Eòin 2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875II. CAIB. Criosta tionndadh uisge gu fion; ʼsa tilgeadh an luchd-reic us ceannach a mach as an teampull. 1 Agus air an treas latha bha bainis ann an Cana Ghalile; ʼs bha mathair Iosa an sin. 2 Agus fhuair Iosa fhein ʼsa dheisciopuil cuireadh thun na bainnse. 3 ʼS am fiona teireachduinn, thuirt mathair Iosa ris: Cha n-eil fion aca. 4 Us thuirt Iosa rithe: Ciod e sin domhsa us dutsa, a bhoirionnaich? cha n-eil mʼ uair-sa air tighinn fhathast. 5 Thuirt a mhathair ris an luchd-riarachaidh: Ni sam bith a their e ribh, dianaibh. 6 A nis bha sia poitean-uisge de chloich air an cur an sin a reir gnath glanaidh nan Iudhach, a chumadh a dhà no tri de thoimhsean gach aon. 7 Thuirt Iosa riu: Lionaibh na poitean le uisge. Agus lion iad suas gus am bial iad. 8 Agus thuirt Iosa riu: Tarruinnibh a nis, agus thugaibh e gu ard-riaghladair na cuilme. Agus thug iad e. 9 ʼS nuair a bhlais ard-riaghladair na cuilme an t-uisge a chaidh thionndadh gu fion, ʼs e gun fhios aige co as a bha e, ach bha fios aig an luchd-riarachaidh a tharruinn an t-uisge, ghairm an t-ard-riaghladair fear-na-bainnse, 10 Us thuirt e ris: Tha h-uile duine cur sios an toiseach fiona mhath; ʼs nuair a dhʼ olas daoine gu pailt, an sin fiona nas miosa: ach ghleidh thusa am fion math gu so. 11 Bʼ e so toiseach miarailtean Iosa ann an Cana Ghalile: us rinn e ghloir follaiseach, agus chreid a dheisciopuil ann. 12 An deigh so chaidh e sios do Chapharnaum, e fhein, ʼsa mhathair, ʼsa bhraithrean, agus a dheisciopuil; ʼs cha dʼfhan iad an sin moran laithean. 13 Agus bha càisg nan Iudhach aig laimh, ʼs chaidh Iosa suas gu Ierusalem; 14 Agus fhuair e san teampull luchd-reic dhamh us chaorach us chalaman, agus luchd-malairt airgid ʼnan suidhe. 15 ʼS nuair rinn e sgiursa de chuird chaola, dhʼfhuadaich e mach as an teampull iad uile, na caoraich mar-aon agus na daimh, agus thaom e sios airgiod an luchd-mhalairt agus leag e na buird. 16 Us thuirt e riusan a bha reic chalaman: Thugaibh iad sin á so, ʼs na dianaibh tigh mʼ Athar ʼna thigh marsantachd. 17 An sin chuimhnich a dheisciopuil gun robh e sgriobhte: Dhʼith eud do thighe suas mi. 18 Uime sin fhreagair na h-Iudhaich, us thuirt iad ris: Ciod an comharradh a dhʼ fhiachas tu dhuinn, a thaobh gu bheil thu dianamh nan nichean so? 19 Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Leagaibh an teampull so, agus togaidh mi suais e an tri latha. 20 An sin thuirt na h-Iudhaich: Dà-fhichead bliadhna ʼsa sia bhathas a togail an teampuill so, agus an cuir thusa suas e an tri latha? 21 Ach bha esan a labhairt mu theampull a chuirp. 22 Air an aobhar sin nuair dhʼeirich e bho na mairbh, chuimhnich a dheisciopuil gun tuirt e so, agus chreid iad an sgriobtur, agus am facal a thuirt Iosa. 23 A nis, nuair a bha e ann an Ierusalem aig a chàisg, air latha na feille, chreid moran ʼna ainm, ʼs iad a faicinn nam miarailtean a bha e dianamh. 24 Ach cha dʼ earb Iosa e fhein riu: a thaobh gum bʼ aithne dha daoine uile, 25 ʼSa thaobh nach robh feum aige gun tugadh neach air bith teisteanas air duine: oir bʼ aithne dha fhein ciod a bha anns an duine. |