Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 21 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XXI. CAIB. Criosta ga fhiachuinn fhein dha dheisciopuil aig taobh na mara, ʼsa g-earbsa a chaorach ri Peadar.

1 An deigh so dhʼfhiach Iosa e fhein dha dheisciopuil aig muir Thiberiais. Agus ʼsann mar so dhʼ fhiach e e fhein:

2 Bha comhla ri cheile Simon Peadar agus Tomas, ris an abrar Didimus, agus Nathanael, a bha bho Chana Ghalile, us mic Shebede, agus dithis eile dhe dheisciopuil.

3 Thuirt Simon Peadar riu: Tha mi dol a dhʼiasgach. Ars iadsan ris: Tha sinn fhein dol comhla riut. Us dhʼ fhalbh iad a mach, ʼs chaidh iad air bord luing; ʼs cha do ghlac iad dad an oidhche sin.

4 Ach nuair thainig a mhaduinn, sheas Iosa air a chladach: ach cha bʼ aithne do na deisciopuil gum bʼ e Iosa a bhʼ ann.

5 Uime sin thuirt Iosa riu: A chlann, am beil biadh agaibh? Fhreagair iad e: Cha n-eil.

6 Thuirt e riu: Cuiribh an lion air taobh deas an t-saghaich; ʼs gheobh sibh. Chuir iad e ma ta; ʼsa nis cha bʼ urrainn daibh a tharruinn le lionmhorachd an éisg.

7 Uime sin thuirt an deisciopul bu toigh le Iosa ri Peadar: Se an Tighearna a thʼ ann. Nuair a chuala Simon Peadar gum bʼ e an Tighearna a bhʼann, chuir e uime eideadh (oir bha e ruisgte), us thilg e e fhein sa mhuir.

8 Ach thainig na deisciopuil eile anns an t-saghach (oir cha robh iad fada bho thir, ach mu chuairt do dhà chiad lamh-choille), a tarruinn leo an lin de dhʼiasg.

9 Cho luath ma ta ʼsa thainig iad air tir, chunnaic iad eileagan laiste, ʼs iasg orra, agus aran.

10 Thuirt Iosa riu: Thugaibh an so roinn de ʼn iasg a ghlac sibh an drasda.

11 Chaidh Simon Peadar suas, us tharruinn e gu tir an lion, lan de dhʼiasg mor, ciad gu leth agus tri. ʼS ged a bha iad cho lionor, cha do sthrac an lion.

12 Thuirt Iosa riu: Thigibh, us gabhaibh ur dinneir. ʼS cha robh a dhanadas aig a h-aon diu, a bhʼaig bord, fharraid dheth: Co thusa? oir dhʼ aithnich iad gur e an Tighearna a bhʼann.

13 Agus thainig Iosa, us ghlac e aran, ʼs thug e dhaibh, agus iasg air an doigh chiadna.

14 Bi so nis an treas uair a chunnacas Iosa le dheisciopuil, an deigh dha eirigh bho na mairbh.

15 Nuair ma ta a ghabh iad an dinneir, thuirt Iosa ri Simon Peadar: A Shimoin, mhic Eoin, am beil tuille gaoil agad orm na thʼ aca so? Thuirt e ris: Tha, a Thighearna, tha fhios agad gum beil gaol agam ort. Thuirt e ris: Beathaich mʼ uain.

16 Thuirt e ris a rithist: A Shimoin mhic Eoin, am beil gaol agad orm? Thuirt e ris: Tha, a Thighearna, tha fios agad gum beil gaol agam ort. Thuirt e ris: Beathaich mʼ uain.

17 Thuirt e ris an treas uair: A Shimoin mhic Eoin, am beil gaol agad ormsa? Bha Peadar duilich, a chionn gun tuirt e ris an treas uair: Am beil gaol agad orm? Us thuirt e ris: A Thighearna, is aithne dhut a h-uile ni: tha fios agad gum beil gaol agam ort. Thuirt e ris: Beathaich mo chaoraich.

18 Gu firinneach firinneach tha mi g-radh riut: nuair bha thu na bʼ oige, chrioslaich thu thu fhein, agus chaidh thu far am bʼ aill leat: ach nuair a dhʼfhasas tu sean, sìnidh tu mach do lamhan, us crioslaichidh fear eile thu, agus stiuiridh e thu far nach aill leat.

19 Us thuirt e so a ciallachadh an seorsa bàis leis an gloraicheadh e Dia. Agus an deigh so radh, thuirt e ris: Lean mise.

20 Chunnaic Peadar, ʼs e tionndadh, an deisciopul sin a bʼ ionmhuinn le Iosa gan leantuinn, esan a dhʼaom air ʼuchd aig an t-suipeir, ʼsa thuirt: A Thighearna, co e a bhrathas thu?

21 Uime sin nuair chunnaic Peadar esan, thuirt e ri Iosa: A Thighearna, ach ciod mu ʼn fhear so?

22 Thuirt Iosa ris: Ma ʼs aill leamsʼ e dhʼfhuireach gus an tig mi, ciod e sin dhutsa? Lean thusa mise.

23 Uime sin ruith an sgeul so mach am measg nam braithrean, nach fhaigheadh an deisciopul sin bàs. Ach cha tuirt Iosa ris: Cha n-fhaigh e bàs, ach: ma ʼs aill leam e dhʼfhuireach gus an tig mi, ciod e sin dhutsa?

24 Se so an deisciopul a tha toirt teisteanais air na nichean so, ʼsa sgriobh iad so; ʼs tha fios againn gum beil a theisteanas firinneach.

25 Ach tha ioma ni eile ann, a rinn Iosa; ʼs nam biodh gach aon dhiu sgriobhte, si mo bharail, nach bʼ urrainn do ʼn t-saoghal fhein na leabhraichean, a rachadh a sgriobhadh, a chumail.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan