopuil.

4 A nis bha chàisg, là feill nan Iudhach, aig laimh.

5 Nuair ma ta a thog Iosa suas a shuilean, ʼsa chunnaic e anabarr sluaigh air tighinn ga ionnsuidh, thuirt e ri Philip: Co as a cheannaicheas sinn aran, los gun ith iad so?

6 Ach thuirt e so gu diachuinn a chur air: oir bʼ aithne dha fhein ciod a bha e dol a dhianamh.

7 Fhreagair Philip e: Cha n-fhoghainn luach dà chiad peighinn de dhʼ aran dhaibh, gus gach aon a dhʼ fhaighinn beagain.

8 Thuirt a h-aon dhe dheisciopuil, Aindris, brathair Shimoin Pheadair, ris:

9 Tha giullan an so aig a bheil coig builionnan eorna, ʼs dà iasg: ach ciod iad sin am measg na h-uibhir?

10 An sin thuirt Iosa: Thugaibh air na daoine suidhe sios. A nis bha moran feoir san aite. Shuidh ma ta na daoine, an aireamh mu thimchioll choig mile.

11 Agus ghlac Iosa na builionnan; ʼs an deigh dha taing a thoirt, riaraich e orrasan a bha ʼnan suidhe; mar an ciadna de ʼn iasg, a mhiad ʼsa bʼ aill leo.

12 Us nuair bha iad riaraichte, thuirt e ri dheisciopuil: Tionailibh na fuighlichean, a dhʼfhagadh, los nach teid iad a dholaidh.

13 Thrus iad uime sin, agus lion iad dà chliabh dhiag de spruileach nan coig builionnan eorna, a dhʼfhagadh leo-san a dhʼith.

14 Le sin nuair chunnaic na daoine sin a mhiarailt a rinn Iosa, thuirt iad: Gu firinneach se so am faidh a tha gu tighinn thun an t-saoghail.

15 Uime sin nuair a thuig Iosa gun robh iad dol a thighinn gus a spionadh leo gu righ a dhianamh dheth, theich e rithist ʼna aonar do ʼn bheinn.

16 ʼS nuair a thainig an t-anamuch, chaidh a dheisciopuil sios thun na mara.

17 ʼSa dol air bord saghach, chaidh iad thar a mhuir do Chapharnaum; agus bha e nis dorcha; ʼs cha robh Iosa air tighinn gan ionnsuidh.

18 Us dhʼ at a mhuir suas le gaoith mhoir a sheid.

19 Nuair ma ta bha iad air iomradh mun cuairt de choig stàdan fichead, no deich thar fhichead, chunnaic iad Iosa a coiseachd air a mhuir, ʼsa tarruinn teann air an t-saghach, agus ghabh iad eagal.

20 Us thuirt e riu: Is mise a thʼann, na gabhaibh eagal.

21 Le sin bha toil aca a ghabhail a stigh do ʼn t-saghach; ʼs air ball bha an saghach aig an tir gus an robh iad a dol.

22 Air an là ʼr na mhaireach chunnaic an sluagh a sheas air taobh eile na mara, nach robh saghach sam bith eile an sin ach an t-aon fhear, ʼs nach robh Iosa air dol air bord comhla ri dheisciopuil, ach gun deachaidh a dheisciopuil air falbh leo fhein:

23 Ach thainig saghaichean eile bho Thiberias, teann air an aite anns na dhʼith iad aran, an deigh do ʼn Tighearna taing a thoirt.

24 Nuair ma ta chunnaic an sluagh nach robh Iosa an sin, no dheisciopuil, ghabh iad saghaichean, ʼs thainig iad gu Capharnaum, a sireadh Iosa.

25 ʼS nuair a fhuair iad e air taobh eile na mara, thuirt iad ris: A Rabbi, cuin a thainig thu an so?

26 Fhreagair Iosa, us thuirt e: Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: tha sibh gam shireadh, cha n-ann air son gum faca sibh na miarailtean, ach air son gun dʼ ith sibh de na builionnan, ʼs gun dʼ fhuair sibh ur sàsachadh.

27 Na saothraichibh air son an tiochd-an-tir a theid a dhith, ach air son an tiochd-an-tir a mhaireas gus a bheatha shiorruidh, a bheir Mac an duine dhuibh. Oir esan sheul Dia an t-Athair.

28 Uime sin thuirt iad ris: Ciod a ni sinn, los gun oibrich sinn obair Dhe?

29 Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Si so obair Dhe, sibh a chreidsinn annsan a chuir e.

30 Air an aobhar sin thuirt iad ris: Ciod an comharradh ma ta a ni thu, chum gum faic sinn, ʼs gun creid sinn thu? Ciod a tha thu g-oibreachadh?

31 Dhʼith ar n-aithrichean manna anns an fhasach, mar a tha sgriobhte: Thug e aran dhaibh bho neamh gus ithe.

32 An sin thuirt Iosa riu: Gu fior fior tha mi g-radh ribh: Cha tug Maois dhuibh aran bho neamh, ach tha mʼ Athair toirt dhuibh an fhior arain bho neamh.

33 Oir se sin aran De a tha tighinn a nuas bho neamh, ʼsa tha toirt beatha do ʼn t-saoghal.

34 Uime sin thuirt iad ris: A Thighearna, thoir an t-aran so dhuinn an comhnuidh.

35 Us thuirt Iosa riu: Is mise aran na beatha: an neach a thig gam ionnsuidhse, cha bhi acras air; ʼsan neach a chreideas unnamsa, cha bhi pathadh air a chaoidh.

36 Ach thuirt mi ribh, gum faca sibhse cuideachd mi, ʼs cha n-eil sibh a creidsinn.

37 Thig gach aon a bheir an t-Athair dhomh gam ionnsuidh; ʼs an neach a thig gam ionnsuidh, cha thilg mi mach:

38 Oir thainig mi nuas bho neamh, cha n-ann gus mo thoil fhein a dhianamh, ach a thoil-san a chuir mi.

39 A nis si so toil an Athar a chuir mi, nach caillinn gin dhiusan uile, a thug e dhomh, ach gun togainn suas e rithist air an latha dheireannach.

40 Ach si so toil mʼAthar a chuir mi, gum bi a bheatha shiorruidh aig gach aon a chi am Mac, ʼsa chreideas ann, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach.

41 Uime sin rinn na h-Iudhaich monmhur uime, chionn gun tuirt e: Is mise an t-aran beo a thainig a nuas bho neamh.

42 Agus thuirt iad: Nach e so Iosa mac Ioseiph, aig a bheil athair agus mathair a ʼs aithne dhuinn? Ciamar ma ta their esan: Thainig mi nuas bho neamh?

43 Uime sin fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Na bithibh ri monmhur ʼnur measg fhein.

44 Cha n-urrainn do dhuine sam bith tighinn gam ionnsuidhse, mur tarruinn an t-Athair, a chuir mi, e; agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach.

45 Tha e sgriobhte sna faidhean: Bithidh iad uile air an teagasg le Dia. Tha gach aon, a chuala bho ʼn Athair, ʼsa dhʼfhaghluim, a tighinn h-ugamsa.

46 Cha n-e gum faca neach: air bith an t-Athair, ach esan a tha bho Dhia, chunnaic esan an t-Athair.

47 Gu firinneach firinneach tha mi a g-radh ribh: Esan a tha creidsinn unnamsa, tha bheatha shiorruidh aige.

48 Is mise aran na beatha.

49 Dhʼith ur n-aithrichean manna san fhasach, agus fhuair iad bàs.

50 Se so an t-aran a tha tighinn a nuas bho neamh; los, ma dhʼitheas neach air bith dheth, nach fhaigh e bàs.

51 Is mise an t-aran beo, a thainig a nuas bho neamh.

52 Ma dhʼitheas neach air bith dhe ʼn aran so, bithidh e beo gu siorruidh; ʼs an t-aran a bheir mise seachad, se mʼ fheoil e air son beatha an t-saoghail.

53 Air son so bha na h-Iudhaich a consachadh ri cheile, a g-radh: Ciamar is urrainn do ʼn duine so fheoil a thoirt dhuinn gus a h-ithe?

54 An sin thuirt Iosa riu: Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: mur ith sibh feoil Mhic an duine, ʼs mur ol sibh fhuil, cha bhi bheatha agaibh unnaibh.

55 An neach a dhʼitheas mʼ fheoil, ʼsa dhʼolas mʼ fhuil, tha bheatha shiorruidh aige; us togaidh mi suas e air an latha dheireannach.

56 Oir is biadh firinneach mʼ fheoil; agus is deoch fhirinneach mʼ fhuil.

57 An neach a dhʼitheas mʼ fheoil, ʼsa dhʼolas mʼ fhuil, gabhaidh e comhnuidh unnamsa, agus mise annsan.

58 Mar a chuir an t-Athair beo mise, ʼsa tha mise beo tromh mʼ Athair: mar sin an neach a dhʼitheas mise, bithidh e beo tromham-sa.

59 Se so an t-aran a thainig a nuas bho neamh. Cha n-ann mar a dhʼith ur n-aithrichean manna, ʼsa fhuair iad bàs. An neach a dhʼitheas an t-aran so, bithidh e beo gu siorruidh.

60 Iad so labhair e, ʼs e teagasg anns an t-sinagog an Capharnaum.

61 Uime sin thuirt moran dhe dheisciopuil, ʼs iad a cluinntinn so: Is cruaidh am facal so, co is urrainn eisdeachd ris?

62 Ach Iosa a tuigsinn ann fhein, gun robh a dheisciopuil ri monmhur mu so, thuirt e riu: Am beil sibh a gabhail sgainneil á so?

63 Ciod ma ta ma chi sibh Mac an duine a dol suas far an robh e roimhe?

64 Se an Spiorad a tha beothachadh: cha n-eil buannachd sam bith san fheoil. Na briathran a labhair mi ribh, is spiorad agus beatha iad.

65 Ach tha cuid dhibh nach eil a creidsinn. Oir bha fios aig Iosa bho thoiseach co bʼ iad nach robh a creidsinn, agus co am fear a bhrathadh e.

66 Us thuirt e: ʼSann as leth sin a thuirt mi ribh nach urrainn do neach air bith tighinn h-ugamsa, mur toirear dha e le mʼ Athair.

67 An deigh so chaidh moran dhe dheisciopuil air an ais; ʼs cha dʼimich iad tuille comhla ris.

68 An sin thuirt Iosa ris na dhà-dhiag: An aill leibhse falbh cuideachd?

69 Agus fhreagair Simon Peadar e: A Thighearna, co dhʼionnsuidh an teid sinn? Tha briathran na beatha siorruidh agad.

70 Agus chreid sinne, agus ʼs aithne dhuinn gur tu Criosta Mac Dhe.

71 Fhreagair Iosa iad: Nach do thagh mise sibh a dhà-dhiag? agus tha h-aon agaibh ʼna dheomhan.

72 Ach labhair e mu Iudas Iscariot, mac Shimoin: oir bʼesan a bha gus a bhrath, ʼs gum bu h-aon de na dhà-dhiag e.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan